Âé¶¹Éç

18mh linn / Uilleam Ros

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - An Suaithneas Bàn

Dàn 3

Cha do rugadh Uilleam Ros gu mu 15 bliadhna às dèidh Bliadhna Theàrlaich agus mar sin tha e nàdarrach gur e cianalas airson àm a dh'fhalbh a' phrìomh fhaireachdainn a tha a' tighinn am follais anns a' mharbhrann seo dhan Phrionnsa.


Tha an dàn làn iomraidhean air osnaich agus deòir, le fiù 's na h-eòin is na beanntan a' cur an cèill am faireachdainn mu bhàs a' Phrionnsa (seo an dòigh-sgrìobhaidh ris an canar pathetic fallacy sa Bheurla).


Tha Ros a' cleachdadh fhuaimean sòlaimte airson a chianalas a chur an cèill, mar an dòigh a tha 'ua' agus an 'à' air an snìomh còmhla san t-sèist, agus tha e a' cur ri seo le bhith cleachdadh seann Ghàidhlig fhoirmeil mar 'tìrte an caol-chist' ±ôì´Ç³¾³ó³Ù²¹ bhòrd'.


Chan e dàn-brosnachaidh a tha an seo oir bha an t-àm sin seachad: 's ann a tha Ros an seo a' cruthachadh, cha mhòr mar dhleastanas, cuimhneachan lìomhte, romansach dhan Phrionnsa agus do linn a tha seachad.


An Suaithneas Bàn

  • Air bhith dhòmhsa triall thar druim
  • Air Didòmhnaich 's còmhlan leam,
  • Leughas litir naidheachd leinn,
  • 'S cha sgeul ait a thachair innt'.
  • 'S trom leam m' osnaich anns gach là,
  • 'S tric mo smuaintean fad' o làimh;
  • Cluain an domhain, truagh an »åྱ±ô,
  • Gur cobhartach gach feòil don bhàs.
  • Bha mi seal am barail chruaidh
  • Gun cluinnte caismeachd mun cuairt,
  • Cabhlach Theàrlaich thighinn air chuan,
  • Ach thrèig an »åྱ±ô mi gu Là Luain.
  • 'S lìonmhor laoch is curaidh treun
  • Tha 'n diugh an Albainn às do dhèidh,
  • Iad os n ìosal sileadh dheur,
  • A rachadh dian leat anns an t-streup.
  • Tha gach beinn, gach cnoc, 's gach sliabh
  • Air am faca sinn thu triall
  • Nis air call an dreach 's am fiamh,
  • O nach tig thu chaoidh nan cian.
  • Bha 'n t-à±ô òg nach fhac' thu riamh
  • Ag altram gràidh dhut agus miadh,
  • Ach thuit an cridhe nis nan cliabh
  • On a chaidil thu gu sìor.
  • Ach biodh ar n-ùrnaigh moch gach là
  • Ris an Tì as àird' atà
  • Gun E »å³óì´Ç±ô²¹»å³ó oirnn gu bràth
  • Ar n-eucoir air an t-Suaithneas Bhàn.
  • Ach 's eagal leam, ge maith a' ³¦³ó±ôè¾±°ù,
  • 'S gach sonas gheallar dhuinn lem beul,
  • Gum faicear sinn a' sileadh dheur
  • A chionn an t-Suaithneis Bhàin a thrèig.
  • Cuireamaid soraidh uainn gu rèidh
  • Leis na dh'imicheas an cèin
  • Dh'ionnsaigh 'n àit' 'n a laigh an reul
  • Dh'fhògradh uainn gach gruaim is neul.
  • Is biomaid toilichte leis na tha,
  • O nach fhaod sinn bhith nas feàrr;
  • Cha bhi ar cuairt an seo ach ²µ±ðà°ù°ù,
  • Is leanaidh sinn an Suaithneas Ban.
  • Soraidh bhuan don t-Suaithneas Bhàn,
  • Gu Là Luain cha ghluais on bhàs;
  • Ghlac an uaigh an Suaithneas Bàn –
  • Is leacan fuaraidh tuaim a thàmh.

An Suaithneas Bàn

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris An Suaithneas Bàn

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, An Suaithneas Bàn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.