SgrĂądadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd
CĂ nan nan GĂ idheal
- Cha b' e sneachda 's an reothadh o thuath,
- Cha b' e 'n crannadh geur fuar on ear,
- Cha b' e 'n t uisge 's an gailleann on iar,
- Ach an galair a bhlian on deas
- BlĂ th, duilleach, stoc agus freumh
- Cà nan mo thrèibh 's mo shluaigh.
- ł§Ă¨ľ±˛őłŮ
- Thig, thugainn, thig còmh' rium gu siar
- Gus an cluinn sinn ann cà nan na Fèinn;
- Thig, thugainn, thig còmh' rium gu siar
- Gus an cluinn sinn ann cĂ nan nan GĂ idh'l.
- "Fair a nuas dhuinn na coinnlearan òir
- 'S annt' cà iribh na coinnlean geal cèir,
- Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin
- 'N taigh-fhaire seann chà nan a' Ghà idh'l – "
- 'S e siud o chionn fhad' thuirt an nĂ mh,
- Ach fhathast tha beò cà nan nan treun.
- Ged theich i le beath' Ă s na glinn,
- Ged 's gann i 'n diugh chluinntear nas mò
- O DhĂąthaich MhicAoidh fada tuath
- Gu 'n ruig thu Druim Uachdair nam bò,
- Ach thugainn, thig còmh' rium gu siar:
- 'S i fhathast ann ciad chainnt an t-slòigh.
- Tha na suinn lem bu bhinne bha t' fhuaim
- Nad ghlinn, thìr nam fuar-bheannaibh à rd,
- Air an druim anns na h-uaighean nan suain;
- Suas air èirigh, mo thruaighe, nan à it',
- Eadhon siar ann an Dùthaich MhicLeòid,
- Linn òg ort, a Ghà idhlig, rinn tà ir'.
- 'S iomadh gille thug greis air a' chuibhl'
- San dubh-oidhch' thog fonn Gà idhlig a chrìdh',
- 'S iomadh gaisgeach a bhrosnaich sa bhlĂ r
- Gu euchd nuair bu teotha bha 'n t-strì –
- O GhĂ idheil, O, cĂ it an deach d' uaill
- Nad fhine 's do chà nan 's do thìr?
- Ged nach cluinntear nas mò i san dùn
- No 'n talla nan cliar is nan corn,
- Ged tha meòir Chloinn 'IcCriomain gun lùths
- On tric feasgar ciùin a dhòirt ceòl,
- Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar,
- Ball' dìon gheibh thu, Ghà idhlig, 's do chòir.
- Uair chìte fear-fèilidh sa ghleann,
- Bu chinnteach gur GĂ idhlig a chainnt,
- Ach chaochlaidh i, dĂąthaich nam beann:
- 'N à ite Gà idhlig cluinn cà nan a' Ghoill –
- Chan e 'n dĂąthaich a bh' ann a ta ann:
- 'N diugh dĂąthaich nan Colonels ta innt'.
- O chà nain ta leth ri mo chrìdh',
- M' Ă ran, m' annlan is m' anail 's mo smior,
- 'S tu cho aost' ri fraoch dosrach nam frìth,
- Shloinneadh òg leat beinn, leitir is sgurr:
- Gà idheil gad easbhaidh 's gad dhìth
- ClĂ rsach aon-theud, is cuislean gun fhuil.
- Suas togamaid GĂ idhealtachd nuadh
- Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,
- Gà idhealtachd às 'n dèanar uaill,
- Ait' à rd, uasal aig cà nan is ceòl
- 'S biadh beathail aig spiorad is brĂą
- Ri fhaotainn a ghnà th air do bhòrd.
CĂ nan nan GĂ idheal
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd

