Facal nan Each: mar a fhuaireadh an naidheachd bho Dhòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach, an t-Òban.
Dòmhnall Eà irdsidh: O mar, mar a chuala mise e co-dhiù, mar a thuirt ar caraid às na Hearadh, bha mi a' cur mo là n-aonta ris, a bhith a' bruidhinn socair, coibhneil ri eich no beathach sam bith. Facal socair a bha e ag rà dh ris an each. Cha d'thuirt e guth mu dè am facal a bh' ann. Saoil an e Facal nan Each mar a chuala mis' e, an e a bh' aige, saoil an e?
Iain: Well, chan eil cà il a dh'fhios agam, ach nach innis sibhse dhomh dìreach mar a bha e agaibh pèin.
Dòmhnall Eà irdsidh: Well, mar a chuala mis' e, 's ann nuair a bha mi a' cìobaireachd as an dùthaich seo a-bhos, sìos deas air an Òban. Bha fear ann a' shineach, 's ann à Siorrachd Lannraig a bha e, fear Jock Ramsay.
Bha e a' strapadh choineanach sa gheamhradh, 's bhiodh e ri rùsgaidhean is rudan. 'S dòcha gu robh e ag obair le eich an toiseach a là . Ach bha esan a' cumail a-mach gu robh Facal nan Each aige, 's gun deidheadh aige air a thoirt seachad.
'S e Facal nan Each facal dìomhair a bh' aca fhèin. Chan fhaodadh fhaighinn ach treabhaiche, cairtear no gille-à igich, ach thà inig e mu dheireadh gu faodadh cìobair fhaighinn bhon a bha e ag obair le cù, 's a' bruidhinn ri beathach.
Iain: Tha mi a' tuigs'.
Dòmhnall Eà irdsidh: Agus a' facal a bha seo, bha iad ga thoirt seachad, 's bha dòigh aca air breith air là imh air a chèile. Agus bha, mar a chanas sinn sa Bheurla, ritual ann.
Mas faigheadh tu am facal 's an greim a bha seo, bha agad ri dhol tron a' ritual, mar a chanadh iad a' Siorrachd Obar Dheathain, no 's dòcha tìr-mòr uileag "going through the calf house door."
Iain: Seadh.
Dòmhnall Eà irdsidh: Agus 's e "the horseman's grip and word" a bh' ac' air an fhacal.
Iain: Seadh. 'S e, 's e sin dìreach gum beireadh iad air là imh air a chèile ann an dòigh shònraichte 's gu robh facal aca dìreach a bha dìomhair dhaibh pèin.
Dòmhnall Eà irdsidh: Agus a' ritual a bha seo, 's ann an uaigneas na h-oidhche a bha e ri tachairt, mu aon uair deug no meadhan-oidhche, 's dòcha ann a' stà ball dorcha no ann an crò nan laogh, mar tha e ag rà dh "the calf house door."
Chan fhaodadh solas de sheòrsa sam bith a bhith ann. Chan fhaodadh fiù solas gealaich a bhith ann. 'S e oidhche gun ghealaich a dh'fheumadh a bhith ann.
Agus duine sam bith a bha airson a dhol a-staigh, dhol tron a' ritual a bha seo, bha sin air a chuir air dòigh ron à m, deagh ghreis tha mi a' smaoineachadh.
Dh'fheumadh tu coinneal a thoirt leat, agus lof no breacag no dhà arain, botal uisge-bheatha agus an cuid a dh'à iteachan botal bainne, abair bith dè a bha a' tachairt aig a' ritual leis a' stuth a bha seo. Sin mar a dh'innis e dhòmhsa. Cha tug e dhomh a' facal idir, ma bha e aige.
Iain: Seadh. Cha deach sibh pèin troimhe a-rèisd?
Dòmhnall Eà irdsidh: O cha deach. Dh'fheòraich mi mu dheidhinn, 's bhiodh iad ag innse tòrr dhut mu dè bha dol a thachairt dhut. Bha' d mar gum biodh iad a' cur an eagail ort, agus bha duine eile ag innse dhomh gu robh iad airson a dhèanamh a-mach le bhith ag innse dhut 's a' cur an eagail ort, a robh thu cinnteach gu robh thu deònach a dhol troimhe. Agus rud eile, an e gealtaire a bh' annad.
Iain: 'S e. Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gu robh am buidheann a bha seo, na cairtearan 's na treabhaichean 's mar sin air adhart, gu robh à ite sònraichte agus inbhe shònraichte aca, nach robh?
Dòmhnall Eà irdsidh: O bha. O bha. Agus cha d' thuirt Jock Ramsay a bha seo mun Fhacal, 's thug e dhomh faclan. Cha do chleith e orm an dòigh sam bith iad, 's cha do dh'iarr e orm an cleith air duine eile, "Horse and man, both in one."
Iain: Seadh. Seadh.
Dòmhnall Eà irdsidh: Ach cha deach mise na bu dà ine na sin!
Iain: Seadh. Seadh. Seadh. Well, bha, tha mi a' smaoineachadh gu robh rudan dhen t-seòrsa sin ann ach, tha, an dùil a robh sin a' toirt comasan sònraichte dhan an duine ann a là imhseachadh an eich?
