¸é´Ç-°ůĂ »ĺłó
An dèidh dhan chuid mhòr againn a bhith air ar fuadach
à Gleann Mhoirbheinn b' fheudar dhuinn beatha ùr a dhèanamh
dhuinn fhìn is dha ar teaghlaichean. B' e à m uabhasach
a bha siud dhuinn; Ă m cruadail is caochlaidh. CĂąm ort
a' leughadh gus faighinn a-mach dè an seòrsa beatha
a th' aig a' chinneadh ann an 1821.
Calum MacAilein
"Tha mi an dòchas gum bi iasgach math ann an-diugh.
'S ann glè ghann a tha an sgadan air a bhith sna là ithean
mu dheireadh. Tha cuimhne agam air na seann lĂ ithean nuair
a bha mi ag obair air an fhearann. Bha a' bheatha sin tòrr
na bu shĂ bhailte. Tha eagal mo bheatha orm a h-uile lĂ
sna cuantan cunnartach seo, gu h-Ă raid bho dh'fhalbh a' mhuir
le mo charaid, Seumas. Bha e na chuideachadh mòr dhuinn nuair
a thĂ inig sinn an seo Ă Gleann Moirbheinn. Thug e
na lìn seo dhomh is cothrom a dhol a-mach còmhla ris
sa bhà ta gus an ionnsaichinn dè bu chòir dhomh
a dhèanamh. Ach chaidh e mach ann an stoirm is chaidh a bhà thadh.
Chan eil truas aig a' mhuir ri duine! Tha mi eòlach air iasgach
is air cleachdaidhean a' chosta a-nis ach nuair a thĂ inig
mo theaghlach an seo an toiseach cha robh fiĂą Ă ite
againn far an cuireadh sinn ar cinn fodhainn."
MĂ iri
NicThĂ mhais
"O mo chorragan bochd. Tha iad air an sgioladh chun a' chnĂ imh.
Chan fhàs mi eòlach air an dòigh-beatha seo
gu brà th. Chan e beatha mar sin a th' ann - tha sinn dìreach
beò air èiginn. Tha mi ag obair sa mhuilinn mhì-chiatach
seo bho mhoch gu dubh, a' suathadh snaileanan cotain ri chèile.
Feumaidh mi a bhith faiceallach mus tèid mo ghlacadh sna
h-innealan. O tha grà in agam air a' bhaile mhòr seo.
Tha na taighean cho faisg air a chèile is na clobhsaichean
cho grod. Tha an ceathrar againn a' cadal ann an rum beag salach.
Tha a' chlann uile air a bhith tinn agus an-uiridh chaochail an
duine bu shine leis an fhiabhras dhubh - fois dha anam. Tha mi ag
ionndrainn mo chĂ irdean ann an Gleann Mhoirbheinn. Sa bhaile
mhòr thrang seo tha gu leòr de mo nà baidhean
nach beannaich an lĂ dhomh. Tha mi air feuchainn ri bhith
cĂ irdeil riutha ach chan eil mi a' tuigsinn an cainnt ro
mhath. Tha a' Bheurla agamsa caran lapach. 'S e beatha bhochd a
th' agam. O nach bochd nach robh sinn air ais 's a' Ghleann còmhla
ri ar daoine fhìn."
Dòmhnall
MacDhaibhidh
"Tha 5 bliadhna bho dh'fhĂ g mo theaghlach Alba ach tha
cuimhne agam fhathast mar a thug na maoir òirnn a dhol air
bòrd a' bhà ta ann an Ulapul. Cha robh cà il
a dh'fhios agam cĂ it an robh sinn a' dol gus an do dh'innis
seòladair dhomh gur e Canada ar ceann-uidhe. Ach tha siud
gu leòr mun à m ud, 's e Canada mo dhùthaich
a-nis. Tha sinn a' fuireach ann am bothan-fiodha a thog sinn le
na craobhan a leag sinn fhìn. Tha na coin nan companaich
dhuinn is nan deagh shealgairean. Dìreach an t-seachdain
a chaidh mharbh mi fiadh - bha sitheann blasta. Chan eil cĂ il
a' dol a dhìth. Rinn mi aodach leis a' chraiceann agus spà inean
às na cabair. Tha gu leòr fiodh an seo airson an teine
a chumail a' dol tro mhìosan fada a' gheamhraidh. Fiù
's nach eil mi air slaod a dhèanamh airson gnothaichean a
ghiĂąlain san t-sneachda! Tha sinn nas fheĂ rr dheth
na bhitheamaid ann an Gleann Mhoirbheinn. Tha sinn a' faireachdainn
nas fheĂ rr mu chĂąisean a-nis na bha sinn nuair a thĂ inig
sinn an toiseach. Chaidh talamh is innealan a thoirt dhuinn gus
am faigheamaid air adhart ach bha againn ri obrachadh gu math cruaidh
ann an sìde reòthte."
Iain
MacAnndrais
"Tha. Tha mi air a bhith gu math dheth anns na bliadhnachan
mu dheireadh. Dh'obraich mi fhìn is an Ceann-feadhna còmhla
agus a-nis tha gnìomhachas prothaideach againn. Tha deich
mìle caora agam nam ainm fhìn agus tha mi a' faighinn
prothaid mhòr asta. Tha deagh phrìs air a' chlòimh.
Tha mi a' toirt pà igheadh cothromach do mo chìobairean.
Tha mi a' pĂ igheadh deagh mhĂ l dhan cheann-feadhna.
Ach tha airgid gu leòr air fhà gail agam. Tha mi cuideachd
air taigh ùr a thogail dhomh fhìn is tha ceathrar
shearbhant ann airson frithealadh orm. Bho fhuair mi air na croitearan
leisg ud a ruagadh, tha an t-Ă ite air a bhith sĂ mhach
agus tha mi air fĂ s beartach."
Uilleam
MacAnndrais
"Tha feurach chaorach air a bhith air leth soirbheachail. Tha
mi air prothaid mhòr fhaighinn às na caoraich. Tha
mi a' dèanamh faisg air deich mìle not sa bhliadhna
a-nis an à ite na mìle a bh' agam roimhe. Tha mi a'
cluinntinn gu bheil muinntir mo chinnidh math gu leòr. Bha
fios agam gun dèanadh e feum dhaibh gluasad gu à ite
Ăąr agus mar sin 's ann a dh'obraich cĂąisean gu math.
Seach gu bheil barrachd airgid agam 's urrainn dhomh mo mhic a chur
gu Oilthigh Chambridge, bĂ laichean a chumail dha na h-uaislean
eile agus geamachan Gaidhealach a chur air dòigh. Faodaidh
mi barrachd Ăąine a chur seachad ann an Lunnainn a-nis; gu
dearbh tha mi dìreach air taigh a cheannach ann. Bidh mi
a' tighinn air ais a seo rè mìosan an t-samhraidh
nuair a tha an aimsir math. Tha mi air an caisteal ath-leasachadh
is tha e a' coimhead brèagha a-muigh 's a-staigh. Nach èist
sibh! Cho sĂ mhach 's a tha a h-uile cĂ il air m' oighreachd
a-nis. Chan eil cĂ il ri chluinntinn ach meulaich nan caorach."
Fìor Beatha
¸é´Ç-°ůĂ »ĺłó
Rè à m Fuadach nan Gaidheal dh'fhà g còrr
is millean duine a' Ghaidhealtachd airson beatha na b' fheĂ rr
ann an à iteachan eile. Chaidh cuid a ghluasad beagan mhìltean
air falbh gun chost far am b' fheudar dhaibh iasgach airson bith-beò
ionnsachadh. Chaidh feadhainn eile gu bailtean-mòr ùra
na Galltachd far an robh aca ri fàs cleachdte ri dòigh-beatha
eadar-dhealaichte. Dh'fhĂ g cuid Alba is chaidh iad a-null
thairis gu tìrean ùra. B' e à m a bh' ann anns
an robh mòran atharrachaidhean a' gabhail à ite agus
à m a bha là n bròin do mhòran. Bha na
Gaidheil air an t-seann dòigh-beatha a chall.
Bha
slighe fhada chunnartach, a mhair uaireannan iomadh seachdain, air
thoiseach air an fheadhainn a chaidh a-null thairis. Cha deach innse
dhaibh dè cho fada 's a bhiodh an turas-mara is gu math tric
ruitheadh am biadh a-mach. Mar sin bha aca ri biadh a cheannach
air am bà ta aig prìsean glè dhaor. Bhiodh uisge
airson òl tric air a stòradh ann am baraillean salach
is bhiodh seo a' dèanamh daoine tinn.
Gu
bitheanta bha cus dhaoine air na soithichean is cha robh rum gu
leòr ann airson gluasad mun cuairt no laighe sìos.
Sgaoil tinneasan is galaran is chaochail mòran dhaoine air
an t-slighe.
Beatha
ann an Canada
Nuair
a rĂ inig na Gaidheil Canada bha sĂąil aca ri beatha
na b' fheĂ rr. Chaidh fearann a thoirt dhaibh airson oibreachadh
ach bha e fada bho na puirt far an tà inig iad air tìr.
Bha aca ri slighe fhada eile a shiubhal.
Fhuair
iad a-mach nach robh am fearann air Ă iteach a-riamh roimhe.
