|
'S ioma Gaidheal, thar nam bliadhnaichean, a fhuair
cosnadh agus bith-beò le bhi a' fà gail an dachaigh airson a dhol gu muir
anns a' chabhlach mharsanta.
Agus 's ioma òran
a sgrìobh iad mu dhèidhinn am beatha, cuid dhiubh rin cluinntinn gu tric chun an lĂ
an-diugh -- leithid "Òran a' Chiaora", "A Pheigi a Ghrà idh" is "Chi Mi 'n Tìr".
Tha a mhòr chuid dhe na h-òrain seo a-mach air dòigh-beatha nan seòladairean. Mar a
tha Murchadh Moireasdan ag rĂ dh ann an "Ă’ran a' Chiaora":
Nuair a chaidh sinn uile air bòrd innte
Cha do chòrd i idir rinn;
Cha robh cùisean idir dòigheil
Oir bha 'm bòsan air an drà m;
No air an cianalas a bha iad a' faireachdainn ann am meadhan nan tonnan -- leithid
Frulaic ann an "Ă’ran a Phort Hardy" 's e ag rĂ dh:
Is truagh nach robh m' astar gu acarsaid m' òig,
Ach an lìbhriginn an carago air trà igh a' mhoil mhòir,
Far 'eil rìbhinnean à lainn le Gà idhlig gu leòr,
'S a dhèanadh le aoibhneas dhuinn faighneachd ar beò.
Ach tha aon òran ann a tha a' dèanamh aithris air tachartas: rèis cho ainmeil 's a th' againn ann
an saoghail bhà taichean-siùil. 'S e ainm an òrain "Deoch Slà inte nan Gillean" no "An
Ariel Bhoidheach".
Tha e ag innse mar a sheòl mu dhusan bà ta (Tea Clippers) a-mach à Abhainn
Mhin ann an Sìna, nam measg an Ariel agus an Taeping air madainn Chèitean
sa bhliadhna 1866. B'e Iain Keay caiptean an Ariel agus b' e Dòmhnall
MacFhionghainn Ă Tiriodh caiptean an Taeping. 'S e Iain MacFhionghainn,
saor an Taeping, a' rinn an òran, 's tha e a' toirt fìor bhlas air cho
brèagha 's a bha na bà taichean èasgaidh seo:
Nuair thogadh tu h-aodach am bĂ rr a cruinn chaola,
'S i shnĂ mhadh gu h-aotrom mar fhaoileag nan tonn;
Gaoth tuath 's i 'na frasan mar luaidhe ga sadadh,
Is fuaim aig a darach 'n Ă m sgapadh nan tonn.
As dèidh dhaibh an loidhne a ruigsinn bha e soilleir gu robh an rèis eadar an Ariel
an Taeping. Agus sin mar a thachair: bha an Ariel aig Gravesend beagan air thòiseach
air an Taeping, ach fhuair an Taeping tug b' fheà rr agus rà inig i na docks dìreach
fichead mionaid roimh an Ariel.
'S e sgeul iongantach a th' ann: dà bhà ta a dh'fhà g Sìna air an aon
muir-là n, 's a rà inig Lunnain -- às dèidh a bhi seòladh airson
ceithir fichead 's a naoi deug lĂ -- le beagan mhionaidean eatorra.
Ged a bhuannaich an Taeping, bha an dà bhà ta cho faisg air a chèile 's gun d' tug
MacFhionghainn leth an airgid a fhuair e mar dhuais gu Keay, caiptean an Ariel. Gun
teagamh, bha seòladairean ag rà dh aig an à m gur e an Ariel am bà ta a b' fheà rr, ach gu
robh an caiptean a b' fheĂ rr aig an Taeping: tha e air aithris nach deach
MacFhionghainn sìos gu h-ìosal ach glè ainneamh fhad 's a bha an rèis a' dol air
adhart is dragh air nach biodh na seòladairean eile a' cumail gu leòr siùil a
n-Ă irde!
Gheibhear tuilleadh fiosrachadh air "Deoch SlĂ inte nan Gillean" agus
na Tea Clippers anns na leabhraichean seo:
- Caran an t-Saoghail le D. E. Meek (ed.), Birlinn 2003.
- The China Clippers le Basil Lubbock, James Brown & Son 1925 (Sixth Edition).
- The Tea Clippers le David R. MacGregor, Percival Marshall & Co. 1952.
|