|
Ěý
le Nan S. Nicleoìd
'S e do ghnè, a chogaidh, bhith sgrios,
'S b'e sin do ghnè o thùs.
Seo an tuigse a fhuair Murchadh MacPhĂ rlain, BĂ rd Mhealaboist (1901
- 1982) air cogaidh tro fèin-fhiosrachaidh. Bha Murchadh beò tron
Chiad Chogadh Mòr; sgrìobh e "Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug",
òran anns a bheil e toirt dhuinn eachdraidh dòigh beatha òigridh a'
bhaile ro thoiseach a' chogaidh agus mar a chaidh "fuil dhearg nam
fir-òg" -- 's e gan ainmeachadh gu grà dhach -- a dhòrtadh anns an
sgrios oillteil sin (1914 - 1918). Agus mar gum biodh e airson gun
drùidheadh òirnn nach eil droch bhuaidh cogaidh seachad ged a
bhiodh sìth air a h-èigheachd, sgrìobh Murchadh "Raoir Reubadh an
'Iolaire'". Gheibhte tuilleadh de bheachdan Mhurchaidh air cogadh
anns an leabhar aige An Toinneamh Dìomhair.
Far an robh èiginn call fhir-grà idh cha sheachnadh am bà rd -- no
a' bhana-bhà rd -- Gà idhlig fìor chrà dh na dòrainne innse;
chòmhdaichear sin ann am facail chruaidh ghuineach. 'S e crè fhuair
air "rè a' bhlà ir" na tha air fhà gail de dh'Iain Ruadh anns an
Tuireadh a tha air ainmeachadh air. Tha a' bheatha aoibhneach le
"sìoda 's sròl", le "mìre 's blasad beòil" a bha Iain Ruadh air a
ghealltainn dhi air a dhubhadh Ă s; chan eil roimpe a-nis ach
saoghal gun "ghrian san speur" agus i dìth mùirn a clèibh.
Buileach teann goirseachail tha an gaoir ann an "Griogal Cridhe" --
"Do cheann air stob darraich" -- tha an cìocras a tha ga stialladh
nuair a dh' òladh i fhuil gus an leanadh an t-sùgh bheathail
aigesan beò na cuislean fhèin.
'S i Cairistiona NicFheargais (fl. 1750) tè eile a lèir
cogadh. Na h-òran "Mo Rùn Geal Òg" tha i a' sgaoileadh a-mach fa
ar comhair meudachd a bròin; às eugmhais a' ghaisgich eireachdail
-- adhbhar farmaid do mhnathan na dĂąthcha -- 's ann ionranach a tha
i. Bha a grĂ dh dha cho lĂ idir 's gum briseadh i lagh, moralta no
sìobhalta, air a sgà th. Agus dè th' aice an-diugh dhan cholainn a
bha a' cumail blà ths is tèarainteachd rithe? Aon lèine lom.
Tha lomnochd nan triĂąir bhoireannach seo soilleir anns na
tuiridhean; chan eil fear an grĂ idh tuilleadh rin guaillean, ach 's
ann bho Chairistiona NicFhearghais le na facail
Bha do shlios mar an eala
'S blas na meal' air do phògan;
a tha sinn a' faighinn lideadh -- ach nach eil seo gu ìre, beag no
mòr, a' ruith tro gach tuireadh? Gu bheil, 's gum bi iarrtasan
nĂ darra am bodhaig tuilleadh gun shĂ sachadh. Beatha sheasg: "'S
daor thu, bhuaidh, daor do phrìs".
'S e Cairistiona NicFheargais cuideach a tha a' toirt dhuinn prìomh
adhbhar call a chèile -- cùis nan Stiùbhartach, gu sònraichte
TeĂ rlach Ă’g StiĂąbhart. Ach
Cò nis thogas an claidheamh
No nì chathair a lìonadh?
'S gann gur e tha air m' aire
O nach maireann mo chiad ghrĂ dh;
Ach ciamar gheibhinn om nĂ dar
A bhith 'g Ă icheadh nas miann leam
Is mo thogradh cho lĂ idir
Thoirt gu à ite mo rìgh math?
A dh'aindeoin a call cha chuir i cĂąl ri cĂąis a' Phrionnsa.
'S ann le buile ait aighearach a tha Alasdair Mac Mhaighstir
Alasdair (c. 1698 - 1770) a' cur fĂ ilte air tighinn a'
Phrionnsa "Mac an Rìgh dhlighich":
O, hì-rì-rì tha e tighinn
O, hì-rì-rì, an Rìgh tha uainn.
