Dealbh air beatha a' bhà ird
Rugadh Uilleam Ros anns a' bhliadhna 1762, seachd ceud deug as dèidh bliadhna Theà rlaich.
Nuair a rà inig e aois inbheach bha iomadh gluasad ri tighinn air a' Ghà idhealtachd. Bha an Riaghaltas air na laghannan an-aghaidh ar-a-mach gu bhith aig a' Ghà idheal, an-aghaidh an èideadh Ghà idhealach 's rudan mar sin. Bha iad air na laghannan sin a chur à bith.
Bha e tighinn gu bhith, cha mhòr nach canadh tu gu robh e fasanta a bhith na do Ghà idheal agus bha na Comainn Ghà idhealach ann an Lunnainn agus ann an Glaschu agus ann an Dùn Èideann 's ann an à iteachan eile, bha iad a' togail orra a' feuchainn ri ìomhaigh nan Gà idheal a thogail, agus 's ann dhan linn seo a bhuineas cuid de na còmhstrithean gabh mo leisgeul, a bhuineas 's ann dhan linn seo a bhuineas cuid de na farpaisean, na co-fharpaisean a bhuineas ris a' phìob-mhòr agus ris a' Ghà idhlig, far am biodh na bà ird air an toirt gu rudan car coltach ris a' Mhòd ann an Dùn Èideann, agus bidh daoine mar Donnchadh Bà n is bà ird eile a' togail cliù nan Gà idheal, cliù na pìoba, cliù na Gà idhlig, 's mar sin air adhart.
Tha mi faireachdainn gu robh sin uile ann, agus thà inig, 's dòcha gun deach Bliadhna Theà rlaich mar a bha e, mar a bha, fhios agad le, le murt agus marbhadh agus fulang de gach sheòrsa, gu robh sin air a dhol à cuimhne, glan às a' chuimhne aig daoine agus thà inig mac-talla air ais gu daoine nuair a chualas gu robh am Prionnsa Teà rlach air bàs fhaighinn. Bha esan air a bhith tighinn beò san Roinn Eòrpa air fògradh bho chionn fhada, 's bha athair air caochladh bho chionn fhada.
Bhà saich e-fhèin anns an Roimh, fhathast an dòchas gun tilleadh e uair no uaireigin, ach a' cumail a' dol leis an deoch 's rudan mar sin, mar a chanas iad. Agus thà inig, thà inig an naidheachd gu robh the 'Young Pretender' marbh agus bha faireachdainn, 's dòcha, aig a' bhà rd nach robh e, nach robh e tuigsinn buileach dè chanadh e. Nan robh e 's dòcha air a bhith dà fhichead bliadhna na, na bu shine, bhiodh e furasta dha a dhèanamh mar a rinn cuid de na bà ird eile, a bhith cuimhneachadh air an dà shaoghal, nach ann oirnn a thà inig an dà latha, 's rudan mar sin.
Ach, 's ann a bha e feuchainn ri sìneadh a-mach agus feuchainn ri buntainn ris an seann t-saoghal sin as an robh daoine leis a' chlaidheamh mhòr agus na fineachan Gà idhealach a' dol a-mach. Cha robh sin a' dol a thachairt. 'S e bha tachairt a-nise ach Rèiseamaidean Gà idhealach gan togail air feadh na Gà idhealtachd, 's daoine dol dhan Fhraing agus dhan Èiphit agus do dh'à iteachan mar sin, a thogadh an-aghaidh na Frangach – saoghal eile.
Agus, tha mi-fhìn a' smaoineachadh gu robh e faireachdainn gu bheil rudeigin glè chudromach air tachairt, 's cha robh e buileach furasta dhà san, dèanadh mar a dh'fheumadh am bà ird a bhith dèanamh, 's e sin a bhith trusadh beachdan is smaointinn gach duine agus gan toirt a-mach ann an dòigh reusanta.
Mar sin, tòisichidh an dà n le gu math mall mar rud a bhuineas ri tìodhlacadh, "Soraidh slà n don t-Suaithneas Bhà n, gu Là Luain cha ghluais o 'n bhà s," 's rudan mar sin, agus tha thu faireachdainn gur e rud caran bà smhor a th' ann, tha dol a nochdadh. 'S an uair sin tha e 'g innse dhut, uill, nuair a bha sinn a' dol air cuairt, mi-fhìn 's cuid de dhaoine eile, thachair sinn ri teachdaire is dh'innis e dha, dh'innis e dhuinne gu robh am Prionnsa marbh agus tha e 'g innse dhuinn a' seòrsa rabhadh a th' ann, gur e rud, fhios agad, a tha dìreach a' dol a thighinn à là rach na bonn a th' aige.
Chan e seo rud a bheireadh an seann bhà ird dhut, ach rud a tha mise dol a thoirt dhut. 'S tha e dìreach gad leigeil a-steach dhan sgeulachd, 's an uair sin na smuaintean aige, 's tha e smuaintean air 's tha e faicinn - aon rud a tha e faicinn, tha e faicinn gu bheil atharrachadh no caochladh a' tighinn nà dar timcheall air. Tha e mar gum b' ann gu bheil nà dar a' freagairt air a' bhròn 's air a' mhulad a tha daoine faireachdainn, 's tha e faicinn na h-eòin a' cromadh an cinn, tha e faicinn na daoine, an uair sin mar phà irt de nà dar, a' faireachdainn brònach, agus sin an dòigh as a bheil e gar toirt a-steach dhan rud a bh' ann.
Chan eil e bruidhinn air a' Phrionnsa mar phearsa mar a dhèanadh Mac Mhaighstir Alasdair, no cho, cho dà icheil 's cho bòidheach 's a bha e, no rud sam bith mar sin. Tha e bruidhinn air an là as an robh e-fhèin beò agus na rudan a bha e faicinn. 'S dòcha gun tà inig dalladh air, 's gun tà inig dorchadas air an là na inntinn fhèin, 's gum fac' e a' ghrian dol sìos, a' ghrian ga mùchadh, a' ghrian ga falach fhèin, 's rudan mar sin. Sin an seòrsa rud a tha e cur an cèill dhuinn faireachdainn a' bhà ird.