
Tha am facal nì, a' ciallachadh crodh, ri lorg ann an òrain leithid Òran Chaluim Sgà ire:
Gheibhear na facail air fad anns an leabhar Songs of Gaelic Scotland, deasaichte le Anne L Gillies, Birlinn 2005.
Chuala Fionnlagh MacLeòid an rann a leanas a tha ag innse dè na h-innsean a b'fheà rr airson crodh-bainne ann an Ùig agus Beà rnaraigh Leòdhais:
'S ann ann an Ùig a tha ±·Ã¬ Bharabhais, faisg air Scealascro, ged nach eil fhios an ann a' togail nan creach à Barabhas a bhite. Bha na h-Ùigich agus na Nisich a' dèanamh stair eadar an dà à ite.
Seo facal eile a chleachdte airson crodh.
Ach, mar a thuirt Fionnlagh, "Nuair a bha thu ag rà dh m'eudail ri do shòlas, 's beag a dh'fhios a bha aice gur ann ga samhlachadh ris a' bhò air a' stiall a bha thu!" Chante feudail an cuid a dh'à iteachan.

Chante gu robh cuid a chrodh na bu deònaich air leagail a' bhainne na bha feadhainn eile. Bha iad sin na b'fhasa am bleoghainn. Bha cuimhne aig Fionnlagh air a bhith a' toirt feamainn dhan chrodh air an à irigh, feuch a leagadh iad am bainne na bu luaithe.
B' e seo a chante ri crodh nach fhuilingeadh daoine faisg orra ach na daoine a bhiodh timcheall orra an còmhnaidh. Nan rachadh coigreach faisg air bò-bhuailte, thigeadh stùirc oirre, le ceann a' dol sìos gu aon ghualainn. Mur a biodh i ceangailte, chuireadh i na h-adhaircean anns a' choigreach.
Bha beathach mart a' cunntadh uibhir do theaghlach 's gu robhas gan altramas. Bhite cuideachd a' cur chnapan air bà rr nan adhaircean gus nach biodh iad a' milleadh a chèile.
Bha seo airson crodh a' bhaile a chumail a-mach às an talamh-à itich nuair a bha am bà rr a' fà s. Bhiodh cuideigin ris a' chuairteachadh, a' cuairteachadh a' bhaile, agus sin an duine as a' bhaile a bha air a phà igheadh airson an crodh gu lèir a chumail air taobh a-muigh crìochan a' bhaile gus nach fhaigheadh iad chun a' choirce agus am bà rr eile.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.