¸é´Ç-°ůĂ »ĺłó
B' e à m dòrainneach a bha seo dhan chinneadh is crìoch
air ar beatha sa bhaile. Bha am bĂ illidh is a chuid fhear a'
fuadach a' chinnidh seach gun robh an Ceann-feadhna ag iarraidh an
fhearainn airson tuathanas chaorach. Cum ort a' leughadh gus tuilleadh
fhaighinn a-mach mu na h-amannan uabhasach ud.
Iain MacAnndrais - Am fear baile
"Tha na croitearan leisg sin air trì bà irlinnean
fhaighinn ach chan eil iad a' toirt feart orra. Bha uair a bha mi
measail orra ach nuair a thill mi bhon Ghalldachd chunnaic mi dìreach
cho leisg is cho beag feum 's a bha iad. Bhiodh iad tòrr
na b' fheà rr dheth a' cosnadh am bith-beò aig an iasgach
no aig a' cheilp. Tha mi air rabhadh a thoirt dhaibh mura bi iad
air an gnothaichean a thoirt Ă s an dachaighean gun tilg mi
fhìn a-mach iad. Tha sinn air a bhith a' feuchainn ris an
teaghlach seo a chur a-mach fad an là ach cha leig a' ghòraich
leotha falbh no chan urrainn dhaibh. Mar sin, feumaidh mo sheirbhisich
am bodach a ghiĂąlain a-mach na leabaidh. Feumaidh mi teine
a chur ris an tughadh. 'S dòcha gu bheil sibh a' smaoineachadh
gu bheil seo an-iochdmhor ach 's e an aon dòigh air dèanamh
cinnteach nach till an teaghlach truagh seo air ais a-rithist."
MĂ iri NicThĂ mhais - Coitear
"An ainm Nì Maith! Dè a rinn sinn ceà rr?
Ciamar as urrainn don bhà illidh, MacAnndrais, seo a dhèanamh
òirnn? Tha na daoine brùideil aige air gach nì
a th' againn a thilgeil chun na sitig. Fhad 's a bha sin a' dol
air adhart bha a' chlann a' gal is grèim aca air mo chòta.
Nach bochd nach robh an duin' agam an seo! Bhiodh fhios aige-san
dè a dhèanadh e. Bha na daoine ag èigheach
rium ann am Beurla, rudeigin mu bhĂ irlinn. Cha do shaoil
duin' againn gun tigeadh cĂąisean gu seo. Ghuidh mise riutha
barrachd Ăąine a thoirt dhuinn ach bhrĂąth iad a-mach
mi. Seall orra a-nis. Tha iad a' slaodadh gach pìos à irneis
a-mach is ga shadail dhan leas-chà il. Tha mo chiste na pìosan
is ar stòr coirce air a mhilleadh. Borbachd uabhasach! Dè
a nì mi? Cà it an caidil mo chlann a-nochd?"
Calum MacAilein - Croitear
"Tha crĂ dh na mo lĂ mhan is nam ghĂ irdeanan.
'S e obair chruaidh a tha seo is feumaidh sinn a bhith air an rathad
mus tuit an oidhche. Chan eil mi cinnteach cà it an tèid
sinn, ach ma bhios againn ri taigh Ăąr a thogail bidh na cabair
sin a shà bhail mi às an teine feumail. Tha mòran
dhiubh ro loisgte airson feum a dhèanamh ach bu chòir
cuid dhiubh a bhith ceart gu leòr. Thog mo shinnsheanair
an taigh seo le a là mhan fhèin. Nam b' urrainn dhomh,
bheirinn gach clach dheth leam. Tha fios agam gum falbh cĂ ch
le cĂ il sam bith a dh'fhĂ gas mi, no, nas miosa buileach,
gun cleachd am fear-baile Ăąr iad gus gĂ rraidhean-cloiche
a thogail dha chaoraich mhallaichte. Bu chòir gu faodainn
an toirt leam ach tha mi a' cur feum air a' chairt gus na gnothaichean
againn a ghiĂąlain. Tha mi ag Ăąrnaigh gun seas i ri
cuideam nan cabar."
Uilleam
MacAnndrais An Ceann-feadhna
"Tha e daor a bhith a' cumail caisteal a' dol. Eadar cĂ radh,
luchd-obrach is eile tha e doirbh dhomh airgead fhaighinn airson
an aodaich spaideil, nan dealbhan is nan seudan a tha mo theaghlach
ag iarraidh. Feumaidh mi tuilleadh airgead fhaighinn Ă badeigin.
