Tha bhà rdachd a' dèanamh dealbh air blà r mòr ann an eachdraidh Ìle
Blà r Thrà igh Ghruinneard. Tha Blà r Thrà igh Ghruinneard aig MacDhunlèibhe a' dèanamh dealbh dhuinn air blà r mòr ann an eachdraidh Ìle, 's ann an eachdraidh nan eilein, a thachair ann an 1598, nuair a thà inig Lachlan Mòr MacIlleathain à Dubhairt ann am Muile a-null a thogail a' chath an aghaidh nan Dòmhnallach. Agus bha na Dòmhnallaich aig an à m ud nan sealbhadairean air Ìle. Bha iad aig cridhe chùisean, agus bha Ìle agus na Dòmhnallaich dìreach cho teann 's a ghabhadh. Bha co-bhanntachd anabarrach là idir eadar na Dòmhnallaich agus Eilean Ìle, mar rìghrean nan Eilein, agus mar ghaisgich anns a' cheà rnaich sin den dùthaich.
Nise bha na Leathanaich ann am Muile agus bha iad a' cuir a' chatha nan aghaidh, feuch am faigheadh iad fhèin sealbh air Ìle agus air na h-à iteannan sin. Thà inig Lachlan Mòr a-null a thogail cath an-aghaidh Sheumais Dhòmhnallaich, agus chaidh a mharbhadh aig Gruinneard ann an Ìle - thà inig e air tìr leis na Leathanaich agus chaidh a mharbhadh ann a' sin. Agus thionndaidh an là an-aghaidh nan Leathanach agus chaidh e leis na Dòmhnallaich.
Chan eil mòran againn idir ann an eachdraidh sgrìobhte mu Bhlà r Thrà igh Ghruinneard. Mar sin, tha mar gum biodh beà rn ann an eachdraidh. Agus tha MacDhunlèibhe mar gum biodh e a' lìonadh beà rn ann an eachdraidh, eachdraidh a' bhlà r a tha seo, nuair a sheas na Dòmhnallaich gu daingeann an aghaidh nan Leathanach, agus chaidh an là leis na Dòmhnallaich 's an aghaidh nan Leathanach.
Tha e lìonadh beà rn ann an eachdraidh 's tha e toirt dealbh uabhasach brèagha dhuinn ann an dòigh ghaisgeil, air mar a bha an dà fheachd, an dà airm, a' strì an aghaidh a chèile.
Anns an dà n seo, tha thu faireachdainnean gu bheil thu uabhasach faisg air na dà in chlasaigeach, gur e seòrsa de Homer a th' ann a' MacDhunlèibhe. Tha e smaoineachadh air na gaisgeach a bh' ann o shean, 's tha e gan cuir beò fad chomhair.
Agus tha e cho snasail, nam bheachdsa, an dà n a tha seo. Nuair a dheasaich mise e, o chionn dhà no tri bhliadhnachan a-nise, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis. Bha uiread de chà ineadh aig daoine air MacDhunlèibhe, aig Somhairle MacGhill-Eathain agus Ruaraidh MacThòmais, ag rà dh nach robh na dà in fhada bha sin math idir. Agus nuair a thòisich mise air an dà n a bha seo a sgrùdadh, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis. Shaoil mi gu robh e dìreach mìorbhaileach. Cha b' urrainn dhomh sguir gus an robh mi air a thuigsinn air fad, gus an robh e air eadar-theangachadh agam ann an dòigh a bha snasail don Bheurla, gus an tuigeadh luchd na Beurla cho brèagha 's a bha seo.
Agus saoilidh mi gur e seo an rud a dh'fheumas sinn a bhith beachdachadh air a thaobh Uilleam MhicDhunlèibhe - cho math 's a tha e air na rudan a thachair o shean a chur far comhair. Agus gu sònraichte, agus seo a' phuing mhòr ann am Blà r Thrà igh Ghruinneard, cho gaisgeil 's a bha na gaisgich. Cha b' e daoine bog a bh' annta idir, ach daoine mòra, mòra. Tha na Leathanaich agus Clann Dòmhnaill cha mhòr dìreach co-ionann ri chèile a thaobh neart. Agus mur a b' e gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh ri saighead a thà inig air bho fhear beag à Diùra, saighead phuinnseanta a bhuail anns an Leathanach, cha mhòr nach robh na Leathanaich air buannachd air na Dòmhnallaich. Tha an cath cho teann sin, agus 's e aon rud beag a tha ag atharrachadh chùisean. Bha iad le chèile cho gaisgeil.
Agus a' mheatarachd a th' aige ann a' sin, tha i gu math sgaoilte uaireannan, ach chan e rannan à bhaisteach a th' aige. Tha an uaim 's an fhaicear, tha iad a' ruith mar gum biodh seòrsa de dhà in Bheurla. Tha cruth ùr air an dà n a tha seo, seach na dà in a bhiodh agad anns a' Ghà idhlig aig an aon à m. Mar sin, Blà r Thrà igh Ghruinneard, o 's fìor thoigh leam an dà n sin. Tha e math, math agus tha e a' crìochnachadh ann an dòigh a tha cho snasail, saoilidh mise. 'S tha mise tur eadar-dhealaichte nam bheachd air a' seo seach na daoine eile a bha sgrìobhadh mu MhacDhunlèibhe. Saoilidh mise gu bheil e crìochnachadh ann an dòigh a tha eireachdail, le pìobaireachd a tha a' comharrachadh bàs - bàs a' Leathanaich. Agus dìreach cho truagh 's a bha seo gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh aig Gruinneard.
Tha an dà n seo cho cothromach 's a dh'fhaodas MacDhunlèibhe a bhith, agus e fhèin cho faisg air Ìle 's air na Dòmhnallaich, 's cho mòr asta. Cho gaisgeil 's a tha na gaisgich, sin agad an teachdaireachd, agus saoilidh mi cuideachd gu bheil rud eile dol a' seo. Aig an à m sin bha saighdearan Gà idhealach a' sabaid anns a' Chrimea, agus bha Ìleach mòr air an ceann, Cailean Caimbeul. Agus tha moit, moit ann an cridhe Uilleam MhicDhunlèibhe gun robh an gaisgeach a tha seo, Cailean Caimbeul, air nochdadh 's gun robh a' dèanamh èigheachdan às leth iompaireachd Bhreatainn anns a' Chrimea. 'S tha mi smaoineachadh gu bheil seo air cùl chùisean cuideachd, gum faodadh eachdraidh an ama a leughadh ann am Blà r Thrà igh Ghruinneard. Tha na strìthean mòra a tha seo a' tighinn uair is uair ann an eachdraidh an t-saoghail, agus ann am bà rdachd MhicDhunlèibhe.