Tobar is Fuaran – a bheil iad eadar-dhealaichte? Sin an deasbad a tha aig Iain MacIlleathain, Flòraidh NicIlleathain agus Fionnlagh MacLeòid.
Iain: 'S e ceist a chaidh a chuir orm, tha, nam biodh tu a' dol a thoirt a-steach bùrn no uisge, cà ite an deigheadh tu? Cà ite an deigheadh tu fhèin, a Fhlòraidh?
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Well, rachainn-sa, dhòmhsa, 's ann dhan tobar a thiginn, ach tha fhios agam gur e facal eile a chleachdas feadhainn de dhaoine eile airson sin.
Iain: Bheil thu a' dèanamh eadar-dhealachadh no dealachadh sam bith eadar an dà rud?
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Well, tha. Tobar agus fuaran. Tobar dhòmhsa, rachadh tu ann dìreach a dh'iarraidh 's dòcha peile no cuinneag uisge. Nam biodh tu a' dol a dh'fhaighinn uisge à fuaran, 's e dìreach 's dòcha cupa beag, agus 's e uisge a bhiodh a' ruith 's dòcha tro abhainn a bhiodh ann dhomh, no 's dòcha uisge a bhiodh a' tighinn a-nuas tro chreagan. Sin dhòmhsa co-dhiù.
Iain: Seadh. Fhionnlaigh, a bheil thu ag aontachadh ri siud?
Fionnlagh: Well, 's ann dhan t-srùb a dheidhinn s'.
Iain: Seadh. Well, siuthad, lean ort.
Fionnlagh: Agus, ach tha mi mothachail gu bheil à iteachean eadar-dhealaichte a' dèanamh dealachaidhean eadar tobar agus fuaran, gu bheil uaireannan ann an corra à ite, daoine ag rà dh tobar far a bheil uisge a-staigh, gun ghluasad, mar a bha thu ag rà dh, eil fhios agad, agus an tobar air a togail an-à rda. Agus fuaran, gur ann a' tighinn a-mach à pìob glè thric, rud air am biodh srùb againne. Uaireannan eile, tha e an aghaidh a' ghearra.
Iain: Tha, well, tha sin annasach. Bhon dhòmhsa, tha mi ag aontachadh, an-drà sta dhomhsa, tobar, 's e à ite dhan deidheadh tu le cuinneag no le peile agus i air a clachaireachd an-à rda 's air a dèanamh ceart.
Ach dhòmhsa gheibhinn fuaran faisg air, 's e sùil uisge a bhiodh ann, a bhiodh ag èirigh an-à rda gu math tric bho chreig, eil fhios agad, mar a tha thusa ag rà dh.
Agus mar a tha am facal ag rà dh, bhiodh an t-uisge a bhiodh ann am fuaran as a' chumantas gu math fuar.
Fionnlagh: 'S am biodh pìob oirre mar bu tric?
Iain: Cha bhiodh.
Fionnlagh: Fiù an uair sin ged a bhiodh lèig-chruthaich ann?
Iain: Cha bhiodh. Dìreach, dhòmhsa fuaran, rud a chitheadh tu a-muigh air a' mhòintich, no fiù chitheadh tu iad uaireannan ann am bòrd loch, as a' ghainmhich, dìreach a' sùghadh an-à rda, tighinn, tha, gu uachdar, agus uisge air leth glan ann.
Ach bha aon duine a' cantainn rium, ged a bha an t-uisge a bha sin gu math, math glan, 's gu math fuar 's cà ilear a dhol ga òl, nan cuireadh tu ann am botal e, 's a thoirt dhachaigh, nach robh e leth cho seasmhach ris a' bhùrn a bhiodh ann an tobar, agus gum biodh e buailteach a bhith a' dol flodach agus a' fà s, na h-uibhir a dh' fhà ileadh a' tighinn dheth.
Nise, chan eil cà il a chinnt agam air a' sin.
Fionnlagh: 'S chan e bùrn iarainn a tha thu a' bruidhinn air idir, bhon bha fà ileadh bhon a' bhùrn iarainn?
Iain: Och, well bha, ach dh'aithnicheadh tu am bùrn iarainn.
Fionnlagh: Dh'aithnicheadh. Bha an tobar dearg.
Iain: Bha. Chitheadh tu sin. Tha, O bha tòrr rudan co-cheangailte ri na tobraichean. Fiù tha cuimhne agam, 's e là d bùrn a chanadh tu, eil fhios agad, nuair a bha thu a' falbh leis an dà pheile 's a' tighinn leis an dà pheile dhachaigh.
