28mh Giblean 2008 09:00, Maria
Thug mi Mini Atlas of the World leam gu m' obair an-diugh agus bha e gu math feumail nuair a bha mi a’ bruidhinn ris an ³Ù°ù±ðò°ù²¹¾±³¦³ó±ð againn air a’ fòn. Bha e a’ moladh daoine agus à iteachan a bhiodh iomchaidh airson na sgeulachdan eadar-dhealaichte.
Nuair a tha thu ag ullachadh airson filmeadh, tha e cudromach gum bi deagh bheachd agad dìreach dè cho fada 's a bheir thu a’ siubhal bho à ite gu à ite agus dè an ùine a dh’ fheumas tu chur seachad anns gach à ite gus a h-uile cà il a tha dhìth ort fhilmeadh. Cho luath 's a tha am fiosrachadh seo agad, faodaidh tu clà r-ama a dhèanamh dhut fhèin a dh’ innseas cà ite am bi thu gach latha agus cò/dè bhios tu a’ filmeadh.



Bidh e duilich faighinn timcheall Sìona, an ceathramh dùthaich as motha san t-saoghal, as dèidh an Ruis, Canada agus na Stà itean Aonaichte leis na th’ againn de thìde. Tha e dualtach gum bi againn ri itealan a ghabhail a-mach 's a-steach às a h-uile à ite. Ged a shà bhaileas seo tòrr tìde, bidh e cosgail agus feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil airgead gu leòr sa bhuidseat.
An robh fios agad...
'S ann aig Sìona a tha an à ireamh-sluaigh as motha san t-saoghal (1.3 billean), am monadh as à irde (Everest), tha crìochan aice le 14 dùthchannan eile agus bu chòir còig raointean-tìm a bhith innte, ach chan eil ann ach aon.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Neach a bhios a' cur chùisean an òrdugh san dùthaich filmidh. Bho bhith a' lorg daoine a ghabhas pà irt ann an agallamhan agus a' lorg à itichean-filmidh gu bhith a' cur à itichean-fuirich air dòigh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.