15mh Giblean 2008 16:00, Gerald

Fhuair mi cairtean gnìomhachais. 'S e latha eachdraidheil a tha seo dhòmhsa. Tha mi air ainm a dhèanamh dhomh fhìn mu dheireadh thall.
Tha iad seo cudromach. Tha a h-uile sgioba riochdachaidh a chaidh gu Sìona air innse dhuinn gu bheil iad luachmhor dha-rìribh. Tha iad a’ dearbhadh cò thu. Tha iad air am meas mar rudan glè chudromach ann an Sìona.
'S e an rud as fheà rr mun tè agamsa, nuair a thèid a tionndadh - m’ fhiosrachadh pearsanta ann an Sìonais!
15mh Giblean 2008 16:00, Laura
Ma tha an teicneòlas freagarrach ann an Sìona, bhiodh sinn a' sùileachadh bhidio bhon sgioba gach latha fhad 's a tha iad ann ('s dòcha bho Dhiluain gu Dihaoine). Ach dh'fhaodadh nach bi cothrom aca sin a dhèanamh, agus nach fhaigh sinn ach teacsa agus dealbhan bhuapa air cuid de là ithean. Cha bhi fios againn air an sin gus an tig an t-à m.
Tha e an urra riumsa na stuthan "pre-production" air fad a chur suas air an là raich. Tha mòran dhen teacsa agus bhidio ri eadar-theangachadh bho Bheurla gu Gà idhlig, seach nach eil comas Gà idhlig aig an sgioba air fad – 's iongantach gum bi e fada gun tog iad facal no dhà !
Gus an stuth air fad a dheasachadh ann an tìde, bha eadar-theangaiche a dhìth oirnn, ach cha robh sin na thrioblaid oir tha eòlas againn air duine no dhithis a bhiodh glè fhreagarrach.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.