µþà °ù»å²¹³¦³ó»å - smuaint à broadway
DÃ n 3
Tha am bà rd a' cleachdadh an fhacail 'manhattan', ann an clò eadailteach, aig toiseach gach earrainn / rainn, mar seòrsa de shèist. Tha seo agus cruth nan rannan fhèin – trì loidhnichean, mar as trice den aon fhaid agus ruitheam – a' toirt dhuinn faireachdainn gur e duan, no 'chant', a tha an seo. Tha coltas aige ri òran-luaidh cuideachd anns an dòigh sa bheil e a' cumail a' dol air ais chun an aon rud ach gar toirt ceum air adhart gach turas cuideachd.
Tha a' chiad cheithir rannan a' tòiseachadh san aon dòigh – 'manhattan / ainm nan à irde'. Tha Manhattan ainmeil airson togalaichean à rda agus a rèir choltais 's e 'eilean nan cnoc' a tha an t-ainm a' ciallachadh ann an cà nan nan daoine leis an robh e an toiseach.
Tha a' chiad trì rannan a' ruith air na stuthan dhe bheil mòr-thogalaichean Manhattan dèante - glainne, stà ilinn agus clach – gach turas a' cur rud ùr ris an tuairisgeul. Tha iad mar airgead-beò, tha iad a' lùbadh sa ghaoith, tha iad nan dachaigh do dhaoine beairteach agus bochd. Sin Manhattan, mar a tha e an-diugh.
Tha an ceathramh rann diofraichte. 'S e Manhattan an t-ainm a bha aig ainm 'tùs-sluagh na tìr' air an à ite seo. 'S iad sin na daoine a bha ann an Ameireaga mus tà inig na h-eilthirich às an Roinn-Eòrpa. Tha an seann sluagh sin an seo fhathast, tha am bà rd ag rà dh, anns an spiorad co-dhiù, ged a chaidh an t-à ite a thoirt bhuapa agus iad fhèin a sgiùrsadh a-mach à s. Tha am 'bith', an spiorad, a' cumail 'faire', a' cumail sùil air gnothaichean. Tha an eachdraidh aca gun chadal.