3mh Ã’gmhios 2008, Maria


Seo an là bu teotha den turas. Chan eil mi cinnteach dè cho teth 's a bha e ach bha coltas air gu robh e co-dhiù 40 puing. Chan inns mi breug, bha mi iomgaineach mun sgeulachd ùr againn, mu thuathanas. Nuair a thadhail sinn air an à ite agus a choinnich sinn ris an tuathanach bho chionn dhà no trì laithean, cha robh mòran aige ri rà dh agus cha robh mòran coltais air an tuath fhèin.
Ach an uairsin...
Letheach slighe tron mhadainn dh' fhaighnich mi don tuathanach am b' urrainn dha là rach a mholadh far am faigheadh sinn air dealbh fharsaing de na h-achaidhean a thogail. Thug e gu à ite sinn far an robh craobhan eile aige. Bha an là rach seo cho brèagha, air a cuairteachadh le craobhan agus abhainn le monaidhean air a cùl. Chan eil fhios 'am carson nach deach seo a shealltainn dhuinn roimhe air an turas recce, ach cha robh mi a' gearain oir chuir sinn seachad an là a' filmeadh ann.
Bha an tuathanach a' dèanamh cosnadh meadhanach math a-mach às na craobhan maiseach a bha e a' fàs agus a' reic. Ged a bha mi toilichte dha fhèin agus a theaghlach chan eil fhios 'am a bheil e ceart a bhith brosnachadh tuathanaich air falbh bho bhith a' fàs bà rr traidiseanta aig à m nuair a tha biadh gann air feadh an t-saoghail.
3mh Ã’gmhios 2008, Gerald

Tha e air a bhith cho teth an-diugh. Chan robh e furasta a bhith a' filmeadh air tuath mìltean air falbh bho à ite sam bith eile agus far nach eil fasgadh bhon ghrèin. Tà , bhon a tha an clà r-ama againn cho teann, dh' fheumadh sinn dìreach cumail a' dol.
Maria bhochd, bha e duilich dhi an agallamh a dhèanamh leis an tuathanach. Bha sinn air tuath beag, bìodach gun cà il ach taigh no dhà faisg air là imh. Furasta gu leòr agallamh a dhèanamh an seo? Seadh?
Uill, cha robh. An toiseach, thà inig na nà baidhean a-mach gar coimhead agus thug iad cuireadh don charaidean a thighinn cuideachd (a' cabadaich fhad 's a bha sinn a' filmeadh), choisich triùir chloinne air beulaibh a' chamara uair is uair, rinn dà bhodach an aon rud agus, mu dheireadh, thainig bodach eile le gobhar!
A dh' aindeoin nan rudan seo, chaidh cùisean glè mhath. Eiseimpleir eile de rudan a' dol an aghaidh nam planaichean againn – ach tha sinn air fàs cleachdte ri sin thuige seo!
3mh Ã’gmhios 2008, Alasdair

Carson a tha seo cho duilich? Chan eil freagairt agam. Mar a tha fios agaibh fhuair mi, mu dheireadh thall, air na dealbhan bhidio a chlà r mi a chur dhan choimpiutair airson an gearradh agus bha mi an dochas gum biodh iad rim faicinn an seo air an là raich-lìn ron seo ach gu mì-fhortanach tha cnap starra eile mu ar coinneamh.
Tha na pìosan deiseil, air an gearradh agus air an sà bhaladh sa chompiutair ach chan eil e a-nis comasach dhomh ceangal FTP, sin File Transfer Protocol - ceangal eleactronaigeach airson faidhle a chur bho coimputair gu coimputair eile - faighinn airson na bhidiothan a chur a-null dhan oifis ann an Glaschu. Theab mi an coimpiutair a thilgeil a-mach air uinneag an t-seòmar cadail agam ach dh' fhaodadh gum biodh sin ro dhaor 's ro chunnartach - tha mi aig mullach an taigh-òsta ann a Chongqinq air an deicheamh là r thar fhichead! Co-dhiù tha mi air m' anail a ghabhail agus a-nis.
Chan eil e ro choltach gun tèid againn air na bhidiothan a chur air-loidhne gus an till mi a Bhreatainn ach aon uair 's gun till bidh iad a' feitheamh oirbh. Bheir mi blas de na bhidiothan dhuibh bho seo a-mach anns na sgrìobhas mi. Tha na cuspairean co-cheangailte ri mar a tha an sgioba an seo a' clà radh airson telebhisean.
Tha mi a' cur dealbh an cois na litreach seo a' sealltainn na h-uidheamachd a tha mi fhìn a' cleachdadh – chì sibh camara didseatach (DV) Z1 air a' bhòrd ceangailte ris a' choimpiutair. Bidh na dealbhan gan sà bhaladh air a' choimpiutair le avid, prògram sònraichte a tha sinn a' cleachdadh airson dealbhan bhidio a ghearradh airson a' phrògraim tbh dheireannaich.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
A' rannsachadh à ite airson fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn agus mu na daoine a th' ann mus till thu thuige – an turas seo airson film a chlà radh.
File Transfer Protocol - Ceangal eleactronaigeach airson faidhle a chur bho coimpiutair gu coimpiutair eile.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.