Agus tha e a' leantainn ann an spiorad brosnachaidh gus an cuir
"ar n-Ă rdan 's ar n' aigne... a' phrasgan gu ruaig".
Eadhon as dèidh Blà r Chùil Lodair (far na thuit cèile
Cairistiona NicFheargais) 's e glè bheag dhan tùrsa a mhùch a'
Ghaidhealtachd a tha faighinn à ite na òrain. 'S ann a tha e a'
moladh "TeĂ rlach, mac Sheumais, mac TheĂ rlaich" mar fhear a tha cho
dlĂąth dhuinn, cho cĂ irdeil rinn, 's nach urrainn dhuinn ach taic a
thoirt dha mar mhac ar Rìgh dhlighich.
'S e cheist, ge-tĂ , na lean TeĂ rlach cho taiceil dhaibhsan a
chaill gach nì a bh'aca air a sgà th, is e beò anns an Eadailt gu
1788. Cuideachd, fhuair an Kaiser, prìomh adhbhar an dòrtadh fala
a bha anns an Roinn Eòrpa anns a' chiad Chogadh Mhòr, beatha fhada
anns an Òlaind gu 1941. Cò bheireadh creideas dhaibhsan a tha gar
brosnachadh gu sabaid nuair a chì sinn na tha eachdraidh a'
teagaisg dhuinn?
A rèir an Urr. Iain Mhicleòid (1918 - 1995), anns an òran aige "Nam Aonar le mo Smuaintean" chan eil e a' coimhead gu bheil mac an duine air cà il fhoghlam o theagaisg ar n-eachdraidh.
Ma chlaoidh sinne nĂ mhaid
'N-drà sta faic prìs buaidh
Cridhe mĂ thar crĂ idhte
'S na gillean 's an uaigh
Cha dèan cliù no onair
Treabhadh dhuinn no buain
Cianail falamh sìth a' bhà is
Cha till na fir chaidh uainn.
Dè a-rèiste an adhbhar a dh'fhà g ar mic agus ar nigheanan cho
deònach togail orra an aghaidh na nà mhaid?
'S maithead gu faigh sinn beagan freagairt anns an òran a sgrìobh
Iain Caimbeul Ă s an Leideig (1823 - 1897) as leth leannain
shaighdeir Ghaidhealaich a chaidh air adhart dhan chath ann an
cogadh a' Pheninsula (1808 - 1814) ged a bha air a dhèanamh soilleir
dha gur ann an coinneamh a' bhĂ is a bha e a' dol.
Tha dĂąbhlan anns a' bhrag leis a bheil na facail a' bualadh air a'
chluais:
Togaibh a' bhratach, a chlanna mo shluaigh-sa,
Togaibh le caithreim i, togaibh le buaidh i;
Tha pròis agus spionnadh anns an ìomhaigh a tha e a' toirt dhuinn
dha na gillean:
Nuair chìte air faiche iad len deiseachan uaine
A' siubhal an rathaid 's a phìoba toirt fuaim dhaibh --
Ri aodann a' chatha is rudhadh nan gruaidhean -
O cĂ bheil an cridhe nach tiomadh san uair ud?
Nach bu chòir dhuinn moit a bhith òirnn leotha, "fìor
luch-fine nam fuar-bheann" a bha cho seasmhach nan spiorad agus
"nach pilleadh ron fhuathas"? Agus brosnachadh dha-rìribh
aig Caimbeul nuair a chanas e gur e ar dìleab mar Ghaidheil:
B' i dìleab ur sinnsir an fhìor fhuil gun truailleadh,
A chumadh an-Ă ird sinn 's gach cĂ s agus cruadal.
Siud an fhuil GhĂ idhealach bha ceannsgalach, buadhmhor,
Luchd-caitheimh an fhèilidh is breacan na guaille;
Cha teicheadh ron nĂ mhaid 's chan fhaicte san ruaig iad,
'S bu lĂ idire dh'fhĂ sadh mar b'Ă irde an cruaidh-chĂ s.
Òran brosnachaidh. Cò nach iarradh a bhith air a mheas mar oighre
dhligheach air an fhìor-fhuil ghaisgeil ud? No òran meallaidh. Co
mheud neach a chaidh fhĂ gail -- gu litireil no gu samhlachail:
aig bruaidh do lice
a' bualadh mo dhĂ lĂ imh.
'S e do ghnè, a chogaidh bhith sgrios
'S b'e sin do ghnè o thùs.
|