µþà °ù»å²¹³¦³ó»å - Na h-Eilthirich
DÃ n 4
Tha 'Na h-Eilthirich' mu dhaoine a dh'fhà g na h-Eileanan anns na seann là ithean agus a chaidh a-null a Chanada air bà taichean-siùil. Tha siùil nam bà taichean a' cuimhneachadh dhan bhà rd nèapaigear: tha 'nèapaigear' a' samhlachadh caoineadh agus tha am muir ('deòirean') a' togail air an ìomhaigh sin. Tha an loidhne 'anns na croinn aca seòladairean a' seinn' a' cuimhneachadh dhuinn nan seann òran anns am biodh seòladairean ag innse mun chianalas a bha orra, m.e. 'Ged shreapainn bhà rr nan crann aice / Chan fhaic mi beanntan Leòdhais'. 'S e a' phrìomh chuimhne a tha againn air na h-eilthirich, tha e a' rà dh, cianalas agus bròn.
Tha ìomhaighean nas toilichte an seo cuideachd, ge-tà . Mar eisimpleir, tha siùil nam bà taichean mar 'sgiathan geal', tha na seòladairean a' seinn anns na croinn mar eòin anns na craobhan ('croinn' de sheòrsa eile). 'S e muir samhraidh a tha ann agus tha e gorm (agus ciùin?), tha a' ghealach 'mar mheas buidhe', tha 'gealach air an oidhche agus grian air an latha' … Tha a h-uile cà il dìreach mar bu chòir.
A bheil e a' ciallachadh le seo gu bheil dà thaobh air imrich gu dùthaich ùr? Tha cianalas air na daoine a tha a' falbh gun teagamh ach tha cothroman ùra a' feitheamh orra san dùthaich dha bheil iad a' dol. Tha bròn agus dòchas anns an imrich aca.
Tha Mac a' Ghobhainn a' cur tionndaidhean ùra ann an seann ìomhaigh aig an deireadh, mar a bhios e a' dèanamh glè thric. Anns na seann òrain Ghà idhlig – agus gu h-à raidh òrain nan seòladairean – bha a' ghealach na samhla air cianalas, m.e. 'Bidh a' ghealach toirt nam chuimhne/An oidhche mus do sheòl sinn.' San dà n seo tha a' ghealach an toiseach mar 'thruinnsear air balla' agus an uair sin mar 'mhagnait airgeadach'.
Bhiodh daoine uaireigin a' crochadh thruinnsearan brèagha air a' bhalla ach dè tha 'ris an tog iad an là mhan' a' ciallachadh'? Mar as trice tha togail là mhan a' ciallachadh adhradh no ùmhlachd. An e sin a tha e a' ciallachadh an seo no rudeigin eile?
Is e ìomhaigh de sheòrsa ùr, annasach a tha sa 'mhagnait airgeadach'. Tha a' ghealach a-nise air a faicinn mar inneal eileagtronaigeach a tha a' cur gathan sìos gu talamh agus a' goirteachadh cridhe nan eilthireach. Tha i fhathast na comharra air cianalas, mar a bha i sna seann òrain, ach tha Mac a' Ghobhainn air tionndadh ùr a chur san t-seann ìomhaigh a tha a' toirt oirnn smaoineachadh. Tha seo a' tachairt tric na bhà rdachd.
'S e saor-rannaigheacht a tha am bà rd a' cleachdadh anns an dà n seo.