|  |

 Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dà rna
Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig
an à m sin.

- 1 Faoilleach
- Chuir 26 dùthchannan a bha sa Chaidreachas an ainm ri Foillseachadh nan
Dùthchannan Aonaichte.
- 9 Faoilleach
- Thòisich Iapan ionnsaigh air Na Filipìonan.
- 13 Faoilleach
- Thòisich na Gearmailtich ionnsaigh le U-boats air costa an ear Ameireagaidh.
- 14 Faoilleach
- Ghluais an Tirpitz gu ruige Trondheim agus sùil aig na Gearmailtich
casg a chur air na bà taichean a bha toirt bathar dhan Ruis.
- 20 Faoilleach
- Bha Reinhard Heydrich os cionn co-labhairt Wansee mun "fhuasgladh dheireannach"
a bha am beachd Hitler.
- 21 Faoilleach
- Stèidhichte a-nis ann an El Agheila, thòisich Rommel air ionnsaighean
ùra.
- 26 Faoilleach
- RÃ inig a' chiad shaighdearan Ameireaganach Breatainn.
- 2 Gearran
- Thòisich Iapan ionnsaigh air Singapore.
- 15 Gearran
- Ghèill Singapore air "Black Sunday".
- 19 Gearran
- Thug plèanaichean à Iapan ionnsaigh air Darwin an Astrà ilia
is chaidh 240 duine a mharbhadh.
- 6 MÃ rt
- Thug an Tirpitz ionnsaigh air Convoy PQ-12 ach chaidh a ruagadh le bomairean
bho HMS Victorious.
- 20 MÃ rt
- Thòisich ionnsaigh-adhair air Malta.
- 9 Giblean
- Ghèill na Filipìonan agus b' fheudar do 78,000 prìosanach
coiseachd 65 mìle marbhtach.
- 23 Giblean
- Ionnsaighean-adhair air bailtean ann am Breatainn.
- 26 Giblean
- Thòisich Rommel ionnsaigh an aghaidh Loidhne Gazala.
- 27 Cèitean
- Ann am Prague chaidh ceannard an SS, Heinrich Heydrich a mhurt.
- 30 Cèitean
- Thug an RAF a' chiad ionnsaigh le 1000 bomair air Cologne.
- Anns an Ã’gmhios
- Ann an Auschwitz, thòisich murt nan Iùdhach le gas.
- 21 Ã’gmhios
- Ghlac Rommel Tobruk.
- 27 Ã’gmhios
- Le 33 soitheach anns a' Chabhlach Mharsantach sheòl Convoy PQ-17
à Innis Tìle a' dèanamh air Archangel.
- 30 Ã’gmhios
- RÃ inig Rommel El Alamein, faisg air Cairo.
- 1-30 Iuchar
- A' chiad bhlà r aig El Alamein.
- 2 Iuchar
- Fhuair na Gearmailtich smachd air Sebastopol.
- 5 Iuchar
- Thug na Gearmailtich fìor ionnsaigh air PQ-17.
- 9 Iuchar
- Thòisich na Gearmailtich a' gluasad a dh'ionnsaigh Stalingrad.
- 10 Iuchar
- Rainig a' chiad dà bhà ta bho PQ-17 Archangel. Chailleadh 23
soitheach air fad 's iad a' giùlain 430 tanca, 210 plèanaichean,
3,350 carbad agus faisg air 100,000 tunna bathair.
- 22 Iuchar
- Chaidh a' chiad bhuidhnean dhaoine a chur a-mach à ghetto Warsaw
gu ruige nan campaichean-bà is. Chaidh campa Treblinka fhosgladh.
- 4 Lùnastal
- Chaidh an Richmond Castle a chur fodha.
- 7 Lùnastal
- Chaidh an Seanailear Bernard Montgomery, "Monty", os cionn an
8th Army ann an Afraga a Tuath. Chaidh na h-Ameireaganaich air tìr
an Guadalcanal.
- 12 Lùnastal
- Choinnich Stalin agus Churchill ann am Moscow
.
- 17 Lùnastal
- Thug na h-Ameireaganaich an ciad ionnsaigh-adhair leotha fhèin anns
an Roinn Eòrpa.
- 23 Lùnastal
- Thug na Gearmailtich ionnsaigh-adhair mhòr air Stalingrad.
- 2 Sultain
- Chuir "Monty" an ruaig air Rommel aig blà r Alam Halfa.
- 13 Sultain
- Thòisich Blà r Stalingrad.
- 23 DÃ mhair
- Thòisich Blà r El Alamein an aghaidh feachdan Rommel an ceann
a tuath Afraga.
- 1 Samhain
- Le Operation Supercharge bhris feachdan a' Chaidreachais tro loidhnichean
na nà mhaid aig El Alamein.
- 4 Samhain
- Bha a' bhuaidh aig "Monty" aig El Alamein.
- 8 Samhain
- Thòisich Operation Torch - le Ameireaganaich a' dol a-steach a dh'Afraga
a Tuath.
- 11 Samhain
- Ghabh na Gearmailtich agus na h-Eadailtich a-steach do Vichy France.
- 19 Samhain
- Thòisich na Sobhietich a' sabaid as ùr gus Stalingrad a ghabhail.
- 2 Dùbhlachd
- Chuir an t-Ollamh Enrico Fermi reactar niùclasach air dòigh
ann an Chicago.
- 13 Dùbhlachd
- Tharraing Rommel air ais à El Agheila.
- 16 Dùbhlachd
- Chaill feachdan Eadailteach an aghaidh nan Sobhieteach air Abhainn Don.
- 17 Dùbhlachd
- Dh'innis Antony Eden, Rùnaire nan Dùthchannan Cèin,
do Thaigh nan Cumantan mar a bha na Nà saich a' murt nam mìltean
de dh'Iùdhaich. Thuirt na h-Ameireaganaich gu sireadh iad dìoghaltas
airson nan eucoirean sin.
- 31 Dùbhlachd
- Blà r Muir Bharents eadar soithichean Gearmailteach agus soithichean
Breatannach.
|
|