B' e Latha nan Trì Seallaidh a chante ri Latha Fhèill Pà draig Earraich (17 Mà rt) chionns gu faicte daoine a' cur, daoine a' treabhadh agus daoine a' cliathadh air an aon latha.
Chante cuideachd Latha nan Seachd Seallaidh no fiù 's Latha nan Seachd Obraichean Fichead ris chionns gu robh uiread a' dol mun à m sin dhen bhliadhna.
B' e seo an ceathramh latha fichead den Ã’gmhios.

Bha Tormod MacLeòid à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas, ag innse mu bhiastag air a bheil wireworm. Bidh e a' dol dhan bhuntà ta fhèin, chan ann dhan a' bhà rr, agus chì thu e a' dèanamh tuill bheaga a-steach dhan a' bhuntà ta. 'S ann bho dhaolag a tha e a' tighinn; daolag le slige chruaidh ris an canadh iad click beetle.
Tha e coltach ma bheireas tu oirre gun tog i a ceann gu math aithghearr, 's nuair a thilleas i air ais e, nì e brag.
Bha Tormod a' cuimhneachadh nuair a bha e òg san sgoil gum biodh iad a' faighinn greim air tè de na daolagan seo 's a' dol a-null leatha chun an fheadhainn òga.
Bhiodh i an-drà sta 's a-rithist a' togail a cinn gu h-aithghearr 's a' dèanamh a' bhrag a bha seo. Ach dh'fhà sadh i sgìth 's bheireadh e greiseag dhith faighinn chun an ath bhrag.
Agus chanadh iad ris an fheadhainn òga, "Buail an t-òrd!" 's dhèanadh an daolag brag. 'S bha an fheadhainn bheaga a' smaoineachadh gu robh an daolag ga dhèanamh seach gun deach iarraidh oirre.
Air sgà th sin, 's e buail an t-òrd a bha aca air an daolag sin.
'S e geama a bha seo.
Bha dealaichean air an cleachdadh airson leigheas, agus tha fhathast.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.