Rugadh Uilleam Moireasdan, Uilleam a' Ghladstoin (1915-1981), ann an Lìonal, mac Dhòmhnaill Thòmais agus Chairstìon' Iain, às na Còig Peighinnean ann an sgìre Nis. Bha dithis pheathraichean, Sìne agus Seonag, agus dithis bhrà ithrean, Murchadh (Jellicoe), agus Tormod (Choffer) aig Uilleam bho chiad phòsadh athar.
Chaill Uilleam a mhà thair nuair a bha e ochd bliadhna a dh'aois. 'S e gobha a bha na h-athair agus bha a' cheà rdaich aige, an toiseach, ann a' Lìonal, far an deach Uilleam dhan sgoil. Ghluais iad às an sin gu Adabroc. Bha Uilleam math as an sgoil ach air sgà th feumalachdan an teaghlaich aig an à m, cha deach e air adhart le foghlam. Nuair a dh'fhà g e an sgoil chaidh e dhan Chabhlaich Mharsantachd.
Chuir e seachad a' mhòr-chuid dha bheatha aig companaidh Shaw Savill air bà taichean mar a' Waiwera, còmhla ri iomadach eileanach eile. Am measg nan eileanach a bha a' seòladh còmhla ris, bha Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) no An Case, à Uibhist a Deas, a sgrìobh òrain leithid Fà gail Ghlaschu agus A Pheigi a' Ghrà idh.
Sgrìobh Uilleam sìos òrain Ruaraidh gu lèir ann an leabhar ach, turas an dèidh dha a bhith a' seinn aig consairt, thug e iasad dhan leabhar do chuideigin aig an robh ùidh anns na h-òrain agus chan fhaca Uilleam an leabhar tuilleadh. Bha seo buileach mì-fhortanach chionns gun robh òrain anns an leabhar sin nach robh aig daoine eile ann, òrain a bha Uilleam air fhaighinn bho Ruaraidh nuair a bha iad le chèile aig muir.
An dèidh a bhith air na bà taichean a bha siubhal an t-saoghail, chaidh Uilleam air na bà taichean a bhiodh a' seòladh mu chladaichean Bhreatainn a-mhà in.
Anns an Dà rna Cogadh bha e a' seòladh air trà lair a bha air a h-uidheamachadh airson a' chogaidh, air seirbheis a-mach à Arcaibh. Aig aon à m agus Uilleam aig muir air an Northern Princess, chaidh bà ta eile a bha ag obair còmhla riutha a chuir fodha leis a' nà mhaid agus bha nà baidh dhà am measg nan seòladairean a chaidh a chall, air a' bhà ta eile.
Phòs Uilleam °ä²¹¾±°ù¾±²õ³Ùì´Ç²Ô²¹ Mà iri Catrìona à s na Còig Peighinnean, ann an 1938, agus bha ceathrar chloinne aca, Dòmhnall, °ä²¹¾±°ù¾±²õ³Ùì´Ç²Ô²¹, Cathy Mary agus Dòmhnall Uilleam.
Nuair a bhiodh e aig an taigh bha Uilleam gu mòr an sàs ann an obair fearainn agus bha ùidh gu sònraichte aige ann an crodh, ged nach robh robh mòran aige mu chaoraich idir. Nuair a bha an teaghlach beag chuir e seachad beagan ùine ag obair air sgeamaichean a' Hydro ann an à iteachan mar a' Chlais Chà rnaich. Chuir e seachad greis cuideachd ag obair air na sgeamaichean a thug an t-uisge do bhailtean sgìre Nis.
Bhiodh Uilleam tric a' seinn òrain a bhrà thar, Murchadh (Jellicoe), aig cèilidhean air feadh Leòdhais, òrain as an robh aoireadh, spòrs is à bhachdas. Bhiodh e a' seinn òrain bhà ird eile na sgìre cuideachd agus taghadh farsaing de na h-òrain Ghà idhlig a bha anns an fhasan aig an à m.
Tha sinn an comain Dhòmhnaill Uilleam Moireasdan airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.