µþà °ù»å²¹³¦³ó»å - Tha Thu air Aigeann M' Inntinn
DÃ n 2
Tha Mac a' Ghobhainn glè thric a' tarraing air feallsanachdan à raidh na bhà rdachd, agus gu sònraichte feallsanachd a' buntainn ri eòlas-inntinn. Tha an dà n seo stèidhte air beachdan Freud agus Jung mun 'fo-mhothachadh' - no an 'sub-conscious' - 's e sin rudan a tha air a dhol às ar cuimhne ach a tha air an gleidheadh fhathast am badeigin nar n-inntinn ged nach eil sinn mothachail orra. Chan eil smachd againn air na rudan seo: faodaidh iad tighinn gu ar cuimhne gun iarraidh no faodaidh iad fuireach falaichte nuair a tha sinn a' feuchainn ri cuimhneachadh orra.
Anns an dà n seo tha am bà rd a' bruidhinn air cuideigin air an robh e glè eòlach aig aon à m, a rèir choltais. Bha e air dìochuimhneachadh mu deidhinn ach tha e ag rà dh, a dh'aindeoin sin, gu bheil i fhathast an à iteigin na inntinn, 'gun fhios dha'.
Is e 'an t-aigeann' doimhneachd na mara. Tha am boireannach air a dhol fodha dhan doimhneachd air grunnd inntinn, fon uachdar far a bheil na rudan air a bheil cuimhne aige. Tha e ga coltachadh ri dà ibhear, le clogaid agus deise-dà ibhidh. Tha e doirbh coltas dà ibheir a dhèanamh a-mach tron deise-dà ibhidh is an sgriona glainne agus tron uisge. Anns an aon dòigh, chan eil dealbh cheart aig a' bhà rd air 'fiamh' (coltas) na tè a bha seo no a 'dòigh' (a nà dar).
Tha e a' tionndadh an uair sin chun adhbhair airson an t-suidheachaidh seo. Tha còig bliadhna air a dhol seachad o bha iad an cuideachd a chèile. Tha e a' coltachadh na h-ùine sin, agus na rudan a thachair san ùine sin, ri uisge a' dòrtadh. Tha Mac a' Ghobhainn tric a' cleachdadh uisge mar shamhla air rudan a' gluasad agus ag atharrachadh. Tha an t-uisge a' cruthachadh na doimhneachd a tha a' tighinn eatarra agus a tha ga falach air.
Tha e a' feuchainn ri a slaodadh gu uachdar na mara, no uachdar na cuimhne. Tha e a' feuchainn ri cuimhneachadh ceart co ris a bha i coltach - ach tha na là mhan aige 'fann' agus tha an t-uisge a tha eatarra uimhir ri na 'beanntan'. Cha tèid aige a-chaoidh air a toirt air ais chun uachdair.
Tha Mac a' Ghobhainn a' toirt dealbh air an 'fho-mhothachadh' mar à ite draoidheil, mì-nà darrach. Mar eisimpleir, tha na lusan 'dìomhair', chan eil ann ach 'leth-sholas' agus tha e 'uaine' agus 'gun ghrà dh'. Tha ise mar gum biodh i ann an trom-laighe no bruaillean, tha 'suain' cadail oirre ach feumaidh i bhith gluasad 'gun stad'. Tha am facal 'tathaich' a' cur ris an fhaireachdainn aognaidh seo. Tha e a' ciallachadh fuireach ann an à ite an seo ach tha e cuideachd air a chleachdadh airson manadh no taibhs, 's dòcha an dà ibhear le a dhà shùil mhòr? Tha am fo-mhothachadh na shaoghal mì-nà darrach, bagairteach.
Ann an dòigh, dh'fhaodar a rà dh gur e òran gaoil a tha seo, ach òran gaoil annasach!