Tha na facail aig A Mhà iri Bhòidheach 's a Mhà iri Ghaolach rin lorg anns an leabhar Co-chruinneachadh Taoghta de Shaothair nam Bard Gaelach, cruinneachadh de dh'òrain a chuir dà bhrà thair, Alasdair agus Dòmhnall Stiùbhart, an clò ann an Dùn Èideann ann an 1804.
Chan eil mòran fiosrachaidh ri fhaotainn mu na brà ithrean ach tha fios gu robh Alasdair Stiùbhart na mhaighstir-sgoile ann an Uibhist a' Tuath. A rèir coltais rugadh e sa bhliadhna 1764, agus chaochail e sa bhliadhna 1821.
Anns an leabhar tha an t-òran ri lorg fon tiotal "Òran gaoil, le duin' uasal à raid, do Mhaighdinn uasail san Eilean Fhada" ach chan eil guth ga thoirt cò ùghdair an òrain, ged tha fhios gur e Alasdair Stiùbhart a sgrìobh e.
Tha e coltach gur h-i "a' mhaighdeann uasal" Mà iri, nighean leis an Urramach Ailean MacCuithein, a rugadh sa bhliadhna 1742 agus a chaidh a phòsadh mar mhinistear ri coitheanal Uibhist a Tuath sa bhliadhna 1770.
Rugadh Mà iri ann an 1783, agus tha e coltach gun do thuit Alasdair Stiùbhart ann an gaol leatha nuair a bha e ag obair na thaoitear aig an teaghlach. Cha bhiodh i ach beagan is fichead nuair a chaidh an t-òran fhoillseachadh.
Tha Iain MacCoinnich, fear-deasachaidh an leabhair Sà r Obair nam Bà rd Gà idhealach, a' cumail a-mach gun do ghiorraich e beatha Alasdair Stiùbhairt nach d' fhuair e Mà iri. Tha e ag rà dh "His attachment to her preyed so heavily on his mind that he sunk under it and was consigned to a premature grave."
Ach tha teagamh ann gu bheil seo idir fìor.
Ann an cruinneachadh nan Stiùbhartach, tha còrr air sia fichead pìos bà rdachd no òran, air an trusadh à iomadh ceà rnaidh den Ghà idhealtachd. Tha bà ird ainmeil rin lorg ann, leithid Iain Lom, Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh, Sìleas na Ceapaich, Iain Mac Ailein, Am Pìobaire Dall, An Ciaran Mabach, Rob Donn agus Uilleam Ros. Tha dòrlach de dhuain Oiseineach ann agus craiteachan math de dh'òrain gaoil, leithid 'Ho Mo Mhà iri Laghach', Mo Nighean Donn na Buaile, 'Mo Nighean Bhuidhe Bhà n, Nach Falbhadh tu Leam', Mà iri Ghreannar, Fhir a' Bhà ta agus Bidh Fonn Oirre Daonnan.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.