10mh Giblean 2008 16:00, Maria
Tha mi-fhìn 's Gerald air a bhith a' deasbaid mu dè an coltas bu chòir a bhith air na prògraman.
Bhruidhinn sinn mu dheidhinn coltas rudeigin ùr, fionnar airson sgeulachdan
a’ gabhail à ite anns na bailtean agus coltas na bu bhlà ithe
agus na bu shìmplidh airson sgeulachdan dùthchail.
Shaoil mi gur e deagh bheachd a bhiodh ann sealltainn don sgioba gu lèir
na rudan air an robh sinn a’ beachdachadh.
Uaireannan tha e nas fhasa dealbh a dhèanamh do dhaoine. Ma tha thu mach air faireachdainnean no coltas tha e duilich a mhìneachadh le facail agus bhon nach tuig a h-uile duine Beurla, tha mi air mood board a chleachdadh cuideachd.
Chan eil ann am mood board ach cruinneachadh de dhealbhan, facail no dathan a tha a’ sealltainn faireachdainn, no aimsir.
Chaidh mi do mòr-bhùth Sìonach agus cheannaich mi irisean, stiocairean agus cairtean. Choimhead mi timcheall bùth ealain agus fhuair mi grìogagan, cailc agus snà ithlean. Mu dheireadh, lorg mi seann irisean a bh’ agam aig an taigh agus gheà rr mi rudan a-mach – an dà chuid dathan, no cuspairean a ghlac m’ aire.
Chuir mi a h-uile cà il air dà phìos chairt agus thog mi dealbhan dheth a chuir mi air falbh don sgioba againn ann an Sìona. Seallaidh mi iad cuideachd don neach-deasachaidh agus neach-dealbhachaidh aon uair 's gun tòisich iad còmhla rinn, gus am bi fios aig a h-uile duine dè tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh an seo.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Cruinneachadh de dhealbhan, facail no dathan a tha a' brosnachadh beachdan sgioba mun dreach a dh'fhaodadh pròiseact a ghabhail. Tha iad feumail aig toiseach pròiseact.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.