|
le Mark Wringe
Tha orà in a bhuineas do dh'à ite air leth, agus a sheasas mar chomharra-pròis do
mhuinntir na sgìre sin, rin cluinntinn anns a h-uile cà nan agus ann an iomadh nòs
ciùil. Bidh feadhainn dhiubh air bilean dhaoine - agus a' togail an sunnd - ged nach
robh iad riamh san à ite a tha iad a' moladh. (Cò nach cuala an t-òranaiche a dh'fhà g
a chridhe air bruthach ann an San Francisco?)
Ach 's iongantach ma tha mòran cheà rnaidhean san t-saoghal Eòrpach anns a bheil
òrain dùthcha cho buileach pailt 's a tha iad am measg nan Gaidheal. A bheil
dùthchas Gaidheil - baile, monadh no gleann - eadar Beinn Dòbhrain, Blascaod Mór na
h-Èireann, agus Baddeck ann an Canada, eadar 's gu bheil sluagh fhathast ann gus nach
eil, nach deach a chuimhneachadh le gaol ann an òran Gà idhlig? "Bidh mo dhùthaich
ri tighinn air m'aire".
'S dòcha gun e imrich a bhrosnaich an dualchas à raid seo. Gun teagamh, 's e an
ionndrainn cuspair iomadach òran. Agus 's e 'òrain cianalais' a chanadh mòran ris a'
ghnè bà rdachd seo.
Gun teagamh 's e sin a bh' air Donnchadh BÃ n 's e a' cuimhneachadh Coire
Cheathaich:
'S duilich leam an cà radh th' air Coire gorm an fhà saich,
san robh mi greis dhe m' à rach 'sa Bhrà ighe seo thall...
Buailidh cianalas air Leòdhasach sam bith a thogas fonn ri "Eilean beag donn a'
chuain", agus tha cianalas Iain Mhic Mhurchaidh air a dhùblachadh do dhuine sam bith
a shiubhlas tro Ghleann Seile agus a smaoinicheas air na briathran aige:
Thoir mi shoraidh le dùrachd
gu Torr Loighsich nan smeòraichean
's gun ann an diugh ach tobhta aon taigh a' crìonadh bliadhna an dèidh bliadhna.
Ach chan eil a h-uile òran gaol-dùthcha tiamhaidh. Bha Alasdair Mac na Ceà rdadh,
à Tiriodh, a' fuireach ann an Glaschu agus brà thair aige air aineoil air taobh thall
a' Chuain Siar, ach 's e toileachas, chan e cianalas a th'air an seo:
'S tu 'n tìr ìosal lurach thogas uil' ar sunnd
Ged is fheudar fuireach ann am baile dubh na smùid
No ann an òran eile leis:
Am falbh thu leam, a rìbhinn òg?
No 'n tèid thu leam thar sà ile?
Gum faic thu ann gach nì gu d' mhiann
'San eilein shiar a dh' fhà g mi.
Chì thu Cola, Muile 's I,
Eige, 's Rùm nan à rd-bheann;
Tha cluaintean uaine sona sìnt'
an sìth mu Theampall Phà raig.
An dèidh sin 's na dhà dhèidh, tha gaol na dùthcha ann an dualchas nan Gaidheal na
ghaol pearsanta, air a fhreumachadh ann am muinntir an à ite, 's chan ann ann an
dreach an fhearainn. Air an dòigh sin, 's e òran gaol-dùthcha, cheart cho math ri
cumha do bhean a tha san òran drùidhteach Gaol na h-òige aig Uilleam Mac Coinnich,
bà rd Chnoc Chusbaig. Chan e bhith ag ionndrainn cumaidhean fearann an Rubha a bhios
goirt dha, ach a bhith fà gail companach a bheatha ann an ùir Bhrà igh na h-Aoidh, 's
gun dòigh aige air a bhith ga tadhal.
Cha d' smaoinich sinn riamh 's i beò
gum biodh cuan mòr gar dealachadh -
Gum biodh i adhlaicte air an Aoidh
Is mis' fo chraoibh an Canada
Ged nach robh sinn riamh ann, tuigidh sinn an t-òran, is cuimhnichidh sinn. Gu
dearbha, tha cliù iomadh à ite far nach eil sluagh a' còmhnaidh an diugh, no far nach
cluinnear GÃ idhlig tuilleadh, air a chumail suas le seinneadairean is
luchd-èisteachd. Ach mar a shìolas a' Ghà idhlig à s, ciamar a bhios òrain aig à r
dùthaich?
|