Dòmhnall Eà irdsidh: Well, thuig mise gu robh e a' ciallachadh sin. Agus mar a tha duine aig a bheil Facal nan Each 's rud mar sin, ma bha e a' coimhead airson obair, ma bha fear eile aig tuathanach an à ite 's fhios aige gu robh e ann, gun dèanadh e na b' urrainn dha airson a chuideachadh. Tha mi a' smaoineachadh gu robh sin ann cuideachd.
Iain: Ach chan fhaigheadh a h-uile duine, a h-uile duine a bhiodh ag iarraidh, a-steach dhan a' bhuidheann a bha sin?
Dòmhnall Eà irdsidh: O chan fhaigheadh. Chan fhaigheadh. Dh'fheumadh tu a bhith nad threabhaiche, cairtear no gill'-à igich, no cìobair mu dheireadh.
Iain: Dh'fheumadh.
Dòmhnall Eà irdsidh: Agus bha rud eile, tha mise a' smaoineachadh gu robh gnothaich aige ri Facal nan Each, chunnaic mi cairtearan 's feadhainn ga dhèanamh, a' bualadh coilear an eich dhà no trì thursan ris a' fhrasaich mus cuireadh iad air e.
Ach bha mi a' bruidhinn ri caraid dhomh ann an Obar Dheathain, tha e a' fuireach an Ceann Phà draig a-nis, bha e fhèin aig tuathanaich. Agus bha e a rà dh, "O' s dòcha gu bheil," ach bha mise mi-fhèin a' dèanamh sin, 's chan eil Facal nan Each idir agam.
Iain: Seadh.
Dòmhnall Eà irdsidh: An t-adhbhar airson a dhèanamh, nuair a tha an coilear crochte fad na h-oidhche, tha e dualtach a bhith a' sìneadh 's a' fà s, a' fàs aimhleathan.
'S nuair a tha thu a' bualadh a' bhonn aige ris a' fhrasaich, tha fà inne a' choileir a' leum a-mach às a' mheadhan 's ga dhèanamh nas fharsaing.
Iain: Tha mi a' tuigs'.
Dòmhnall Eà irdsidh: 'S tha e nas fhasa a chuir seachad air sùilean 's air cluasan an eich.
Iain: Ach bha uidheam aca airson a bhiodh iad a' cur mu bhus a' bheathaich, nach biodh?
Dòmhnall Eà irdsidh: O bha, bha. Beathach a bhiodh doirbh a chruidheadh na rud mar sin.
Iain: Seadh?
Dòmhnall Eà irdsidh: 'S e twister a chanadh iad ris an Uibhist. 'S e twitch cha chreid mi a chanas iad ris air tìr-mòr. 'S ann air sliop à rd an eich a bha thu a' cur sin. Bìdeag de ròpa, dul air, 's bha thu a' cur maide troimhe 's ga thoinneamh 's ga thoinneamh dìreach gu robh an t-sliop aige dìreach ag at, gum biodh a shùilean cha mhòr a' tionndadh na cheann leis a' chrà dh 's a' toirt a mhothachadh bhuaidhe.
Iain: Seadh. Agus bha lĂ mh-an-uachdair an uair sin aig duine?
Dòmhnall Eà irdsidh: Bha. Bha là mh-an-uachdair agad air an uair sin.
Iain: Bha.
Dòmhnall Eà irdsidh: Sin na chuala mise a bhith a' dèanamh orra de dhroch ghiollachd co-dhiù.
Agus rud eile a chuala mi, m' athair 's na bodaich a bha a' bruidhinn air, agus 's ann a' dol air ais gu Facal nan Each a tha mi an-drà sta, nuair a bha iad a' togail Sgoil Cheann a' Bhà igh, an sgoil dhan deach mi-fhìn, 's e bùth is post-office a th' ann a-nis.
Bha' d a' togail an à ite a bha seo, bha clachairean ann às an à ite agus bha clachairean far tìr-mòr ann. 'S bha muinntir an à ite a' tarraing cloiche is obraichean, is bha fear Tòmas Muillear, Thomas Miller a bha seo, à Ceann a' Bhà igh.
Bha each is cairt aige ged nach robh croit idir aige. 'S bhiodh e a' dèanamh obair le each, 's bha e a' tarraing clach no rudeigin a' là seo agus thuirt fear de na clachairean Gallda a bha seo, "Dè mu dheidhinn beagan spòrs fhaighinn air Tòmas?"
"Dè spòrs?" thuirt cuideigin.
Rinn e fead bheag tro fhiaclan. Stad an t-each aig Tòmas, 's cha tigeadh e às a' siud, abair bith dè a dhèanadh e ris.
Thuirt cuideigin an uair sin, "Och leig às Tòmas bochd, ma tha an cothrom sin agad."
Rinn e fead eile, 's dh'fhalbh each Thòmais 's dh'obraich e an còrr dhen là mar nach biodh dad air tachairt.
Well, cha b' e treabhaiche a bha sin ach clachair agus rud eile a thuirt e, "Là a dh'fhà gas mise Uibhist, ma thogras mi-fhìn, bheir mi air a h-uile boireannach 's air a h-uile mart a th' as an eilean, gu lean iad a Loch na Madadh mi!"
Âé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.