
A' Fà gail na Caradh air Madainn Dimà irt -
le Fionnlagh Moireasdan,
air a sheinn le Dòmhnall A MacIllinnein
A' fà gail na Caradh air madainn Dimà irt,
Mo shùil air an drochaid an Ob Ceann a' Bhà igh,
Ach am faicinn-sa sealladh air leannan mo ghrà idh,
'S gun neach air an talamh an-diugh leam nas fheà rr.
An à m fà gail a' chidhe bha m' aigne fo leòn,
'S mi faicinn clann-nighean a' sileadh nan deòir,
'S an smuain dol trom chridhe, cha bhiodh tilleadh gu leòr,
Saoil nach coinnich sinn tuilleadh sa linne seo beò.
Bha an Caol aic' ga ghearradh mar eal' air an t-snà imh,
'S air gach cnoc ghabh i seachad bha caileagan òg,
A' smèideadh le dùrachd, luchd an gaoil innte air bòrd,
A' falbh dhan a' chogadh a dhìon na Roinn Eòrp'.
O cha b'urrainn dhuinn diùltadh air cunntas an Rìgh
Ach b'fheudar dhuinn tionndadh gus gach cùis chun gu sìth
Nam biodh fios aig an dùthaich a' chuid dhinn nach till
Bhiodh faoileag na mara a' cromadh a cinn.
'S nuair a dh'fhà g i gach sròn agus òb
bh' anns a' chaol,
Cha d' dh'innis mi do dhuine mar a shil mo shùil,
Nach fhaicinn an dachaigh san robh thusa rùin,
'S na cnuic bhuam ga fhalach air madainn latha ciùin.
'S e dh'fhà g mi cho duilich is buileach fo leòn,
Gu bheil tè san eilean gan tug mi mo bhòid,
'S mur toir i dhomh gealladh gu faigh mi oirr' còir,
Chan fhaic sibh mi tuilleadh ann an Scalpaigh rim bheò.
Ach thug mi dhith gealladh nach aithris mi 'n-drà st',
'S an fhà inne le daoimein a' cur seula air gu brà th,
Ma gheibh mise dhachaigh is cùisean mar bha,
Le òrdugh na clèir gun tèid soighne air le dhà .
Soraidh slà n leat a rìbhinn seo cinnteach mo là mh,
Tha mise ri falbh air an fhairge nach trà igh,
'S ge b' e à ite 's an gluais mi ann an cruas air no cà s
'S ann ort fhèin bhios mo smuaintean gus an dual dhomh am bà s.

