Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Ã’ran Eile
- Tha mise fo mhulad san à m,
- Chan òlar leam dram le sunnd;
- Tha durrag air ghur ann am chà il
- A dh'fhiosraich do chà ch mo rùn;
- Chan fhaic mi dol seachad air srà id
- An cailin bu tlà ithe sùil –
- 'S e sin a leag m' aigne gu là r
- Mar dhuilleach o bhà rr nan craobh.
- A ghruagach as bachlaiche cùl,
- Tha mise gad ionndrainn mòr;
- Ma thagh thu deagh à ite dhut fèin,
- Mo bheannachd gach rè gad chòir;
- Tha mise ri osnaich nad dhèidh
- Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
- Na laighe san à raich gun fheum,
- 'S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
- 'S e dh'fhà g mi mar iudmhail air treud,
- Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
- Do thuras thar chuan fo bhrèid,
- Thug bras shileadh dheur om shùil;
- B' fheà rr nach mothaichinn fèin
- Do mhaise, do chèill 's do chliù,
- No suairceas milis do bhèil
- As binne na sèis gach ciùil.
- Gach anduin' a chluinneas mo chà s
- A' cur air mo nà dar fiamh,
- A' cantainn nach eil mi ach bà rd
- 'S nach cinnich leam dà n as fiach –
- Mo sheanair ri pà igheadh a mhà il
- Is m' athair ri mà ileid riamh –
- Chuireadh iad gearrain an crann
- Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
- Is fad' a tha m' aigne fo ghruaim,
- Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
- Mi 'm breislich mar à nrach a' chuain
- Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
- 'S e ionndrainn d' Ã bhachd bhuam
- A chaochail air snuadh mo neòil,
- Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
- Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
- Cha dùisgear leam ealaidh air à ill',
- Cha chuirear leam dà n air dòigh,
- Cha togar leam fonn air clà r,
- Cha chluinnear leam gà ir nan òg;
- Cha dìrich mi bealach nan à rd
- Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
- Ach triallam a chadal gu brà th
- Do thalla nam bà rd nach beò.
Ã’ran Eile
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
