¸é´Ç-°ůĂ »ĺłó
Coinnich Clann MhicAnndrais is faigh a-mach mar a bha iad beò
air Ghaidhealtachd na h-Alba o chionn dĂ cheud bliadhna.
Calum
MacAilein
"'S mise Calum MacAilein agus bha fearann agam air mhĂ l
ann am baile Ghleann Mhoirbheinne. Dìreach gu leòr
airson biadh a chumail rium fhìn 's ri mo theaghlach. Bha
sinn math gu leòr dheth. Bha am fearann agam air mhà l
bhon fhear-baile; bha an gleann gu lèir aige-san air mhà l
bho a' cheann-feadhna fhèin. Mar sin, bha easan a' pà igheadh
mĂ l dhan cheann-feadhna is bha mise a' pĂ igheadh mĂ l
dha-san - dhan fhear-baile. Mar a chanadh cuid, 's e croitear a
bh'annam. B' i a' Ghà idhlig ar cà nan; b' e dìreach
corra dhuine aig a robh Beurla."
Uilleam
MacAnndrais
"'S mise Uilleam, ceann-feadhna Chloinn MhicAnndrais. Tha am
fearann seo air a bhith aig mo shinnsearan is agam fhìn airson
ceudan bhliadhnachan. Bha an cinneadh mar theaghlach dhomh, mi fhìn
air an ceann is buill a' chinnidh mar mo chuid chloinn. Bha e a'
còrdadh riutha a bhith a' smaoineachadh gu robh iad cà irdeach
dhomh ach cha robh, san dòigh sin. Dhèanadh iad dìreach
mar a dh'iarrainn orra oir bha fios aca gur ann airson am math fhèin
a bha sin."
Dòmhnall
MacDhaibhidh
"'S mise Dòmhnall MacDhaibhidh. Bha croit bheag aig
m' athair ann an Gleann Mhoirbheinn is bha mi a' fuireach an sin
còmhla ri mo mhà thair is mo dhithis pheathraichean.
Bhiodh sinne a' cuideachadh le bleoghan a' chruidh, a' biathadh
nan cearc is a' tional nan uighean. Nuair nach robh sinn ag obair
bhiodh sinn a' dol do sgoil a' bhaile - sgoil a bha mĂ thair
mo charaid a' cumail. Bha sinn glè shona gus an tà inig
na h-atharrachaidhean."
MĂ iri
NicThĂ mhais
"Halò. 'S mise Mà iri NicThà mhais ach 's
e banntrach MhicTĂ mhais is trice a chanas daoine rium. Dh'fhalbh
an duine agam a shabaid a Chanada ann an Arm Bhreatainn is cha do
thill e. Cha robh annam-sa ach searbhant, pĂ idhte airson
coimhead as dèidh clà r-bhuntà ta dhuin' eile.
Bha beatha chruaidh agam fhìn 's aig a' chloinn ach fhuair
mi pìos fearainn air mhà l gus glasraich a chur dhomh
fhìn 's dham theaghlach. 'S e coitearan a chanar ri daoine
mar mise."
Iain
MacAnndrais
"LĂ math dhuibh. 'S mise Iain MacAnndrais. Tha mi cĂ irdeach
do cheann-feadhna MhicAnndrais agus tha Gleann Mhoirbheinn air fad
agam air mhà l. Bha còig bailtean beaga air an fhearann
sin is dh'fhĂ s mi gu math beartach, a' toirt talamh do mhuinntir
nam bailtean air mhà l. Bha mi a' dèanamh cinnteach
gun robh cùisean a' ruith rèidh air fearann a' chinn-feadhna.
Aig aon Ă m bhiodh mo sheanair air a bhith air ceann muinntir
nam bailtean sin. Bhiodh e air a bhith sabaid ann an arm a' chinn-feadhna
ach dh'atharraich cĂąisean agus cha robh an ceann-feadhna
ag iarraidh nan daoine sin a dhol a shabaid dha tuilleadh. Ach bha
e ag iarraidh an cuid airgid!"
Calum
MacAilein
"Nise, seach gu bheil thu air coinneachadh ri daoine eile na
mo chinneadh, nach tèid thu air ais ann an tìm còmhla
rium gu 1800,
1814
no 1821."
|