
Seo facal airson a' chlòimh a tha tighinn bho chaora nuair a thèid a rùsgadh no a lomadh, agus bha Tormod MacLeòid às na Hearadh a' cur an cuimhne dhaoine mar a bha e a' nochdadh anns a' Bhìoball.
Bha Gideon air a thaghadh le Dia airson sluagh Israel a shaoradh ach bha e cho mì-chinnteach 's gun do dh'iarr e dearbhadh air Dia ann an riochd dà mhìorbhail, ceart-aghaidh a chèile, dà oidhche às dèidh a chèile.
Seo a' chiad mìorbhail:
"Agus thuirt Gideon ri Dia, "Ma shaoras tu Israel lem là imh-sa, mar a thubhairt thu, feuch, cuiridh mi lomradh ola air an ùrlar-bhualaidh; agus ma bhios an drùchd air an lomradh a-mhà in agus tiormachd air an talamh uile, an sin bidh fios agam gun saor thu Israel lem là imh mar a thuirt thu.
Agus bha mar sin: oir dh'èirich e gu moch air an là mà ireach, agus theannaich e an lomradh cuideachd agus dh'fhà isg e an drùchd as an lomradh, là n cuaiche dh'uisge."
Leabhar nam Britheamhan, Caibideil V1, 36-37
B' e seo an ola a bh' anns a' chlòimh. Bha am maistir a' toirt an eòlain às a' chlòimh nuair a bhathas ga obrachadh. Bha an aon fhacal air a chleachdadh airson ola a bhathas a' toirt à adha chudaigean, agus is dòcha bho adha iasg sam bith.

Seo na bìdeagan beaga clòimh a bha air fhà gail an dèidh rùsgadh 's a bhiodh iad a' toirt air falbh. Bha seo a' cuideachadh le bhith a' sgioblachadh na faing aig an aon à m.
Bhiodh an duine a bhiodh ris a' choimhead an urra ri na caoraich agus na h-uain a chumail air a' mhòinteach, air falbh bhon bhaile.
Bha Fionnlagh ag innse mu fhear anns a' bhaile aige fhèin a thachair an latha bha seo ris an fhear a bha ris a' choimhead is e a' tighinn chun a' bhaile le caora aige. Thuirt a' fear a bha seo "An e sin an aon tè nach do dh'fhuirich a-muigh?" a' cur às leth an fhear a bha ris a' choimhead gur ann a' toirt nan caoraich chun a' bhaile a bha e, seach a bhith gan cumail air falbh.
Nuair a bhiodh iad a' cur nam beathaichean chun na mòintich, bhiodh iad a' breith air earball orra 's a' cantainn nuair a bhiodh iad ga leigeil às "Falbh lom is till molach!"
Bhiodh bodach ag rà dh sin ri Fionnlagh nuair a gheibheadh e cliop!
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.