Ach aon rud tha fios agam a bh' ann an cuid a sgìrean, agus chan eil cuimhne agamsa air idir, agus 's e sin an cearcall, an cearcall fiodha.
Fionnlagh: Bha. Well, bha an dà sheòrsa ann. Bha fear ceithir cheà rnach ann.
Iain: Seadh.
Fionnlagh: Ach a' fear a bh' ann na bu trà ithe, 's e fear cruinn le stiallan an taigh-thà bhaidh air a dhèanamh glè thric.
Ach às dèidh sin, chan eil fhios an e gu robh stiallan mar sin na bu dorra am faighinn, bhathas a' dèanamh fear le mìrean fiodha, le bioranan, ceithir-cheà rnach, 's uaireannan chitheadh tu na dhà a' dol aig an aon à m.
Iain: Bha. Ged a thuirt mise cearcall, 's dòcha gur e an dealbh a bh' agam nam inntinn fear le na ceithir taobhan air.
Fionnlagh: Well, lean an t-ainm cearcall.
Iain: Lean.
Fionnlagh: 'S e, sin agad e.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Ach chan e a h-uile duine a gheibheadh dhan tobar. Chan iarradh iad air a h-uile duine a dhol dhan tobar a chionns bha sibh a' bruidhinn ann a' shiud gum biodh feadhainn aca air an clachaireachd, fhios agad, a-muigh.
Well, gu follaiseach bhiodh sin gu math nas sà bhailte na 's dòcha tobar a bha caran fodha as an talamh, tobar nach robh furasta fhaicinn cà ite robh e.
'S mar sin, cha chuireadh iad clann òg uair sam bith, no 's dòcha cuideigin a bha rudeigin leiristeach dhan tobar, ach cuideigin a bha gu math dìreach, comasach air fios a bhith aca cà ite robh e, 's thigeadh iad ann, gheibheadh iad e, 's thilleadh iad air ais.
Fionnlagh: Well, bha sinne, nuair a bha sinn òg, seachd sgìth a' dol innte, bhon... ag èigheach riut a dhol a dh'fhaighinn là d bùrn 's mar sin, bhon bha am bùrn, bhon cha robh bùrn a-staigh am broinn an taighe ach am bùrn a thigeadh as an tobar.
'S bha daoine a' tarraing bhùrn as t-samhradh, gun fhiaradh gun innealadh. Bha.
Iain: Bha. Tha cuimhne agamsa, 's dòcha gur e gu robh na samhraidhean na bu teotha. Well, tha mi a' creids' gu robh iad na bu teotha na bha am fear-sa co-dhiù, ach tha, an tobar faisg air a bhith a' dol tioram agus ag èirigh trà th as a' mhadainn airson gum biodh tu aig an tobar ro dhaoine eile.
Fionnlagh: O, cha robh sin againne idir.
Iain: O well, tha là n chuimhne agamsa air a' sin.
Fionnlagh: Ach bha tè dhe na tobraichean againne, Tobar Alasdair Buachaill, agus bha sibh pèin a' bruidhinn air bho chionn bliadhna no dhà , le cà raidean, gu robh cà raidean, tòrr charaidean ri linn a' bhùrn, eil cuimhne agad?
Iain: Tha, tha, tha. Tha mi a' tighinn thuige.
Fionnlagh: Well, tha grunn chà raidean timcheall air a' chatchment area a bh' aig Tobar Alasdair Buachaille, às bith a bheil ceangal aige sin ris, no nach eil.
Ach luthaiginn, mus fà g sinn na tobraichean, a rà dh eil fhios agad, tha tobraichean tro na h-Eileanan air fad gum biodh daoine a' dol, 's a bha daoine a' creids' annta gu robh am bùrn èifeachdach airson leigheas.
Bha feadhainn sìos tro an h-eileanan air fad; Tobar Chaluim Chille am Barraigh, Tobar Chuidhearaidh an Uibhist a Tuath, An Gamhnach am Beinn na Fadhla, suas tro an h-eileanan, 's sìos, 's bhiodh e uabhasach math cluinntinn feadhainn eile 's dòcha a th' aig daoine 's tha fios aca.
Bhiodh dotair ag iarraidh air daoine botail dhan a' bhùirn a thoirt gu daoine a bha san ospadal 's rudan mar sin.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.