23mh Cèitean 2008, Gerald
Uaireannan, feumaidh còmhradh doirbh a bhith agad. Tha e nas fhasa an seachnadh ach tha mi air ionnsachadh gu bheil e tòrr nas fheà rr a dhèanamh agus fhaighinn a-mach às an rathad.


Bha fear de na chòmhraidhean sin againn an-diugh. Bha a h-uile duine sgìth as dèidh tòiseachadh trà th dhà no thrì laithean sreath a chèile agus bha faireachdainn neònach ann. Mar sin, ro dheireadh an latha, bhruidhinn mi-fhìn agus Maria ris a' chriutha. Dh' inns sinn dhaibh cho math 's a bha e a' còrdadh rinn a bhith ag obair an seo agus cho toilichte 's a bha sinn le an cuid-obrach ach gu robh sinn a' faighinn cùisean rudeigin doirbh.
Às dèidh còmhradh a bha rudeigin mì-chofurtail, tha mi an dòchas gu bheil tuigse nas fheà rr againn de chèile a-nis. Chì sinn a-mà ireach, an dà rna latha againn a' filmeadh còmhla ris an teaghlach.
23mh Cèitean 2008, Maria

An-diugh, cha mhòr nach robh faileasan sa h-uile dealbh a dh' fheuch sinn ri thogail. Nuair a tha uinneag no sgà than faisg air a' chamara, feumaidh tu dèanamh cinnteach nach fhaic duine d' fhaileas annta san film.
Bha sinn a' filmeadh air beulaibh preasan cidsin glainne, dorsan meatailt, ballachan glainne taobh a-staigh lioft, taobh a-staigh carbaid agus flat le uinneagan mòra. Bha iad sin gu sònraichte duilich nuair a dh' fhàs e dorch.
A bharrachd air a bhith a' gluasad a' chamara, no a' cur nan solas air/dheth airson faighinn seachad air trioblaidhean mar seo, uaireannan nì e a' chùis na cùirtearan a dhùnadh.
23mh Cèitean 2008, Alasdair
Seo a' chiad bhidio bho Alasdair is e air Beijing a ruighinn.

To play this video you require Flash. .
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Daoine le diofar dhreuchdan m.e. luchd-camara, luchd-fuaim agus luchd-solais a tha a' tighinn còmhla ri sgioba riochdachaidh gus filmeadh a dhèanamh.
Ri fhaicinn nuair a tha a' ghrian a' deà rrsadh air rud gleansach.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.