‘B e an Athenia a’ chiad shoitheach a chuireadh fodha le U-boat anns an Dà rna Cogadh air 3 Sultain 1939. Bha i air seòladh à Glaschu air a slighe a Mhontreal le 1100 neach-siubhail air bòrd, le còrr is 300 Ameireaganach a’ teicheadh bho chogadh na Roinn-Eòrpa nam measg.Cho-dhùin sgiobair U-30 gur e soitheach-cogaidh a bh’innte nuair a chunnaic e i mu 250 mìle an iar air Èirinn agus loisg e dà torpedo innte. Chaill 128 neach am beatha agus bha na thachair na dhearbhadh, ma bha sin a dhìth, air a’ chunnart a bha anns a’ Chuan Siar.

Trà th sa chogadh cuideachd chailleadh soithichean mar HMS Scotstoun, an 'Jervis Bay' agus am 'Maimoa' anns a' Chuan Innseanach.
Ann an 1941, air 26 Cèitean, chaidh am bà ta ainmeil Gearmailteach am 'Bismark' a chur fodha.

©Northwestern
University Library

