
Ma bha thu a' sùileachadh rud, 's dòcha gur e rud a bha sin a bha thu a' faicinn le do shùil agus tu ga mhiannachadh. Mar eisimpleir, 's dòcha gu faiceadh tu cuideigin le ad bhrèagha oirre agus chanadh tu riut fhèin "B'fheà rr leam gu robh tè dhiubh siud agam." Bha thu a' sùileachadh na h-aid.
Ach can nam biodh cuideigin ann aig an robh, mar eisimpleir, iomaire bhuntà ta, 's gun canadh tu riut fhèin, "Tha fhios aig an duine ud nach eil buntà ta agamsa." Ann an dòigh, bha thu a' dùileachadh gun toireadh e buntà ta dhut.
Bho Cheit Anna NicIllFhialain, Taigh a' Ghearraidh, Uibhist a Tuath
An dèidh bruidhinn ri grunn dhaoine mun eadar-dhealachadh eadar a' sùileachadh agus a' dùileachadh, seo an co-dhùnadh aig Iain.
Ma bha thu a' sùileachadh rud, as a' chumantas, 's e rud a chitheadh tu a bh' ann agus bhiodh là mh agad fhèin ann a thoirt gu buil.
Ach ma bha thu a' dùileachadh rud, 's dòcha gur e rud a bha thu a' faicinn nad inntinn a-mhà in a bhiodh ann, agus bhiodh a thoirt gu buil an crochadh air iomadach rud air nach b' urrainn dhutsa buaidh a thoirt. Bha e a-mach às do là mhan.
Bhathas a' creidsinn gur e droch rud a bh' ann am miann. Ma bha thu a' miannachadh rud bhathas a' creidsinn gum biodh buaidh agad air. Bha e mar gum biodh tu a' cur do shùil ann.
Ma mhiannaich thu beathach no rudeigin a bha aig do nà baidh, gun do chuir thu do shùil ann, 's gun tòisicheadh am beathach sin tric gu leòr an uair sin a' fàs bochd, bhiodh iad airson faighinn a-mach cò a mhiannaich am beathach.
Tha ceangal aig an fhacal dualtach ris an fhacal dual, agus tha iomadh dual ann an gnè a h-uile duine. Tha sin a' dol gu dualchas, a' ciallachadh gum biodh e na do ghnè a' leithid seo a rud a dhèanamh.

Ach ma tha thu buailteach rud a dhèanamh, tha rudan eile ann, a thuilleadh air do ghnè fhèin, a tha a' toirt ort rud sònraichte a dhèanamh. 'S dòcha gur e rudan gu math sìmplidh a th' ann, leithid an t-sìde, do nà dar, dè seòrsa sunnd as a bheil thu, dè tha daoine eile ag rà dh.
Cha chuireadh daoine coire ort ma bha thu dualtach rud a dhèanamh, ach dh'fhaodadh iad coire a chuir ort ma bha thu buailteach rud a dhèanamh.
'S e alt joint a tha nad chasan, no nad là mhan, no am pà irt sam bith dhìot. Nam biodh tu gad altachadh fhèin, bhiodh tu a' gluasad do ghà irdean, no do chasan, no pìos sam bith eile dhìot, 's dòcha airson an dèanamh na bu shiùbhlaich.
Nan canadh duine mu dhuine eile, "Dh'altaich e air mo shon," no "Dh'altaich e mu mo dheidhinn," bhiodh sin a' ciallachadh gu robh an duine eile a' feuchainn ri faighinn a-mach ciamar a bha e, gu h-Ã raidh nam biodh e air a bhith meadhanach.
'S e altachadh am beannachadh a bhios daoine ag iarraidh aig à m bidh. Canar "Gabh an t-altachadh".
Seo facal airson goalkeeper a bha Iain Murchadh Moireasdan, Na Hearadh agus a' cho-aoisean a' cleachdadh nuair a bha iad san sgoil.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.