Âé¶¹Éç

20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug

Dàn 3

Tha an tiotal ag innse gur e bruadar a bha aig a' chaillich ach nam biodh tu ag èisteachd ris an òran air a sheinn cha bhiodh fhios agad air an sin chun an deiridh: tha fhios gur e sin a bha am bàrd a' ciallachadh.


Tha an dibhearsain a' tighinn gu mòr às na dealbhan a tha am bàrd a' cruthachadh nar mac-meanmna: a' chailleach a' sabaid ri saighdearan Gearmailteach na còta-bàn; i fhèin 's am bodach às an dèidh le gràp agus speal; i a' cluinntinn ràimh nan Geamrailteach a' dìosgail; a' chailleach a' dèanamh òraid brosnachaidh dhen t-seòrsa bhiodh Churchill a' dèanamh – 'Cha bhi sinn nar trྱ±ôlean/A-chaoidh fo smachd!'; i a' gairm na h-ionnsaigh –'Charge!/Biodh a' bhuaidh againn no 'm bàs'; agus mu dheireadh an t-sabaid – slachdan air ceann, gràp am brù cuideigin, glùin air uchd – gus an dùisg am bodach i às a bruadar.


Tha pàirt den dibhearsain ag èirigh às an rannaigheachd agus an t-seòrsa comhardaidh a tha e a' cleachdadh (le fuaimean cruaidh, goirid): "Tha na Gearmailtich sa bhàgh/Ars an t-seann bhean bhochd/'S bidh iad ann an seo gun dྱ±ô,/Agus bhuail i a h-uchd ... Agus cuiridh sinne blàr/Ris an nàmh a-nochd'.


A-rithist tha MacPhàrlain ag innse sgeulachd sgileil an seo.


Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug

  • Nuair bhiodh òganaich cruinn,
  • ¶Ù³óè²¹²Ô³Ù²¹ ²µ°ùì´Ç²õ²¹³¦³ó ²ú³ó³Ü²Ô³Ùà³Ù':
  • "Siùdaibh, seasaibh," siud chluinnt'
  • "Ach am faic sinn eil àird'
  • A' mhailisidh nis oirnn,
  • 'S gu Fort Dheòrs' thèid ma tha –
  • A mhailisidh an rìgh."
  • Sheòl i, Sìle nan stuagh,
  • 'S mòran sluaigh innt' air bòrd,
  • Cuid gu iasgach na Bruaich
  • 'S tuath gu Sealtainn nan òb;
  • 'S cuid a' falbh, mar mo luaidh,
  • A' chiad uair gu Fort Dheòrs'
  • A mhailisidh an rìgh.
  • Fhuair mi dhealbh an cèis dhùint'
  • 'S chroch sa chùlaist le uaill,
  • Agus litir ag inns,
  • "Tha gach nì dhomh cho nuadh.
  • Moch gar dùsgadh bidh phìob
  • Nuair as fìor throm ar suain
  • Am mailisidh an rìgh.
  • "On tha 'n cosnadh car gann,"
  • Thuirt e rium, "dhomh as fheàrr
  • Ghallaibh dhol nuair bhios m' àm
  • Anns a' champa seo 'n àird,
  • Agus gabhail aig na Goill
  • Na mo chuibhlear am bàt' –
  • Seadh, ma ghabhas iad mi."
  • Bhris an stoirm 's an fhuil dhòirt
  • 'S air an Eòrpa rinn tigh'nn;
  • Tuil fhuil dhearg nam fear òg –
  • Seadh, fir òg nan ciabh mìn;
  • Thraogh is ³Ù³ó°ùྱ²µ³ó chun an fheòir
  • Fuil an cuislean 's an crìdh',
  • Dh'fhuaraich, reoth 's chaill a clì.
  • Cuig' a riamh ghabh mo ghràdh
  • Tastan eàrlais an rìgh?
  • 'S gann gun bhris fo làn-bhlàth
  • 'S bha sa bhlàr na thosd sìnt':
  • Air a' bhuaidh 's daor a phàigh
  • Le fuil bhlàth dhearg a chrìdh' –
  • 'S daor thu, bhuaidh, daor do phrìs.
  • Colla, Fionnlagh is Dòmh'll,
  • Ruairidh òg is Iain Bàn,
  • Aonghas, Ùisdean 's Niall Mòr –
  • Chòrr cha shloinn mi am dhàn:
  • 'N dè nam balachain san dròbh,
  • 'N diugh gun deò anns an àr –
  • O mhailisidh mo chrìdh'!
  • Tha chruach mhònach na luath',
  • Theich am fuachd, thill am blàths;
  • Thill luchd-cutaidh na Bruaich;
  • 'S fhada, buan leam tha 'n °ùྱ³Ù³ó
  • Gheall mo ghràdh bhiodh e bhuam
  • Aig a' chruaich 'n oidhch' a dh'fhàg –
  • O mhailisidh mo chrìdh'!
  • Chaidh na geòidh tarsainn tuath,
  • Thug na geòidh mach an ྱ±ô,
  • Thill gu deas mar as dual,
  • Àrd len ྱ±ô air an sྱ±ô;
  • Ach cha phill e, mo luaidh,
  • Ach nam bhruadar a mhàin –
  • O mhailisidh mo chrìdh'!

Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Am bàrd ag innse mun dàn

'S e an t-ainm a th' air an luinneag a tha seo, Bruadar Cogadh na Caillich. Òran de chailleach t-sìde a' chogaidh a' bruadair gu robh na Gearmailtich air tighinn air tìr, a chum an t-eilean a ghlacadh dhaibh p'fhèin. Agus tha a' chailleach a' bruadair sin agus 's e seo an nì a tha i ag ràdh, anns a' bhruadair...

Murchadh ag aithris Bruadar Cogadh na Caillich...

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Murchadh MacPhàrlain

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.