Bha e còmhdaichte le craobhan. Bha aca ri na craobhan a leagail
mus tòisicheadh iad a' cur bà rr. Chleachd iad am fiodh
airson bothagan a thogail dhaibh fhèin. Uaireannan dh'oibricheadh
buidheann Ghaidheal còmhla gus baile-fearainn a dhèanamh
far na leag iad na craobhan.
Aon
uair is gun robh na dachaighean aca air an togail, thigeadh na boireannaich
is a' chlann còmhla riutha. Nam biodh an teaghlach math dheth
bhiodh crodh, cearcan is mucan aca gus feòil is bainne a
chumail riutha. Dh'fhaodadh iad a dhol a shealg beathaichean fiadhaich
leithid fèidh. Ghlacadh iad iasg cuideachd.
Dh'fhĂ sadh
bĂ rr leithid grĂ inne, glasraich is measan gu math
rè mìosan blà tha an t-samhraidh. Aig à m
an fhoghair dh'fheumadh am biadh a ghleidheadh gu cĂąramach
gus a maireadh e tro mhìosan fada a' gheamhraidh. Ged a bha
na Gaidheil cleachdte gu leòr ri droch aimsir, b' e corra
dhuine a bha ullaichte airson geamhraidhean Chanada. Bha iad tòrr
nas na b' fhuaire agus na b' fhaide.
Litir Ă Canada
Chaidh
an litir seo a chur air falbh Ă Canada Uachdrach gu Alba
air 29 LĂąnasdal 1835. Seo criomagan aiste:
Uncal
Chòir,
Fhuair
sinn ur litir is tha m' athair ag iarraidh orm na sgròbagan
seo a sgrìobhadh gus innse dhuibh mar a tha dol dhuinn sa
cheà rn iomallach seo den t-saoghal. Tha e fhèin cho
trang
an-drà sta is nach eil ùine aige litir a sgrìobhadh.
Bha
mi dìreach a' tadhal orra an-dè. Bha m' athair is
na ceathrar as sine de na balaich mu chòig mìle air
falbh bhon taigh a' buain. Mar sin ghabh mi mo dhìnneir còmhla
ri mo mhà thair is ris a' chòrr den teaghlach a bh'
aig an taigh. Chaidh mi an uairsin a lorg m' athar nach robh mi
air fhaicinn airson greis. Fhuair mi m' athair, Gilleasbaig is Seòras
gun lèintean orra,
a' buain eòrna ann an achadh is Teà rlach is Anndra
aig obair togail. Bha iad uile ann an deagh shlĂ inte agus
ged a tha iad ag obair cruaidh tha gealltanas an airgid gan cumail
a' dol.
Tha
an aimsir air a bhith anabarrach fliuchÂ…mar sin tha eagal orm
nach tèid aig na tuathanaich againn air mòran shà r
mhine a chur gu margaidh…Cha leig mi leas, Uncal chòir,
feuchainn ri faireachdainn m' athar a mhìneachadh airson
na h-iasaid de £50 a chuir sibh fhèin is cà irdean
còir eile thugainn. Bha fiachan de £23 aig grunn dhaoine
air agus gu cinnteach cha ghabhadh seo a sheachnadh. Chaidh e ann
am fiachan a' ceannach biadh dhan teaghlach, fiodh airson an taighe
is sìol bhuntà ta. Bha mà l eile de £13
airson an fhearainn ri phĂ igheadh. Mar sin tuigidh sibh na
bhiodh de spĂ irn air mura b' e 's gun do chuidich sibh e.
Thèid aige air paidhir dhamh is bò a cheannach; cosgaidh
iad ÂŁ20.
Leag
m' athair is na balaich 17 acraichean chraobhan air a' gheamhradh
a chaidh seachad is 2 acaire dha nĂ baidh airson min. As t-samhradh
leag is loisg iad mu 5 no 6 acairean; den sin chuir iad 2½
dhiubh le eòrna earraich a tha a' tighinn air adhart gu math
agus a bhios deiseil ann an 2 sheachdain no mar sin. Tha timcheall
air 1 acaire fo choirc Innseannach is tha seo cuideachd a' tighinn
air adhart. Bidh leth acair buntĂ ta ann cuideachd. Tha an
còrr den talamh fo phònairean is shnèipean.
Chan eil aca de stoc ach bò is muc.
Tha
na ceathrar bhalach as sine a-nis nan deagh sgudairean Yankee. Cha
deach iad a shealg fèidh fhathast ach gheibh iad gu leòr
ri cheannach bho na h-Innseannaich air glè bheag airgid.
Feumaidh
mi a-nis dĂąnadh is innse dhuibh gu bheil m' athair na dhuine
eadar-dhealaichte bho dh'fhĂ g e dĂąthaich Ă raich.
B' e dha-rìribh bliadhnaichean de mhì-mhisneachd ghruamach
is bròn a chuir sinn seachad ach tha Dia leinn. Tha m' athair
a' cur deagh dhĂąrachd thugaibh.
Mac
grĂ dhach ur brĂ thar,
Iain.
Beatha
anns a' bhaile
Fhuair
teaghlaichean bhon Ghaidhealtachd a-mach gun robh bailtean mòra
na Galltachd tur eadar-dhealaichte bho na h-Ă iteachan Ă s
an tĂ inig iad. Bha an adhar lĂ n ceothaidh a' brĂąchdadh
a-mach Ă similearan. Bha ceudan de fhactaraidhean ann is
mòran thaighean air an togail faisg air a chèile.
B' e glè bheag Beurla a bh' aig a' chuid mhòr de na
Gaidheil is mar sin cha robh e furasta dhaibh eòlas a chur
air an nĂ baidhean Ăąra.
B'
e glè bheag airgid a bh' aig na teaghlaichean. Bha aca ri
fuireach anns na ceà rnaidhean bu bhochda de na bailtean-mòra.
Tric, cha robh aig gach teaghlach ach aon rum far an robh iad a'
fuireach, ag ith is a' cadal. Cha robh goireasan aca is cha robh
e furasta cumail fallainn.
Cha
robh an t-à it'-obrach mòran na b' fheà rr. Bha
a' chuid mhòr ag obair ann am factaraidhean no muilnean.
Bha inbhich is clann ag obair 12 uair a thìde sa là ,
co-dhiĂą, airson pĂ igheadh bochd. Bha na h-Ă iteachan-obrach
salach is dh'fhàs mòran tinn. Bha daoine tric air
an goirteachadh no air am marbhadh le innealan cunnartach.
Beatha air a' chost
Chaidh
cuid de na daoine a chaidh fhuadach bhon talamh a ghluasad gun chost.
Chaidh pìos beag fearainn a thoirt dhaibh air an togadh iad
taigh. Cha robh am fearann seo math airson Ă iteach. Ma bha
iad airson fuireach an sin bha aca ri iasgach ionnsachadh.
B'
e dòigh-beatha cunnartach a bh' anns an iasgach eadhon dha
na h-iasgairean a b' eòlaiche. Bha aig an fheadhainn a chaidh
a chur gun chosta ri dòighean na mara ionnsachadh gu math
luath. Cha robh tòrr dìon bhon chuan fhosgailte anns
na bĂ taichean beaga fiodha a bh' aca. Mar sin bha iad an
urra ri na sgaothan sgadain a bha tighinn na b' fhaisge a-steach.
Gus iad fhèin a chumail tioram uaireannan bhiodh iasgairean
a' cur ola nan trosg air an aodach.
Cha
robh beatha cĂ il na b' fhasa aig na boireannaich. Bha aca-san
ri na lìn a dhèanamh is a chà radh agus dèiligeadh
ris an iasg nuair a thilleadh na fir. Bha am biadhadh cudthromach
is bhiodh eadhon a' chlann a b' òige a' cruinneachadh fheusgan,
chreachann is bhà irneach airson na lìn a bhiadhadh.
Beatha air Ghaidhealtachd
Bha
dòigh-beatha air Ghaidhealtachd gu math eadar-dhealaichte
an dèidh nam fuadaichean.
Bha na bu lugha de dhaoine ann is an Ă ite daoine is bailtean
bha caoraich is tuathanaich chaorach. Bha na h-uachdarain a' faighinn
tòrr mòr a bharrachd airgid mar mhà l bho na
tuathanaich chaorach.
B' urrainn dhaibhsan mĂ l Ă rd a phĂ igheadh oir
bha clòimh nan caorach a' cosnadh tòrr airgid dhaibh.
Cha
robh a h-uile ceann-feadhna air Ghaidhealtachd a' faighinn deagh
chosnadh bho tuathanas chaorach. Dh'fheuch cuid ach dh'fhĂ ilnich
iad. Cha robh aca ach tionndadh gu sealg. Bhiodh teaghlaichean beartach
bho dheas a' tighinn chun Ghaidhealtachd as t-samhradh. Chaitheadh
iad an ùine a' sealg fèidh is chearcan-fraoich air
an oighreachd. Bhiodh iad a' marcachd, ag iasgach is a' gabhail
tlachd anns na seallaidhean. Mun à m seo, bha mòran
de na cinn-feadhna Gaidhealach mar uaislean Sasannach, aig nach
robh ach beagan GĂ idhlig, ma bha cĂ il idir aca. Bha
dachaigh aig a' chuid mhòir dhiubh ann an Lunnainn is bha
iad a' fuireach an sin airson a' chuid mhòir den bhliadhna.
Bha dleastanas traidiseanta a' chinn-feadhna Gaidhealaich gus a
dhol Ă bith.
|