Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Fios Chun a' Bhà ird
- Tha a' mhadainn soilleir grianach,
- 'S a' ghaoth 'n iar a ruith gu rèidh;
- Tha an linne sleamhainn sìochail
- On a chiùinich strì nan speur;
- Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
- 'S cha chuir sgìths i dh'iarraidh tà mh;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- A' toirt an fhios seo chun a' Bhà ird.
- Seo crùnadh mais' a' mhìos
- San tèid don dìthreabh treudan bhò,
- Do ghlinn nan lagan uaigneach
- Anns nach cuir 's nach buainear pòr;
- Leab-innse buar nan geum –
- Cha robh mo roinn diubh 'n-dè le cà ch;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Tha mìltean sprèidh air faichean
- 'S caoraich gheal' air creachainn fhraoich,
- 'S na fèidh air stùcan fà sail,
- Far nach truaillear là r na gaoith;
- An sìolach fiadhaich neartmhor
- Fliuch le dealt na h-oiteig thlà ith;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Tha an còmhnard 's coirean garbhlaich,
- Còrs' na fairg' 's gach grà inseach rèidh,
- Le buaidhean blà ths na h-iarmailt
- Mar a dh'iarramaid gu lèir;
- Tha 'n t-seamair fhiadhain 's neòinean
- Air na lòintean feòir fo bhlà th;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Na caochain fhìor-uisg' luath
- A' tighinn a-nuas o chùl nam mà m
- Bho lochain ghlan' gun ruadhan
- Air na cruachan fad' on trà igh;
- Far an òl am fiadh a phailteas,
- 'S bòidheach ealtan lach gan snà mh;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Tha bogha mòr an t-sà ile
- Mar a bha le reachd bith bhuan,
- A' mòrachd maise nà dair
- 'S a cheann-à rd ri tuinn a' chuain –
- A riomball geal seachd mìle,
- Gainmhean sìobt' o bheul an là in;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Na dùilean, stèidh na cruitheachd,
- Blà ths is sruthan 's anail neul,
- Ag altram lusan ùrail
- Air an laigh an driùchd gu seimh
- Nuair a thuiteas sgà il na h-oidhche,
- Mar gum b' ann a' caoidh na bha;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Ged a roinneas gathan grèine
- Tlus nan speur ri blà th nan lòn,
- 'S ged a chithear sprèidh air à irigh
- Is buailtean là n de dh'à lach bhò,
- Tha ÃŒle an diugh gun daoine;
- Chuir a' chaor' a bailtean fas;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Ged thig à nrach aineoil
- Gus a' chaladh 's e sa cheò,
- Chan fhaic e soills' on chagailt
- Air a' chladach seo nas mò;
- Chuir gamhlas Ghall air fuadach
- Na tha bhuainn 's nach till gu brà th;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Ged a thogar feachd na h-Alb'
- As cliùiteach ainm air faich' an à ir,
- Bithidh bratach fhraoich nan ÃŒleach
- Gun dol sìos ga dìon le cà ch;
- Sgap mìorun iad thar fairge,
- 'S gun ach ainmhidhean balbh nan à it';
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Tha taighean seilbh na dh'fhà g sinn
- Feadh an fhuinn nan cà rnan fuar;
- Dh'fhalbh 's cha till na GÃ idheil;
- Stad an t-Ã iteach, cur is buain;
- Tha stèidh nan là rach tiamhaidh
- A' toirt fianais air 's ag rà dh,
- "Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Leig am fios seo chun a' Bhà ird."
- Cha chluinnear luinneag òighean,
- Sèist nan òran air a' chlèith,
- 'S chan fhaicear seòid mar b' à bhaist
- A' cur bà ir air faiche rèidh;
- Thug ainneart fògraidh uainn iad;
- 'S leis na coimhich buaidh mar 's à ill;
- Leis na fhuair 's a chunnaic mise,
- Bhiodh am fios seo aig a' Bhà ird.
- Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
- No 'm fear-astair fois o sgìths,
- No soisgeulach luchd-èisteachd;
- Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
- Tha an nathair bhreac na lùban
- Air na h-ùrlair far an d' fhà s
- Na fir mhòr' a chunnaic mise;
- Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
- Lomadh ceà rn na h-Ò,
- An Lanndaidh bhòidheach 's Roinn MhicAoidh,
- Tha 'n Learga ghlacach ghrianach
- 'S fuidheall cianail air a taobh;
- Tha an Gleann na fhiadhair uaine
- Aig luchd-fuath gun tuath, gun bhà rr;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Leig am fios seo chun a' Bhà ird.
Fios Chun a' Bhà ird
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
