
Seo biastag a bhios a' nochdadh air bà rr a' bhuntà ta. Bha Tormod MacLeòid à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas, ag rà dh ma tha ceithir casan air bà rr a' bhuntà ta 's ma ghearras tu aon tè aca, chì thu i a' seacadh co-dhiù.
Ach ma ghearras tu i, chì thu na biastagan beaga grà nda tha sin na broinn, faisg air a' chiad duilleag. Nì e milleadh uabhasach ach cha mhill e am bà rr gu lèir.
Tha e cumanta fhaicinn ann am buntà ta a chaidh a chur ann an talamh glas no ann an talamh bà n agus bha Tormod ag rà dh gur ann bho larvae leòman a tha e a' tighinn.
'S e red rustic moth a bha aige air.
Tha tòrr chunntasan ann gu robh nathraichean as na h-eileanan uaireigin agus tha corra dhuine ann a mhionnaicheas gu faca iad nathraichean mòra as a' mhòine no as an fhraoch. Bha daoine a' creidsinn ann an cumhachd clach-nathrach agus bha abairtean ann mar "gaoth na nathrach" a bhiodh a' tighinn air daoine a bha ag obair as a' mhòine. Ach canaidh eòlaichean nà dair nach robh leithid a' rud ann.

Dh'fheumadh na boireannaich a bhith a' cur rudeigin eadar an cliabh a bha iad a' dol a ghiùlain agus an druim. Seo an dronnag. Uaireannan, b' e an còta-striop a thogadh iad suas 's a chuireadh iad na chnap air an cùlaibh airson taic a chumail ris a' chliabh.
Tric, ann an cunntasan dhaoine a bha a' tighinn chun na Gà idhealtachd, tha iad ag innse mar a bha e a' cur mullach mì-choltais orra gur e na boireannaich a bha falbh leis an eallach as a' chliabh agus na fireannaich rin taobh le pìob-chrèadh is smùid calcas na tombaca a' tighinn aiste!
Chluinte duine bha a' maoidheadh air cù, na fiù 's air clann, ag èigheach "Bheir mise air an dronnaig agad," oir tha dronnag cuideachd a' ciallachadh druim.
Mus tà inig am buntà ta bhite ag ithe bunan a' bhrisgein.
Seo tomhais a bha aca air bainne no lionn.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.