Nochd
gur Luaineach mo Chadal
le Iain MacNeacail,
air a sheinn leis fhèin
Nochd gur luaineach mo chadal,
fliuch fuar tha mo leabaidh,
's mi nam shìneadh
gun fasgadh
air achadh na Fraing.
Gach cunnart is gà bhadh
's a bheil mi a' tà rsainn
bidh nam chuimhne gu brà th
fad bhios tà lant
nam cheann.
Mìle mallachd don Ghearmailt
dhùisg
an cogadh le farmad,
nach tèid leinn air dearmad
gun bhith searbh
dhaibh da rèir
son na mìltean a mharbhadh
de ar n-òigridh
bu chalma,
's bailtean mòra bha dealbhach
chaidh a spealgadh à s
a chèil'.
'S ann a thòisich còmhraig
ag iarraidh gu Pòland
'n dùil gu faigheadh iad còir
na Roinn Eòrpa gu lèir.
'S gach rìoghachd nan crìochan
gun tug iad gu strìochdadh,
cur dhaoin' ann an iarainn
's gam pianadh
gu geur.
Gu bheil innealan sgriosail
tigh'nn sna speuran
gun fhios òirnn
air an talamh toirt clisgeadh
's a' bristeadh o
chèil'.
Longaibh adhair mar dhruidean
feadh na h-iarmailt air uidil,
's gu bheil deatach bho ghunna
cur dubhar air grèin.
Ach
bròn de gach sealladh
faicinn òigridh ga sgathadh,
's iad
leònt' air gach machair
a' sileadh fon creuchd.
Na raointean tha dathte
le fuil chraobhach nan gaisgeach
nach tilleadh le athadh
ach
chaidh gaisgeil san t-sreup.
Gu bheil mòran rinn falbh
dhiubh
à Gaidhealtachd na h-Alba;
b'iad taghadh ar n-armailt
's a dhearbh e nan euchd.
Ar nà mhaidean bu gharga
gun chuir iad
gu farbhas;
chaidh an sgapadh mar mheanbh-sprèidh
feadh gharbhlach
an t-slèibh'.
Ach thoir beannachd gum mhà thair
's do luchd-èolais 's dom chà irdean,
's dèan inns' dhaibh
gur slà n mi
ged is à nrach mo cheum,
gun till mi rithist
sà bhailt'
nuair thèid crìoch air na blà ran,
's a bhios sìth dhuinn air fhà gail
's do gach à l thig
nar dèidh.

