Âé¶¹Éç

18mh linn / Uilleam Ros

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Ã’ran Cumhaidh

Dàn 2

Tha an t-òran a' tòiseachadh ann an dò¾±²µ³ó caran spòrsail. Tha iadsan a bhios a' sgaoileadh naidheachdan mu dhaoine eile – na "tuathdaidhean" – a' faighneachd saoil dè chaidh ceàrr eadar am bàrd agus cuspair a' ghaoil. Uill, innsidh e dhaibh, tha e ràdh – ach ann an dò¾±²µ³ó fhalaichte, tro sheann uirsgeul.


Dh'fheuch Cailean Cormac ri a bhristeadh-cridhe fhèin a chur às a chuimhne le bhith cluiche na clàrsaich (agus le falbh às an dùthaich) ach bha an gaol ro làidir agus cha deach leis. Tha an aon rud a' tachairt do Ros an seo oir, ged a chuir e roimhe a ghaol fhalach, tha e mu dheireadh ga chur an cèill ann an sreath rannan a tha cho brèagha is làn faireachdainn 's gu bheil iad air an seinn chun an latha an-diugh, mar eisimpleir na rannan a' tòiseachadh: "Gur binne leam do chòmhradh" agus "Carson nach d'rugadh dall mi?".


Tha Ros a' togail san dàn seo rudan a tha a' cur dragh air ged nach eil iad a' buntainn gu dlùth ri ghaol do Mhòr Ros, mar eisimpleir a shlàinte (mas e sin a tha "saighead air mo ²µ³ó¾±Ã¹±ô²¹²Ô" a' samhlachadh) agus an tàmailt a tha air mu mar a tha daoine a' cur sìos air a staid san t-saoghal (gun »å¾±Ã¹ dha na tàlantan aige) agus airson mar a dh'fhàg Mòr Ros an dùthaich ann an uimhir a chabhaig. Tha na rudan sin a' dèanamh an dàin nas onaraiche - agus na coileanta, a' gabhail a-steach gach taobh de a shuidheachadh.


Ã’ran Cumhaidh

  • Gur binne leam do chòmhradh
  • Na smeòrach nan geugan,
  • No cuach sa mhadainn Mhàighe,
  • 'S na clàrsach nan teudan,
  • Na 'n t-Easbaig air Là Dòmhnaich
  • 'S am mòr-shluagh ga èisteachd,
  • No ge do chunnte stòras
  • Na h-Eòrpa gu lèir dhomh.
  • Ach 's truagh gum beil do °ùù²Ô-sa
  • Cho »åù°ù dha mo leanmhainn,
  • 'S mo chridhe steach ga ²µ³ó¾±Ã¹±ô²¹²Ô
  • A h-uile taobh dham falbh mi:
  • An cadal domh no dùsgadh,
  • A' ²õù²µ°ù²¹»å³ó no seanchas,
  • Tha siud dam ruagadh daonnan,
  • 'S mi sgaoilte gun tearmann!

Ã’ran Cumhaidh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Ã’ran Cumhaidh

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, Òran Cumhaidh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.