Òran air a sgrìobhadh le: Ailean Mac a' Phì (Mac Aonghais) agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Iain Caimbeul, Iseabail T. NicDhòmhnaill, Kathleen NicDhòmhnaill agus Mà iri NicAonghais.
This is a song written by: Ailean Mac a' Phì (Mac Aonghais) and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Iain Caimbeul, Iseabail T. NicDhòmhnaill, Kathleen NicDhòmhnaill and Mà iri NicAonghais.
O mo dhùthaich 's tu th' air m' aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan galan
Far a faighte na daoin' uaisle
Far am bu dual do Mhac 'ic Ailein.
Tìr a' mhurain, tìr an eòrna
Tìr sam pailt a h-uile seòrsa
Far am bi na gillean òga
Gabhail òran 's 'g òl an leanna.
Thig iad thugainn, carach, seòlta
Gus ar mealladh far ar n-eòlais
Molaidh iad dhuinn Manitòba
Dùthaich fhuar gun ghual gun mhòine.
'S gu dè stà th dhomh bhith ga innse
Nuair a thig sibh 's ann a chì sibh,
Samhradh goirid 's foghar dìsleach
'S geamhradh fada na droch shìde.
Nam biodh agam fhìn de stòras
Paidhir bhrògan, briogais aodaich
Agus m' fharadh bhith nam phòca
'S ann air Uibhist dhèanainn seòladh.
'S gura mise tha gu crà iteach,
'S trom mo cheum, neo-aotrom tha mi,
On a dhealaich mi rim chà irdean
Thuit mo chridhe 's mo cheòl-gà ire.
Fhir a shiùbhlas bà rr an t-sà ile
Thoir mo shoraidh gu mo chà irdean
Guidheam nach trèig sibh ur n-à ite
Airson uachdaran no bà illidh.
Chan eil buaidh nach eil ri à ireamh
Air Uibhist os cionn gach à ite,
An t-eilean garbh mun iadh an sà ile
Gheibh an srainnsear aoigh is blà ths ann.

Rugadh Iain Caimbeul (Mac Dhòmhnaill Ruaidh Dhòmhnaill Ic Chatriona à Fròbost) ann an Cill Bhrìghde an Uibhist a Deas, air an latha ron Nollaig, 1923. B' e ...
Fiosrachadh air Iain Caimbeul / Learn more about Iain Caimbeul
Tha an t-Oll. Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Rugadh is thogadh Iseabail T NicDhòmhnaill ann an Glaschu, ach 's ann ri Uibhist a Deas a tha ceanglaichean an teaghlaich. Bha i riamh air ...
Fiosrachadh air Iseabail T. NicDhòmhnaill / Learn more about Iseabail T. NicDhòmhnaill
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ann an ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Rugadh Mà iri Nic Aonghais air 15 Lùnastal 1964 ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicAonghais / Learn more about Mà iri NicAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.