B' ann às a' Ghearastan a bha Mà iri Anna NicChoinnich, ach bha ceangal là idir aice ris an Rubha an Leòdhas. Chaochail am mà thair 's gun i ach òg. Phòs a h-athair a-rithist agus chaidh an teaghlach a thogail leis fhèin 's le muime.
Bha Mà iri Anna ag obair an Glaschu nuair a choinnich i ri Iain MacGillFhinnein, Iain Neilidh Eà rdsaidh à Loch Baghasdal. Bha Iain ann an Oilthigh Ghlaschu an dèidh Seirbheis Nà iseanta a dhèanamh ann an Cyprus. Nuair a phòs iad, rinn iad an dachaigh an Uibhist a Deas. Bha dithis chloinne aca, Joanna a tha an-diugh pòsta agus a' fuireach an Sasainn agus Niall a tha pòsta agus a' fuireach faisg air Dùn Èideann.
Bha Iain a' teagasg saidheans ann an Sgoil Dhalabroig, agus ged nach robh teisteanas foirmeil airson teagasg aig Mà iri Anna, fhuair i obair a' teagasg seinn ann an sgoiltean Ghearraidh na Mònadh agus Dhalabroig.
Tha cuimhne aig iomadh sgoilear air a coibhneas agus air a dìcheall agus mar a mhisnich i iad airson ùidh a ghabhail anns an dualchas aca fhèin. Bha i daonnan gan toirt gu Mòdan ionadail agus nà iseanta, agus bha sgoilearan Sgoil Dhalabroig daonnan a' dèanamh gu math fo a stiùir, co-dhiù bha iad a' seinn leotha fhèin, ann an cà raidean, no ann an còisir. Bha iad cuideachd fìor mhath air dealbhan-chluich le òrain.
Thug i buaidh mhòr air seinneadairean leithid Pòl MacCalum, Mà iri NicAonghais agus Amy NicAmhlaigh, agus bha fèill oirre fhèin mar sheinneadair aig cèilidhean.
B' e buille mhòr a bh' ann dhan teaghlach agus dhan choimhearsnachd nuair a fhuair Mà iri Anna bàs aithghearr san t-samhradh 1979 's gun i ach bliadhna no dhà thairis air 30.
Mar a thuirt MÃ iri NicAonghais:
"B' e call mòr a thug a bàs air a' choimhearsnachd. Cha b' e a-mhà in gur e neach-teagaisg air leth a bh' innte, b' e deagh charaid a bh' innte cuideachd.
Nuair a chuala mi mu bà s, bha dùil agam nach seinninn ceathramh gu brà th tuilleadh, ach le ìmpidh an teaghlaich agus leis a' bhrosnachadh a thug i fhèin dhomh rè a beatha ghoirid, bha mi a' faireachdainn gu robh e mar fhiachaibh orm cumail a' dol air sgà th Mhà iri Anna. Tha taing mhòr agam ri thoirt dhith airson na tha mi air a thoir gu buil an-diugh."
Tha cuimhne aig Pòl MacCalum air cho òg 's a bha Mà iri Anna an taca ris an tè a bha a' teagasg ciùil dhaibh roimhpe, agus a' bhuaidh a bha aige sin air fhèin agus a cho-aoisean:
"Air sà illibh gu robh i òg agus gu robh ùidh aice ann an seann rudan agus seann òrain gu h-à raid, bha daoine òga cuideachd deònach ùidh a ghabhail annta. Bha an òige a bh' innte fhèin a' tà ladh nan daoine òga gu bhith a' seinn òrain Ghà idhlig aig à m far an robh an òigridh a' call ùidh ann an ceòl Gà idhealach. Chaidh cùisean air ais gu mòr an Uibhist a Deas, a thaobh òrain Ghà idhlig agus còisir na sgoile agus obair Mhòdan, an dèidh a bà is."
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.