Murchadh MacLeòid (Sgiotaran)
Rugadh Murchadh MacLeòid (Sgiotaran), Murchadh Beag 'an Choinnich, ann am Fìbhig, ann am Brà gar, ann an 1914. B' e Iain Choinnich an Iarainn a chante ri athair agus Cairistìona Aonghais Fhìbheig, ri mhà thar.
Bha Murchadh uamhasach measail air a sheanair, Coinneach an Iarainn à Brà gar, agus nuair a bha e na bhalach òg bhiodh e air ais agus air adhart eadar an dà thaigh gus an deach e mu dheireadh a dh'fhuireach còmhla ri sheanair. Chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha an dèidh sin ann am Brà gar.
B' ann ri breabadaireachd bu mhotha a bha e, ach thug e cuideachd greis a' drà ibheadh bhusaichean do Aonghas Choinnich Rod à Siabost.
'S e duine èibhinn, geur, là n spòrs is dibhearsain a bh' ann agus bhiodh e a' seinn aig a h-uile cèilidh is cuirm a bha dol. Sheinneadh e òran aig à m sam bith den là tha, fiù 's anns an là raidh a' dol a-mach leis a' sgioba-mhònach a' chiad char sa mhadainn.
Thà inig e gu aire a' mhòr-shluagh an toiseach nuair a chur Sgoil Eòlais na h-Alba a-mach an clà r Music from the Western Isles air an robh Murchadh agus Iain Moireach a' seinn Fiollaigean, òran a chòrd gu mòr ri luchd-èisteachd agus ri seinneadairean eile.
Mu mheadhan nan ceithir ficheadan nuair a bha e air fàs suas ann am bliadhnaichean chaidh Murchadh a dh'fhuireach a Dhùn Bheireasaigh, fear de dhachaighean cùram na Comhairle ann a' Steòrnabhagh, agus 's ann an sin a chaochail e.
Tha sinn an comain Chairistìona NicIllEathain à Brà gair airson an fhiosrachaidh seo.
Iain Moireach
Rugadh Iain Moireach ann am Brà gar air 4 Dùbhlachd, 1898. B' e Iain 'an Ghobha a chanadh iad ri athair agus Catrìona Mhoireasdan, Catrìona 'an Mhoireasdain ri mhà thar. B' ise piuthar do Dhòmhnall Moireasdan a rinn òrain leithid Eilean Beag Donn a' Chuain agus Balaich an Iasgaich agus b' ann do Bheà rnaraigh Leòdhais a bhuineadh na Moireasdanaich sin.
Bha sianar anns an teaghlach, triùir nighean agus triùir ghillean, agus b' i Peigi, a bha pòsta ann am Barabhas, bu shine dhen teaghlach. Bha Oighrig pòsta ann am Brà gar. B' e Iain bu shine dhe na balaich agus chaidh Dòmhnall, a bha na phost ann am Brà gar, a thogail dhan Dà rna Cogadh agus chaidh a mharbhadh ann an 1943. Bha Anna agus Oighrig pòsta aig dithis bhrà ithrean, balaich Aonghais a' Chaiptein à Brà gair.
Chuir Murchadh Moireasdan, a bha na sgiobair, bliadhnaichean seachad ann an Astrà ilia, mus do thill e dhachaigh a phòsadh Oighrig. 'S e Aonghas a bha pòsta aig Anna agus bha esan air a' phoilis ann an Dùn Bhreatainn. 'S e Calum a b' òige dhen teaghlach agus bha e na mhaighstir-sgoile ann an Àrd Thung airson iomadach bliadhna.
Bha Iain anns an R.N.R. agus tron Chogadh Mhòr bha e stèidhichte ann an Arcaibh, air trà lair a bha a' sguabadh nan cuantan airson mèinnean Gearmailteach. A bharrachd air an ùine a bha e anns a' chogadh chuir Iain seachad an còrr dhe bheatha aig an taigh, na chroitear ann am Brà gar.
Bha e a' fuireach airson a' mhòr-chuid dhan ùine còmhla ri a phiuthar Oighrig, agus Murchadh.
'S ann aig cèilidhean taighe agus bainnsean bu mhotha a bhiodh Iain a' seinn nuair a bha e na b' òige ach, mu dheireadh, nuair a bhiodh cèilidhean anns na sgoiltean anns na bailtean mu thimcheall Shiaboist agus Bhrà gair, bhiodh e a' seinn aca sin.
Anns na trì ficheadan thòisich uidheaman clà raidh teip a' fàs cumanta agus bha fear anns an sgìre. B' e taigh Dhòmhnaill "Tamon" Thormoid Bhol, an taigh-cèilidh anns am biodh daoine a' cruinneachadh agus chaidh iomadach òran a chlà radh ann an sin.
Cha robh e idir mar chleachdadh aig Iain agus Murchadh MacLeòid (Sgiotaran) a bhith a' seinn còmhla ach thachair gun do rinn iad sin an oidhche a chaidh Fiollaigean a chlà radh. Tha sin ga dhèanamh nas iongantaiche buileach gu bheil an clà radh seo air fear den fheadhainn as motha tha còrdadh ri luchd-èisteachd Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal thairis air iomadh bliadhna.
Chaochail Iain air 16 Mà rt, 1969, aig aois trì fichead 's a deich.
Tha sinn an comain Dhòmhnaill A. Mhic a' Ghobhainn, à Twechar, mac Anna, piuthar Iain, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.