"Bha mise fortanach. Bha ceà rdach anns a' bhaile anns an robh mi nuair a bha mi nam bhalach agus tha cuimhne glè, glè mhath agam air a bhith nam shuidhe a-staigh innte air being 's na sradagan a' dol.
Ach 's e an rud a thà inig a-steach orm, a' chuimhne bu mhotha, a thuilleadh air an iarann a bhith dearg man ìm air an innean 's na h-ùird a' gabhail dha, agus a' bhalg a' dol 's mar sin, 's an gual a bha cho neònach an uairsin, ach a bhith a' cur cruidh air bròg eich.

Nuair a dheidheadh tu mach chun an dorais, 's bha e a' tighinn a-mach leis a' chruidh theth, 's bha e a' togail cas an eich 's bha a' bhròg, bha e mar tha air a ghearradh gu cumadh, ach bha e a' steigeadh a' chruidh theth air a' bhròg.
'S bha fà ileadh an uairsin ag èirigh an-à rda agus bha sin gus an tigeadh cumadh air bròig an eich a bha faidhir, as an robh a' chruidh a' dol a' laighe. 'S an uairsin bha sin mar sin, 's bha e a' fuarachadh.
'S tarraigean annasach, cumadh eadar-dhealaichte nach robh air tarraig an à ite sam bith eile. 'S bha an tarraig a' dol tron a' bhròig 's a' tighinn a mach tro chliathaich na broig, 's bha e an uairsin ga gearradh, an uairsin a' ruspaigeadh sin.
Bha process timcheall air a sin, a dhuine, tha, a' fà ileadh 's a' faicinn 's a h-uile cà il. 'S a' rud a b' iongantaiche nach robh an t-each a' faireachdainn cà il."

Airson gual ceà rdaich a dhèanamh dh'fheumte an toiseach rud ris an canadh iad clais a' ghuail a chladhach. Bhathas an uairsin a' cur mòine innte, 's ga cur thuige, 's a' leigeil leatha gabhail airson greiseag.
An uairsin bhathas a' mùchadh an teine le sgrathan no le bùrn, agus nuair a dheidheadh sin às 's e gual ceà rdaich a chante ris na bh' air fhà gail ann an clais a' ghuail. Bha e mu leathach slighe eadar mòine is gual.
Bha sgil nan dotairean beaga uaireannan a' ruith ann an teaghlaichean a bha nan goibhnean. Bhiodh iad, mar eisimpleir, a' leigeil na fala chionns gu robh lannsaichean geura aca.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.