|
leis an t-Ollamh Urr. Ruairidh MacLeòid
Anns na h-eaglaisean Clèireachail air a' Ghà idhealtachd 's e sailm Dhaibhidh a
bhios air an seinn anns a' bhitheantas ann an adhradh follaiseach ann an GĂ idhlig.
Ach anns na dachaighean bidh laoidhean air an seinn ann an coinneamhan-taighe, dĂ in a
thà inig thugainn o na linntean a dh'fhalbh, agus cuid eile a chuireadh ri chèile anns
an latha againn fhèin.
Tha beartas de bhĂ rdachd spioradail anns a' GhĂ idhlig, anns an Eaglais Chaitligich
agus gu seachd à raidh anns na h-eaglaisean Pròsdanach. Rinneadh cuid de na dà in sin
ann an ceà rnaidhean mu thuath, leithid siorrachd Pheairt Shrath Spè far nach
cluinnear mòran Gà idhlig an-diugh. Bha bà ird spioradail ann a bha ceangailte ri
eileanan beaga far an robh dualchas nan GĂ idheal beothail - Maighistir Ailean ann an
Eirisgeigh, Murchadh MacLeòid ann an Sgalpaigh, Lachlainn MacFhionghain ann am
BeĂ rnaraigh na Hearadh, - agus chan eil an sin ach triĂąir.
Mar a tha fìor mu bhà rdachd Ghà idhlig anns an fharsaingeachd, tha bà ird spioradail
ann a choisinn à rd-chliù am measg an t-sluaigh - na h-ainmean mòra leithid Dhùghaill
Bhochanain anns an ochdamh linn deug no Gobha na Hearadh anns an naodhamh linn deug.
Tha e 'na dhearbhadh air cho dèidheil agus a bha na Gà idheil anns gach eaglais air
na laoidhean aig a' mhinistear Bhaisteach, PĂ draig Grannd, gun deachaidh an leabhar
aige a chur an clò as-ùr còrr is fichead turas. Bha Pà draig air a dhùsgadh gu
spioradail tron bhĂ rdachd aig DĂąghall Bochanan. Coltach ris na laoidhean aig
Murchadh a' Cheisteir air a bheil GĂ idheil fhathast cho measail, tha na faclan aig a'
Ghranndach siùbhlach sìmplidh, air fuinn air a bheil an sluagh eòlach.
Ged nach cluinnear na seann laoidhean air an seinn cho tric an-diugh - ma
dh'fhaoite gu robh cuid dhiubh car fada agus domhainn - bidh sreathan as na dĂ in sin
gan togail bho Ă m gu Ă m ann an searmoinean, ann an coinneamhan-Ăąrnaigh, agus air
Latha na Ceist aig Ă m Comanachaidh. Chuir DĂąghall Bochanan ann an dĂ shreath na
lìonadh iomadh searmon ann an cùbaid ann a bhith a' mìneachadh diamhaireachd teachd
Chrìosd a dh'ionnsaigh an t-saoghail --
'S e 'n t-iongantas bu mhìorbhailich' chaidh innse riamh do shluagh
An Dia a bha ann o shìorraidheachd bhith fàs 'na chìochran truagh.
Cha b'urrainn teagasg Phòil mu bhunait ar teà rnadh a bhith air a chur ann am
briathran nas brìoghmhoire na an fheadhainn a chleachd Dòmhnallach na Tòiseachd,
searmonaiche foghainteach agus bĂ rd comasach --
Na rinn 's na dh'fhuiling SlĂ naighear mar sin an Ă it' a shluaigh,
'S e siud as barant dòchais dhaibh 's chan e gach gràs a fhuair.
Ged a tha laoidhean Nollaig cumanta anns gach cĂ nan, tha e iongantach cho beag
agus a tha againn de laoidhean ann an Gà idhlig mu bhreith Chrìosd. Ged a chaidh
Leanabh an Aigh a chur ri chèile le boireannach Baisteach agus Tà ladh Chrìosda le
sagart Caitligeach, tha iad air an seinn le GĂ idheil a bhuineas do gach eaglais.
Bidh na faclan aig Leanabh an Aigh ann an GĂ idhlig agus ann am Beurla anns an
Laoidheadair Ăąr a tha Eaglais na h-Alba a' foillseachadh air an t-samhradh seo. Ach
tha saoghal-brĂ th de dhĂ in spioradail againn a tha ag innse mu fhulangas agus mu bhĂ s
Iosa. Cluinnear gu tric briathran PhĂ draig Ghrannd --
'S ann tha 'n èifeachd am fuil an Uain
A chum ar n-euceartan a ghlanadh bhuainn.
Anns na sailm tha faireachaidhean de gach seòrsa a' tighinn o chridhe Dhaibhidh.
Tha sin fìor cuideachd mu na laoidhean Gà idhlig. Gheibhear annta aoibhneas agus
bròn, soirbheachadh agus mealladh-dùil, ionndrain agus co-chomann, an dòchas agus na
duilgheadasan a tha aig a' chreidmeach. Tha na bĂ ird a' moladh obair a'
chruthachaidh agus obair an teà rnaidh. Chìthear an dà imh phearsanta a bha aig a'
bhĂ rd no aig a' bhana-bhĂ rd ri Dia agus mar a bha iad airson daoine eile a theagasg
agus a tharraing gu Crìosd. Chaidh mòran de na laoidhean Beurla eadar-theangachadh
le bà ird Ghà idhlig, agus sin le alt agus sgil, le Iain MacLeòid agus Ruairidh
Dòmhnallach agus iomadh neach eile. Ach tha brìgh agus susbaint anns na dà in
spioradail a chaidh a chur ri chèile air tùs anns a' Ghà idhlig nach lorgar gu brà th
ann an eadar-theagachadh.
|