
Bha bà ta a bha air sheòl à Lochlainn a' dol gu Steòrnabhagh agus rinn i long-bhriseadh ann a' Stafainn far an robh stà ball eich shìos faisg air a' chladach. Agus seachdainean ron a' sin, thòisich an t-each a' diùltadh a-muigh no a-mach a dhol dhan stà ball. Thà inig mu dheireadh aig dithis a thoirt gu stà ball no bà thaich eile as an nà bachd.
Nuair a chaidh am bà ta air na creagan chaidh ceathrar às a' rathad, agus 's ann dhan stà ball dhan nach deigheadh an t-each a chaidh na cuirp a thoirt.
Timcheall air deich là às dèidh an tìodhlacadh, thug an nà baidh man à irigh dè a-nis mu feuchainn an deigheadh an t-each air ais dhan stà ball. Chaidh, gun dragh sam bith.
Bho Lachaidh MacIllÌosa, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach, mu rud a thachair bho chionn còrr air ceud bliadhna air ais agus bha fhios aige cò na daoine a bh' ann.

Duine a chitheadh manadh, bhiodh e uaireannan a' cur a là mh timcheall ort, a chas air muin do chois-sa, agus bha sin mar gum biodh a' fuadach a' mhanaidh.
Na faiceadh duine manadh, bha e a' faighinn a' Bhìobaill agus a' ruith a mheur gu cabhagach air duilleagan a' Bhìobaill. Chante "a' cur gaoth a' Bhìobaill air t'aghaidh" ris a seo agus bha e a' fuadach agus a' toirt faochadh.
Bha Eva NicDhòmhnaill, Paibil Iarach, Leòdhas, ag innse gun cuala i fhèin Am Bigearam nuair a bha i òg. Bha i as a' leabaidh aig an à m, ann an taigh a bha air a lìnigeadh air fad le fiodh. Bha e coltach ri diog gleoc.
'S ann daonnan nuair a rachadh daoine dhan leabaidh a chluinnte e, nuair a bha an taigh sà mhach. Bha Bigearam Bà is ann agus bha Bigearam Bainnse ann, ach b' e Bigearam Bà is a chuala Eva.
'S e rud beag a tha seo a tha an crochadh an cùl do ghoile, a tha gad chuideachadh a' slugadh do bhiadh. Bha cuimhne aig Mgr Calum MacIllFhialain à Èirisgeigh a mhà thair a' cur spà in sìos cùl amhaich agus a' togail na cìoch-shlugain.
Ma dh'fhosglas tu do bheul, 's tu air beulaibh sgà than, chì thu pìos beag mar craiceann an crochadh an cùl do bheòil, agus sin e.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.