Tha na croitearan air m' fhearann air a bhith a' strì ri
droch bhà rr. Tha mòran dhiubh nach d' fhuair air mà l
a phà igheadh dhomh. Cha robh dòigh agam air faighinn
os cionn nan trioblaidean airgid agam ach le m' fhearann a thoirt
air mhĂ l
a-rithist dom neach-dĂ imh, Iain MacAnndrais. B' e esan am
fear-baile a chleachd a bhith agam ach dh'fhĂ g e Gleann Mhoirbheinn
o chionn còig bliadhna airson a dhol a dh'obair gu deas.
Nuair a thill e thadhail e orm is dh'innis e dhomh mu uachdarain
beairteach aig deas a tha a' cosnadh nam mìltean sa bhliadhna
Ă tuathanasan chaorach. Thug e smaoineachadh orm. Gheibh
mi prothaid mhòr Ă s an airgead a gheibh mi Ă
clòimh agus feòil chaorach. Mar sin, thug mi obair
dha Iain mar bhĂ illidh air m' oighreachd. Thuirt mi ris gu
faodadh e am fearann a chleachdadh airson tuathanas chaorach nam
faigheadh e air na daoine fhuadach Ă s na bailtean."
Dòmhnall MacDhaibhidh - Mac Croiteir
"Tha mi a' cruinneachadh gach nì a th' againn mar a
dh'iarr m' athair ach tha na truinnsearan briste is chan fhaigh
mi lorg air na bobhlaichean an Ă ite sam bith. Tha ar n-aodach-leapa
air tuiteam dhan pholl is bidh lĂ ithean ann mus tiormaich
e. Tha a' bhobhstar air reubadh às a chèile is tha
an connlach bog fliuch. Co aig tha fios cĂ it an caidil sinn
a-nochd. Gu fortanach fhuair mi air cnap mòine a shà bhaladh
is bidh teine againn co-dhiù. Tha mi air an stòr coirce
is bhuntĂ ta againn a ghleidheil sa chliabh, chan eil fhios
cuin a gheibh sinn air bĂ rr a chur a-rithist. Feumaidh mi
a bhith luath gus am faigh mi fhìn is m' athair air a' chairt
a lìonadh leis nas urrainn dhuinn a thoirt leinn. Chan urrainn
dhuinn ar stuth fhĂ gail gun sĂąil a chumail air neo
thèid a ghoid. Tha na daoine an seo ann an suidheachadh cho
èiginneach is gun dèan iad rud sam bith airson biadh
is aodach."
Fìor
Beatha
PĂ draig
Sellar
Bha PĂ draig Sellar na bhĂ illidh aig DiĂąc is
Bana-diĂąc Chataibh. A thuilleadh air an obair sin bha planaichean
aige airson airgead a dhèanamh dha fhèin ann an Cataibh.
Bha e an dùil à rainnean mòra fearainn fhaighinn
air mhĂ l gus caoraich ionaltradh orra. Bha seo air sgĂ th
's gun robh tòrr airgid ri dhèanamh às a' chlòimh.
Nuair a bha Diùc Chataibh airson airgead a dhèanamh
bhon fhearann. Fhuair Sellar air a phlana a chur an gnìomh.
An toiseach gu-tĂ bha aige ri na daoine fhuadach oir bha
feum aig na caoraich air an talaimh uile.
Sin mar a thòisich Pà draig Sellar is a sheirbhisich
a' fuadach nan daoine Ă s an dachaighean. Gu math tric bha
iad a' sgrios a h-uile cĂ il a bhuineadh dhaibh is a' cur
an dachaighean nan teine. Bha an fheadhainn a chaidh fhuadach a'
faireachdainn gun deach dèiligeadh riutha gu brùideil.
Bha iad feargach is troimhe-chèile gun tà inig orra
an dachaighean fhĂ gail.
Dh'innis
iad mar a rinn e agus mu dheireadh chaidh PĂ draig Sellar
a chur an grèim is a thoirt gu cùirt. Cha robh e a'
creidsinn gun robh e ciontach de gnìomh sam bith ceà rr
is e dìreach a' dèanamh mar a chaidh iarraidh air.
Sgrìobh e litir gu Diùc Chataibh ag innse dha mu na
chaidh a chur Ă s a leth is ag rĂ dh gun robh e neo-chiontach.
