Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
a nochd is tu bhuam
- ged a bhiodh cuairt nan reul
- eadar mi is tu
- cha chrìon an snà th-sìoda
- a chuibhrich thu rium
- a cheangail mi riut,
- agus a-nochd is tu bhuam
- tha mi san dubhar
- cur bhriathran thugad
- luchd mo chridhe
- faclan trom dorcha gun chruth,
- foghair is connrag
- a' sìolachadh gu ciall,
- mar a tha duilleach nan craobh
- a' cromadh nan geug,
- anns an doilleir
- san oiteag
- a' mireadh an guirme
- priobadh na camhanaich
a nochd is tu bhuam
Tha 'luchd' – cuideam, mar carago ann am bà ta – air a chridhe, luchd de fhaclan às a bheil e a' feuchainn ri bà rdachd, no ciall, a dhèanamh.
