
Bhite tric ag rà dh gun aithnicheadh tu dè seòrsa duine a bh' agad le bhith a' coimhead ciamar a bha e a' dèanamh rudan timcheall na croit agus bha sin gu h-à raidh fìor mu dheidhinn na cruaich mhònaich.
Ma bha i air a deagh dhèanamh, le loinn oirre, an doras aice rèidh 's i air a fosgladh gu dòigheil, dh'fhaodadh tu a bhith cinnteach gur e duine cùiseil, grinn a bha agad.
Bhiodh cruachan eile mar gun cuireadh muir air thìr iad, agus dh'aithnicheadh tu gur e sin an seòrsa inntinn a bh' aig na daoine leis an robh iad.
Bha seanfhacal ann a bha ag rà dh gun aithnicheadh tu an deagh bhean taighe air doras na cruaiche mònach.
Bha cuid a dhaoine fiù 's a' ruidealadh nan caoranan beaga mu dheireadh airson an culm a thoirt à s.
Thà inig fios bho Eva NicDhòmhnaill, Paibil Iarach, Leòdhas ag rà dh gur e cuilean na cruaich a bha aca air cruach bheag a dhèante leis a' bheagan mòine nach do ghabh a' chruach. Chante isean na cruaich ris an à iteachean eile.
Bha Fionnlagh MacLeòid a' cuimhneachadh gur e fìor fhà illigeadh a bh' ann isean no cuilean na cruaich a bhith agad, a' ciallachadh nach do leugh an duine a bha a' dèanamh na cruaich dè na bh' aige de mhòine, agus dè mheud a dh'fheumadh a' chruach a bhith air dhòigh 's nach biodh fiù fà d a bharrachd ann.

Bha Iain ag innse mu fhear a bhiodh ri cìobaireachd 's a' dèanamh tòrr air mòintich.
Bha e ag rà dh gum biodh na bodaich a' toirt comhairle orra, can ma bha iad a-muigh air là teth, fallasach, 's iad sgìth, gur e a' chiad rud a bu chòir dhaibh dèanamh mus òladh iad deoch fhuar idir, dà tholl a dhèanamh as a' riasg agus an là mhan a chuir sìos annta gu caol an dùirn agus an cumail an sin gus an dèanadh iad beagan de dh'fhuarachadh.
Nam biodh am bùrn ann an allt no loch air leth fuar, bhathas a' moladh dhaibh an là mhan a chuir dhan a' bhùirn gu caol an dùirn gu fairicheadh iad na b' fhionnar.
Bha athair Fhionnlaigh bliadhnachan ann an Canada agus, uair sam bith a bhiodh e teth, 's e a' chiad rud a dhèanadh e bùrn fuar a chuir air caol a ghà irdeanan, agus, bho thà inig tapaichean, chuireadh e caol a ghà irdeanan fon tap. Bha e a' cumail a-mach gur e sin a' rud bu luaithe a chuireadh fuachd tro chorp.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.