"
Tha mi a' faicinn gu bheilear a' cur dĂ dhroch eucoir Ă s
mo leth. An toiseach gun do dh'adhbhraich mi bĂ s boireannaich
an dèidh a dachaigh a chur na theine agus san dà rna
Ă ite gu bheil na caoraich agam air coirc nan daoine ithe."
"Tha
mi cinnteach nach do thachair na rudan sin air sgĂ th mise
a bhith an-iochdmhor. Ma dh'ith na caoraich an coirce seach gun
robh na cìobairean agam neo-chùramach, bu chòir
dha na daoine bhith air gearain riumsa is bhithinn air rudeigin
a dhèanamh mu dheidhinn."
Sa chĂąirt, chaidh PĂ draig Sellar fhaighinn neo-chiontach.
Bha na croitearan den bheachd gun robh seo air sgĂ th 's gur
e uachdarain ionadail a bh' ann am mòran a bh' air an diùraidh.
An dèidh na cùirte leig Pà draig Sellar seachad
obair mar bhà illidh ach lean e air a' dèanamh airgead
Ă tuathanas chaorach ann an Cataibh airson iomadh bliadhna.
Donald MacLeod
Bha Dòmhnall MacLeòid a' fuireach air Ghaidhealtachd
aig Ă m nam Fuadaichean. Bha e
a' fuireach ann an Cataibh, à ite às an deach mòran
dhaoine fhuadach. Sgrìobh e litrichean gu pà ipear-naidheachd,
Edinburgh Weekly Chronicle, ann an 1857 ag innse mu na cuimhneachain
a bh' aige air a bheatha ann an Cataibh. B' e Gloomy Memories a
thug e orra.
Seo pìosan a-mach às a chòigeamh litir. Tha
iad ag innse mar a thachair is mun bhuaidh a thug na Fuadaicheann
air daoine. Bha mòran de na croitearan nach robh a' tuigsinn
carson a chaidh am fuadach Ă s an dachaighean. Bha iad den
bheachd gun robh còir aca air an dachaigh anns an robh iad
a' fuireach.
'Cha
b' e an t-uachdaran a bh' air na taighean a thogail ach na fir-baile
is an gineil. Bha na daoine sin den bheachd gun robh còir
aca air na taighean sin.'
Ann
an cuid de dh'Ă iteachan, bha cead aig na croitearan fiodh
a thoirt Ă s an seann dachaighean gus na taighean Ăąra
aca a thogail. Ann an Cataibh chaidh dèiligeadh riutha ann
an dòigh na bu shuaraiche. Chaidh mullaich nan taighean a
chur nan teine.
'Anns
na fuadaichean trĂ th bha cead aig na daoine am fiodh seo
a thoirt leotha gus taighean a thogail air an croitean Ăąra.
A-nis, gus na daoine a ghluasad na bu luaithe, chaidh na taighean
a chur nan teine. '
Chaidh
brathan-fuadaich a chur gu na croitearan ach bha mòran ann
nach do rinn cĂ il gus an robh cĂąisean ro fhadalach.
Ma bha an Ă irneis fhathast am broinn an taighe chaidh a chur
na smà l còmhla ris an taigh.
'An
dèidh mu dhà mhìos de rabhadh thòisich
fir a' bhĂ illidh a' fuadach nan daoine le bhith a' cur nan
taighean nan smĂ l 's iad fhathast nam broinn. An uairsin
thòisich na seann daoine, na boireannaich is eile a' feuchainn
ris an fhiodh, a bha iad a' meas a bhuineadh dhaibh fhèin,
a shĂ bhaladh. Bha fir a' bhĂ illidh ag obair gu luath.
Chuir iad Ă s dhen h-uile cĂ il. Nuair a bha iad air
na taighean a leagailÂ… chuir iad teine ri na bh' air fhĂ gail.
Mar sin, chaidh cur Ă s don fhiodh, don Ă irneis is
don h-uile cĂ il nach gabhadh a ghluasad sa bhad.'
An
dèidh dha na taighean-croite bhith air an sgrios dh'fheumadh
na teaghlaichean Ă iteachan-fuirich eile a lorg. Dh' adhbhraich
seo dòrainn mhòr do mhòran dhaoine. Bha cuid
ann a chaill am beatha ri linn.
'Chaidh
cuid de sheann fhir air seachran don choille, is iad gus a dhol
Ă s an rian agus anns
t-suidheachadh seo bha cuid dhiubh nach do mhair ach lĂ no
dhĂ Â… is bha cuid den chloinn nach d' fhuair seachad
air am fulangasan na bu mhò.'
|