Âé¶¹Éç

Alasdair

A' clàradh ann an àiteachan dorcha

6mh Ã’gmhios 2008, Alasdair

Anns a' bhidio tha Alasdair a' mìneachadh nan trioblaidean a tha dìth solais ag adhbhrachadh ann am filmeadh.

To play this video you require Flash. .

Gerald

Nearbhasach

6mh Ã’gmhios 2008, Gerald

Bha beagan iomagain orm a-rithist sa mhadainn.

Bha tòrr a' dol na mo cheann. Dè mur obraicheadh an sgeulachd mu dheireadh? Dè ma bhios an neach ris a bheil sinn a' bruidhinn tinn? Dè thachras mur a bruidhinn daoine air a' chuspair? Gu h-àraidh leis gur e seo as dòcha an cuspair as connspaidiche a th' againn. 'S ann mun eadar-lìon a tha e agus mar a tha Rìaghaltas Shìona a' cumail smachd air dè a dh'fhaodas an sluagh fhaicinn air-loidhne.

Dè mura bi an café eadar-lìn dha robhas gar toirt a' coimhead math air camara? Bha dùil agam ri garaids theth le dhà no thrì choimpiutairean-glùine agus fear seòlta a' gabhail airgead aig an doras airson an cothrom toradh a' bhuill-coise fhaicinn.

Gerald, o Gerald, iomagain gun adhbhar.

Daoine ann an café eadar-lìn
Daoine ann an cafaidh eadar-lìn

Chaidh sinn gu cafaidh eadar-lìn air leth. Àite far a bheil luchd-cluich gheamaichean ri geamannan dannsa neònach Sìonach. Àite far a bheil clann-nighean agus balaich a' losgadh air ailiens. Àite far a bheil daoine de gach seòrsa a' coimhead prògraman telebhisein air sgrion coimpiutair mòr.

Nas cudromaiche, àite a tha a' coimhead mìorbhaileach air camara.

Tha mi nis làn misneachd airson a-màireach. Uill, nuair a chanas mi "làn"…

Maria

³§²µÃ ¾±±ô±ð²¹²Ô

6 Ã’gmhios 2008, Maria

Cha robh uisge ann an-diugh ach bha ²õ²µÃ ¾±±ô±ð²¹²Ô aig a h-uile boireannach ann an Chongqing na cois. Bidh iad gan cleachdadh gus a' ghrian (a bha uabhasach teth) a chumail bhon craiceann. Mhothaich mi gu robh feadhainn aca air an lìniceadh le stuth airgid gus a' ghrian a shadail dheth.

Dh' innis Seòras dhomh nach caomh le cuid de bhoireannaich Shìonach a' ghrian a bhith dath an craiceann. Tha craiceann soilleir air fhaicinn mar rud a tha comharrachadh bòidhchead. Chunnaic mi gu bheil tòrr de na bùthan an seo a' reic stuth airson craiceann a dhèanamh nas soilleire. Tha cuid a' dèanamh ceangal eadar craiceann dorch agus luchd-obrach a tha anns an achadh fad an là. Tha e coltach gu bheil a' chlas-mheadhanach airson a bhith air am faicinn mar daoine beairteach nach leig a leas a bhith ag obair a-muigh. As bith dè an t-adhbhar, tha boireannaich Shìonach àlainn agus cha bu chòir uallach sam bith a bhith orra an cuid dreach atharrachadh san dòigh seo.

Boireannaich le ²õ²µÃ ¾±±ô±ð²¹²Ô
Boireannach le ²õ²µÃ ¾±±ô±ð²¹²Ô

Chuir e nam chuimhne gum biodh sinn a' tilleadh dhachaigh ann an dhà no trì laithean agus tha mi a' creidsinn gum bi an ²õ²µÃ ¾±±ô±ð²¹²Ô agam fhìn a' tighinn a-mach – ach chan ann airson mo dhìon bho ghrian na h-Alba!

dàng àn

(g. tasglann)


  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  • Ìý
  • Ìý
  • Ìý
  • Ìý
  • Ìý

háng huà

(g. facail feumail)



³§²µÃ ¾±±ô±ð²¹²Ô

Còmhdach dìon an aghaidh uisge no grian.

Gu bàrr na duilleig

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.