
Rugadh Iain Caimbeul (Mac Dhòmhnaill Ruaidh Dhòmhnaill 'ic Chatrìona à Fròbost) ann an Cille Bhrìghde an Uibhist a Deas, air an latha ron Nollaig, 1923. B' e an dà rna duine bu shine do theaghlach as an robh ochdnar.
Nuair a bha e aona mìos deug ghluais an teaghlach a Ghlaschu oir cha robh mòran obair an Uibhist dha athair agus thill e gu muir. Bha an teaghlach a' fuireach ann an Kinning Park air taobh a deas a' bhaile agus tha deagh chuimhne aig Iain air na ciad bhliadhnaichean den Dà rna Cogadh nuair a dh'fheumadh iad a dhol ri fasgadh anns na shelters.
Tha cuimhne aige bhith falbh dhan sgoil san dorchadas aig 08:30 sa mhadainn gu 12:00. An uair sin bhiodh a bhrà thair a' dol innte aig 12:00 gu 14:00, agus a phiuthar bu shine bho 14:00 gu 17:00. Cha robh togalaichean gu leòr san sgoil airson a h-uile duine, 's le sin dh'fheumte an latha a bhriseadh suas. Nuair a chaidh iad gu bun-sgoil Our Lady and St Margaret's cha robh facal Beurla aca agus b' ann san sgoil a dh'ionnsaich iad Beurla.
Thill iad air ais a dh'Uibhist air 17 Mà rt, 1941, a dh'fhuireach a dh'Ormacleit an turus seo. Chaidh Iain is dithis eile as an teaghlach do sgoil Loch Aoineart, as nach robh ach seachdnar aig an à m. Abair gun do rinn an tidsear toileachas agus à ireamh nan sgoilearan a' dol suas gu deich.
Chaidh iad dhan à rd-sgoil ann an Dalabrog agus às an sin gu Sgoil a' Ghearastain. Chaidh Iain an uair sin a dh'Oilthigh Ghlaschu agus mu dheireadh gu Colaiste Chnoc Iòrdain far an do rinn e trèanadh airson teagasg.
Fhuair e a' chiad obair, a' teagasg Gà idhlig, ann an Àrd-sgoil Woodside ann an Glaschu. Cha robh ach dà sgoil ann an Glaschu a' tairgsinn Gà idhlig aig an à m, Woodside agus Àrd-sgoil Bhellahouston. Thòisich Àrd Sgoil Phenilee às dèidh sin.
Bha Iain seachd bliadhna ann an Glaschu mus do thill e a dh'Uibhist ann an 1966, mar cheannard air Sgoil Thobha Mòr. An ceann bliadhna chaidh e na cheannard air Sgoil Bhà gh a' Chaisteil am Barraigh, far an robh e air a bhith suas ri 27 bliadhna nuair a leig e dheth a dhreuchd ann an 1993.
Phòs e a bhean Cathaidh NicNeacail, Cathaidh Andy à Glaschu aig an robh buntanas là idir ri Barraigh, air an latha às dèidh na Nollaig, 1960.
Bha sianar a theaghlach aca. Tha Iain, Catrìona agus Shona san Eilean Sgitheanach; tha Morag ann an Lunnainn; tha Anndra ann an Dùn Èideann agus Cailean ann an Swindon. Bhà saich a bhean Cathy san t-Sultain, 1981, 's gun i ach dà fhichead sa còig. Cha robh an gille a b' òige dhan teaghlach ach aona bliadhna deug aig an à m.
Nuair a bha e na oileanach ann an Glaschu bhiodh Iain an còmhnaidh a' dol gu cèilidhean 's a' gabhail òrain. Tha deagh chuimhne aige a bhith dol gu cuirmean ann an , agus dha-san b' e seinneadairean leithid Flòraidh NicNèill agus Seonag NicChoinnich a bha air thoiseach air cà ch. Mar a thuirt e fhèin, "Thigeadh tu air astar a dh'èisteachd riutha." Tha e cuideachd measail air an t-seinn aig Iseabail NicAsgaill.
Nuair a thà inig e a Bharraigh bhiodh iad ag iarraidh air seinn aig cèilidhean agus bhiodh e tric na bhritheamh aig Mòdan. Bha seinn riamh an lùib nan daoine aig Iain.
B' à bhaist dha a bhith dèanamh mòran leughadh ach, an-diugh, tha e ag èisteachd ris an rèidio nas trice, Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal agus ¸éè¾±»å¾±´Ç 4 gu h-à raidh, agus tha e a' dèanamh tòrr coiseachd.
Bidh e cuideachd ag eadar-theangachadh laoidhean. Thòisich e air seo a dhèanamh nuair a bha Mgr Calum MacIllFhialain na shagart air an sgìre agus bha aifreann gu bhith air a chlà radh airson telebhisean. Bhathar ag iarraidh eadar-theangachadh de na laoidhean a bha gu bhith san aifreann agus rinn Iain sin dhaibh. Ach le barrachd iarrtas air laoidhean Ghà idhlig thar nam bliadhnaichean, tha e air laoidhean Beurla eadar-theangachadh gu Gà idhlig, agus tha e cuideachd air eadar-theangaichean a dhèanamh airson aifreann na cloinne.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.