1mh Ã’gmhios 2008, Alasdair
Anns a' bhidio tha Alasdair a' mìneachadh cho cudromach is a tha e a bhith mothachail air slà inte agus sà bhailteachd tron fhilmeadh.

To play this video you require Flash. .
1mh Ã’gmhios 2008, Gerald
'S e là na cloinne a th' anns an là an-diugh ann an Sìona! Ach cha d' fhuair sinne cothrom a chomharrachadh. Bha againn ri èirigh trà th (sia uairean sa mhadainn - chan eil e cho buileach trà th, tha mi creidsinn) airson a dhol a choinneachadh ri Mgr. Liu airson an dà rna latha de dh' fhilmeadh. As dèidh gleadhraich agus onghail san fhactaraidh, bha sinn a' coimhead air adhart ri là sà mhach còmhla ris-san. Bha e dol a thadhal air a theaghlach a-muigh air an dùthaich, mu trì uairean a thìde a-mach à meadhan baile Chongqing.
Ghabh e am bus agus bha dùil againn gum faigheadh sinn fois airson fhilmeadh ga ghlacadh agus mar sin air adhart. Nach e sinn a bha ceà rr! Bha am bus a' cur thairis le na bh' air de dhaoine. Rinn còignear eile a' chùis air faighinn air bòrd ach chan eil fhios 'am ciamar. Nuair a dh' fheuch an duine againne air bòrd, dhùin na dorsan agus dh' fhalbh am bus.
Nochd an dà rna bus an ceann fichead mionaid ach mhothaich an drà ibhear don chamara againn agus rinn e às aig peilear a bheatha, gar fà gail le sluagh ain-fhoiseil agus mì-chinnteach gum faigheadh sinn air adhart cà il nas fheà rr leis an ath bhus.
Bha sinn na b' fhortanaiche an turas seo, ged-tà agus leum mi-fhìn, JP agus Mgr Liu air bòrd airson an turais don tuath (leis a h-uile duine eile gar leantainn sa bhus aca fhèin). Bha e teth, bha fà ileadh dheth (uill bhiodh, leis na bha sin de dhaoine air bòrd...) agus thà inig oirnn seasamh a' mhòr-chuid den t-slighe.
Bha ar là air an dùthaich sgoinneil. Chunnaic sinn seallaidhean iongantach, choinnich sinn ri daoine à lainn agus dh'fhilm sinn dealbhan math de Mgr Liu agus a theaglach a' gabhail fois, ag ithe agus a' còmhradh ann am meadhan achaidhean paddy ghorma.
Math 's gu bheil na busaichean seo, thill mi-fhìn agus JP air bus an criutha.


1mh Ã’gmhios 2008, Maria
Tha JP air ionnsachadh dhomh ciamar a chunntas mi bho 1 - 10 a' cleachdadh na h-aibidil Sìonaich air a sìmpleachadh. Cha do smaoinich mi a-riamh gum bithinn ga cleachdadh là no dhà as dèidh sin ann an achaidhean ruis agus arbhair ann am meadhan dùthaich Sichuan.
Fhad 's a bhathas a' filmeadh an teaghlaich a' gabhail biadh fhuair mise eòlas air a' chlann a bha fuireach an ath dhoras. Chluich sinn gèam air an robh "up high, down low, on the side, too slow". Bhithinn a' bualadh mo bhois rim boisean-sa uair is uair agus an uairsin a' toirt mo là mh air falbh nuair a dh' fheuchadh iadsan ris an aon rud a dhèanamh ormsa. Bha iad lag a' gaireachdainn. Bhon nach eil mòran Mandarin agamsa, thug mi mach pà ipear agus peansailean agus rinn an trìuir againn dealbhan - sìtheanan, dealain-dhè agus a chèile - mus do chuimhnich mi gum b' aithne dhomh beagan Mandarin a sgrìobhadh. Sgrìobh mi na caractaran Sìonach agus sgrìobh iadsan na h-à ireamhan rin taobh.
Bha e tlachdmhor coinneachadh ris an dithis chlann-nighean à lainn seo agus fhad 's a bha mi a' coiseachd air falbh bhuapa, bha ceist nam inntinn mu dheidhinn dè thachras dhaibh san à m ri teachd. Tha mi an dòchas gum bi e là n chothroman, charaidean agus mòran toileachais.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.