17mh Ã’gmhios 2008, ³§±ðò²Ô²¹¾±»å
Chì thu na bhideothan a' chlà ir Alasdair ann an Sìona air an là raich a-nis. Tha dusan aca ann uile gu lèir agus tha a' chiad tè an seo.

As dèidh dha na rushes a dhol gu ingest, chaidh Alasdair trompha agus, a' cleachdadhAvid Assist, chomharraich e far an robh gach pìos film a dheidheadh a chleachdadh air-loidhne a' tòiseachadh agus a' stad. Bha e nas luaithe an obair seo fhà gail aig Alasdair oir bha fios aige dìreach far an robh gach pìos anns na rushes. A-null thugamsa an uairsin.
Cha robh mi air Avid Assist a chleachdadh roimhe ach mar a thachair, bha cùrsa ann an t-seachadain a chaidh air mar a dh'obraichear an t-siostam. Sgoinneil! As dèidh trì là de dh'oideachadh bha misneachd gu leòr agam an t-ionnsachadh ùr seo a chur gu feum – mus dìochuimhnichinn a h-uile cà il!
An toiseach bha agam ri na bhidiothan a gheà rr Alasdair a chur tro bathar-bog taobh a-staigh Avid a dh'fhà gadh iad ann an cruth freagarrach airson a dhol air-loidhne. Gheà rr mi dealbhan a-mach às na rushes a sheallas aig toiseach gach bhidio nuair a bha e na thà mh. Cha robh air fhà gail an uairsin ach faidhlichean a chruthachadh a dhèanadh ceangail bhon duilleig-lìn chun phìos bhideo. Le sin dèant, bha na faidhlichean deiseil airson a dhol air-loidhne.
17mh Ã’gmhios 2008, Alasdair
Tha sinn air ais slà n sà bhailte ann an Glaschu agus tha na bhideothan againn, mu dheireadh thall, air-loidhne. Nach do gheall mi dhut? Tha mi a-nis a' dèiligeadh ri nithean san oifis às dèidh an turais a Shìona, leithid foirm mo chosgaisean. Rinn mi cinnteach cuideachd gu bheil an uidheamachd theicnigeach fhathast ag obair agus e air a bhith air turas letheach slighe timcheall an t-saoghail air itealain. Tha e cudromach gun dèan mi cinnteach gu bheil a h-uile pìos uidheamachd agus cà bal air dòigh airson an ath turas a thèid a chleachdadh. Dh'fhaodadh gum bi feum air ann an cabhaig agus feumaidh e bhith deiseil airson filmeadh, le bataraidhean là n agus mar sin air adhart.
Le sin, tha m' obair-sa air Sealladh air Sìona a-nis seachad. Tha mi an dòchas gun tug sinn blas dhut de dhùthaich air leth inntinneach agus sealladh air mar a tha sinne a' dèanamh prògraman telebhisein. Cumaidh Gerald agus Maria orra ag obair le na dh'fhilm sinn gus crìoch a chur air na prògraman TBh Bheurla agus bidh Cathaidh a' cur nam prògram Gà idhlig ri cèile. Tha mi an dòchas gun còrd iad riut.
As dèidh seachdain de shaor-là ithean, bidh mise a' tilleadh a dh' obair air ·¡Ã²°ù±è²¹, a' clà radh aithrisean ann an dùthchannan air feadh na Roinn-·¡Ã²°ù±è²¹ airson prògraman telebhisean a dhèanamh. Chì mi thu a-rithist ann an ùine nach bi fada. Mar sin leat an-drà sta.
Alasdair
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Gach rud a chaidh fhilmeadh mar a thig e far an camara, le mearachdan ann fhathast agus stuth eile nach tèid dhan prògram.
'S e siostam gearraidh coimpiutaireachd a th' ann an Avid Assist. Tha e air a chleachdadh airson bhidio agus dealbhan a ghearradh airson criomagan bhidio agus prògraman a dhèanamh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.