Sgeulachd mu chonstabal a bh' ann an sgìre Nis, Leòdhas, agus mar nach robh obair na mònach a' còrdadh ris a h-uile duine.
Fionnlagh: Ach 's e cho mòr 's a bha na cruachan, eil fhios agad, as an à ite. As na h-amhrain, 's a' suirghe ris a' chruaich, far a bheil an t-amhran ag rà dh:
"Cha robh còmhradh aig an fhà d, 's bha sin fà bharach dhuinne."
Agus amhran Shiaboist, eil fhios agad, "far bheil na cruachan mònach, 's na beanntan mòr mun cuairt"
'S e na cruachan a th' air an ainmeachadh ro na beanntan!
Iain: 'S e. Bha mi dìreach a' smaoineachadh mas tà inig tu chun a' sin, eil fhios agad, gur e a' chuimhne a bh' agam fhìn, nuair a bhite a' toirt dhachaigh na mònach.
Agus nuair a dh'fhalbhadh a' là raidh dhachaigh, agus nar suidhe air cùl an tiùrr no a' chruach a bha air a' mhòintich, 's a' foghlam a bha duine a' faighinn ann a' shin.
Fionnlagh: Bha.
Iain: 'S na sgeulachdan, 's a h-uile cà il a bh' ann.
Fionnlagh: Ach chan urrainn dhomh, nuair a bhios sinn a' bruidhinn air mòine, gun tilleadh gu bhith a' togail mhònach air, tha, samhradh fliuch 's tu ann am broinn fhliuch a' feuchainn ri rùdhan a dhèanamh, a' cur aon fà d ri cliathaich do chois 's a' feuchainn ri togail an dòlais rud suas gu brugan.
'S an uair sin, agus e a' fàs rudeigin, fras a' tighinn 's a' mheanbh-chuileag. 'S chan eil e bòidheach. Chan e cur seachad à ghmhor a bh' ann idir!
Iain: Well, an dùil nach eil e faisg air man a h-uile cà il eile dha sheòrsa. Nuair a sheallas tu air ais air rudan, chan eil thu a' faicinn, mar is trice, ach na rudan as tarraingiche ann, agus nuair a sheallas tu beagan nan mionaidiche bha taobhan air nach robh buileach cho cà ilear ri sin.
Fionnlagh: O bha, agus a' fad a bh' as na puill! Nuair a shealladh tu suas, uireas a bh' air do chùlaibh, 's na bha romhad!
Bha fear as a' bhaile againn fhìn aig à m buain na mònach ag rà dh, "Dè a' chabhaig a th' oirbh a-mach às a' pholl? Cha bhi sibh ach a' dol a-steach a dh'fhear eile co-dhiù!"
Iain: Well, sin e.
Fionnlagh: 'S e.
Iain: Fhionnlaigh, tha, seach gu bheil thu a' bruidhinn air a' sgìre agaibh pèin...
Fionnlagh: Daonnan!
Iain: Tha. Well, fhuair mise litir bho Dòmhnall Moireasdan às an Òban air a bheil thu fhèin glè eòlach.
Fionnlagh: Dan, an e?
Iain: Dan. Agus tha mi dìreach a' dol ga leughadh mar a tha i, agus cuiridh mi a' rud a th' as a' litir riut fhèin. Tha e a' cantainn:
"Iain, a charaid,
Chuir an còmhradh a bh' agaibh mu chonstabail na mo chuimhne litir a nochd as an t-seann Ghà idheal bho chionn leth-cheud bliadhna, far a' robh Seonaidh Mhurchaidh Chaluim à Tà bost, Nis, ag innse mu rud a thuirt fear eirmseach as a' bhaile mu bhuraidh de chonstabail a bh' aca. Agus seo a' rud a thuirt e.
"Chuir a' mòthar a leig a' fear mòr ann a' Lunnainn Iain Ruadh a' Gheà rraidh air a thòin ann an Tà bost!"
Tha e an uair sin ag rà dh:
B' e a' fear mòr Gladstone, ach chan eil cuimhne agam ceart dè an t-ainm a bha air a' chonstabal. 'S dòcha gum bi fios aig Fionnlagh.
Leis gach deagh dhùrachd,
Dòmhnall Moireasdan."
Fionnlagh: O well, tha sin math. Tha sin math. Cha mhòr nach ann mar sin a chuala mise mi-fhìn e, ach rud beag eadar-dhealaichte. Bhithinn a' cluinntinn, tha, agus a' fear a dh'ainmich e, 's e cousin dhomh fhìn a bh' ann, à Tà bost.
Ach 's e bhithinn-sa a' cluinntinn ach, "A' ghaoth a dh'fhalbh bho gà irdean Gladstone nuair a shoighnig e Achd na Croitearachd gun thilg e Iain Bà n a' Ghà rraidh bho na cathrach."
Faisg air an aon rud. Iain Bà n a' Ghà rraidh, 's e an constabal a bha shuas eadar Tà bost is Suaineabost, far a bheil manse na Seceders an-diugh. Agus bha e a' riaghladh leis an dealbh a bh' agamsa air constabal.
Iain: Bha, 's an dealbh gu follaiseach a th' aig Dan cuideachd. Buraidh, agus sinn a' tighinn air ais a-rithist ag aontachadh, no gun a bhith ag aontachadh.
Fionnlagh: 'S e, Seonaidh Mhurchaidh Chaluim a' dèanamh an dealbh sin.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.