Bhiodh an tobar a' dol cho ìseal nam biodh tiormachd mhòr ann as t-samhradh, ach bhiodh na fuarain là n fad an t-siubhail. Cha bhiodh iad a' tiormachadh idir.

Dh'fheumte an tobar a dhìon bho bheathaichean chionns gu robh iad buailteach a bhith a' dol ann. Bhiodh iad a' togail an-à rd na tobrach le leacan agus talamh, agus bhiodh iad a' cur mar gum biodh uachdar fiodh oirre agus bha sin ga cumail tèarainte bho bheathaichean, ach cuideachd a' dìon choigrich nach biodh eòlach as an à ite bho dhol innte.
Bha tobraichean pailt ach bha fuarain doirbh an lorg an Griomasaigh, agus 's ann tric gun fhios a thigeadh tu tarsainn air fear. Bhiodh an t-uisge a' tighinn bhon ghrunnd agus bha e cho geal agus cho fuar cuideachd.
Bho Sheonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath
Dh'fheumte a bhith a' glanadh nan tobraichean bhon stuth uaine a bha seo uair no dhà a h-uile samhradh.
Seo an gille a bhiodh a' falbh nam bailtean leis an à igeach, dìreach mar a bha gille uair a' falbh le tarbh.

Bha na daoine a bha ag obair le eich ag obair bho mhoch gu dubh, a' tòiseachadh 's dòcha aig còig uairean sa mhadainn. Bhiodh biadh aca eadar sia is seachd, agus an uair sin biadh eile aig meadhan-là . Bhiodh iad an-còmhnaidh ag rà dh gu robh uair a thìde aig an each, abair bith dè bha an duine a bha a' pà igheadh ag iarraidh.
Dh'obraicheadh iad an uair sin fad an fheasgair, cha mhòr gu fà sadh e dorcha.
Bha Facal nan Each mar password leis an aithnicheadh buill na buidhne cà ch a chèile. Bha an fheadhainn a bha as a' bhuidheann a' cumail a-mach gu robh iad tòrr na b'fhiosraich, 's tòrr na bu chomasaich, air eich a là imhseachadh 's obair fhaighinn asta na bha daoine eile.
Ach bha cuid nach robh as a' bhuidheann a' cumail a-mach nach robh cà il sònraichte mun deidhinn idir, agus gu faigheadh duine a bha math dhan an each, agus eòlach air is tuigseach mu dheidhinn, obair a cheart cho math à s.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.