'S ann aig Ailig MacIllFhinnein, Na Geà rranan, Leòdhas, a chuala Iain MacIlleathain mu iasgach a bha anabarrach cudromach ann a' Leòdhas bho chionn còrr air ceud bliadhna. B' e sin iasgach a' langa. Tha Ailig air leth miannach air bà rdachd agus thòisich an còmhradh leis ag aithris ceathramhan bà rdachd le Iain MacLeòid, Cnoc Chà rlabhaigh.
Ailig: Fil òro, fil òro, fil òro, hug èileadh, chan fhaigh mi cadal sà mhach, gun tà rr sinn gu sèin' i.
Iain: Seadh.
Ailig:
Iain: Well, abair bà rdachd.
Ailig: Bà rdachd. Bha bà rdachd mhìorbhaileach air an amhran sin. 'S tha tòrr rainn a bharrachd air a' seo ann.
Iain: Seadh. Ailig, 's e iasgach a' langa a bha seo, nach e?
Ailig: O, iasgach a' langa. Cha robh a' cunntadh ach i fhèin. Chan fhaigheadh iad sgillinn air a' chòrr. 'S e a' bhochdainn a bha iad a' faighinn orra fhèin. Agus innsidh mise dhut dè bha iad a' faighinn oirre. Seachd sgillinnean no ochd sgillinnean a bha iad a' faighinn air a' langa. 'S dh'fheumadh dà throigh gu leth a bhith innte bhon an t-sùil chun an earball, no bha dhà , bha dà langa a' dol mu choinneamh an aon.
Iain: Sin agad e.
Ailig: Nach robh sin eagallach.
Iain: Cuin a nise a bha sin? Timcheall air?
Ailig: Well, cha b' urrainn dhomh a rà dh.
Iain: Deireadh na linne?
Ailig: Deireadh a' linn, bhiodh e as na h-1890s tha mi a' creids'. Bhiodh, 's mathaid a-mach toiseach an ath linn.
Iain: Toiseach an linn-sa fhèin.
Ailig: Bhiodh. A' linn-sa fhèin mar a tha thu ag rà dh.
Iain: Agus 's mòr na bha iad a' faighinn dhith?
Ailig: A bhròinein! Fhuair a' Hebridean, Calum Ghrà idhean, fhuair e mìle gu leth* langa ann an dà chur. Ach fhuair Donnchadh Mòr leis a' Flying Fish mìle is trì cheud langa ann an aon chur.
Iain: Ann an aon chur!
Ailig: Nach b' eagalach na bha sin a dh'iasg.
Iain: Well, well, well.
Ailig: Langa, alone.
Iain: Agus chan eil fhios dè a bha iad a' faighinn a thuilleadh air a' sin.
Ailig: Chan eil fhios dè a bha iad... cha robh guth air a' sin.
Iain: Cha robh sin a' cunntadh.
Ailig: Cha robh sin a' cunntadh.
Iain: Cha robh. Tha mi a' creids' gur e sin a' rud a bh' aca fhèin.
Ailig: Tha mi a' creids' gur e. Is 's ann a bha e feumail.
Iain: 'S ann. 'S ann. Ach sin a' rud a bhithist, a bhiodh na cùbairean a' faighinn.
Ailig: O 's e, 's e. Cha robh guth air, cha robh faighneachd air cà il ach a' langa.
Iain: Cha robh.
Ailig: Agus saoilidh sinn co-dhiù, a' coimhead seo an-diugh, mar a tha prìsean an latha an-diugh, gur ann gu math bochd a... o well, even as an latha sin, canaidh mis' gur e pà igheadh, prìs bhochd a bha iad a' faighinn.
Iain: 'S e. Well, tha dà rud ann. Tha a' phrìs cho suarach, 's tha na h-à ireamhan a bha iad a' glacadh cho à rd.
Ailig: Tha, an dà rud ann.
Iain: An dà rud ann.
Ailig: Tha.
*Rinn Ailig mearachd leis an à ireamh agus bha e airson a cheartachadh. 'S e mìle gu leth langa a fhuair a' Hebridean as an aon chur, is chan e mìle mar a thuirt e as a' phrògram.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.